FaclairDictionary EnglishGàidhlig

992: ‘Cathair’ (2) 992: ‘Cathair’ (2)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

‘Cathair’ (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi a’ bruidhinn anns an Litir mu dheireadh mun fhacal cathair. Tha e a’ nochdadh ann an ainmean-àite air a’ Ghàidhealtachd. Uaireannan, tha e a’ seasamh airson ‘chair’ no ‘seat’. Ann an meadhan Earra-Ghàidheal, tha Cathair Dhonncha Dhuibh tuath air an Fhùirneis. Tha an t-Suirbhidh Òrdanais ag ràdh gur e ‘rude seat’ a tha ann. Bha a’ chathair air a cruthachadh le fear Donncha Dubh. Bha Donncha na chìobair.

Ann an Àird nam Murchan, tha druim air a bheil Cathair Mhic Dhiarmaid. Tha sin a’ ciallachadh MacDiarmad’s seat or stronghold. Ach cò bha anns an duine sin? Chan eil mi cinnteach.

Tha am facal sìthean cumanta air feadh na Gàidhealtachd. Tha e aithnichte mar àite far am biodh sìthichean a’ fuireach. Ach, air taobh an iar Siorrachd Rois, nochdaidh cathair airson an dearbh rud. Ma bheir sibh sùil air mapa de sgìre Gheàrrloch, chì sibh Portaigil no Port Henderson. Deas air a’ bhaile, tha A’ Chathair Dhubh ‘the black fairy knoll’.

Cuideachd ann an Ros an Iar, faisg air An Leathad, tha loch ann air a bheil Loch na Cathrach Duibhe. Tha sin a’ ciallachadh ‘the loch of the black fairy knoll’.

Tha am facal cathair, mar as trice, boireanta. Ach bidh e a’ nochdadh an siud ’s an seo mar fhacal fireanta. Tha eisimpleir ann an Ros an Ear, faisg air Baile Dhubhthaich. ’S e sin Cnoc an Dubh Chathair. Tha an t-ainm a’ ciallachadh ‘the hill of the black chair’.

Ma chì sibh am facal cathair air mapaichean na Gàidhealtachd, dèanaibh cinnteach nach eil stràc air a’ chiad ‘a’. Ma tha stràc ann, tha facal eadar-dhealaichte agaibh. ’S e sin càthar, le ‘-ar’ aig an deireadh. Tha e a’ ciallachadh ‘boggy place’. Càthar. Bidh e a’ nochdadh anns an tuiseal ghinideach – the genitive case – le ‘-air’ aig an deireadh. Tha eisimpleir ann an ainm-àite ann an Gleann Moireasdain – Druim a’ Chàthair. Tha sin a’ ciallachadh ‘the ridge by the boggy ground’. Tha a’ chiad ‘a’ fada agus tha am facal fireanta. Druim a’ Chàthair.

Cathair agus càthar. Tha na stràcan cudromach ann an Gàidhlig, nach eil?

‘Cathair’ (2)

English Beurla

I was speaking in the last Litir about the word cathair. It appears in place names in the Highlands. Sometimes it stands for ‘chair’ or ‘seat’. In Mid-Argyll there is Cathair Dhonncha Dhuibh [‘black-haired Duncan’s seat’] north of Furnace. The Ordnance Survey says that it is a ‘rude seat’ The seat was created by a certain black-haired Duncan. Duncan was a shepherd.

In Ardnamurchan there is a ridge called Cathair Mhic Dhiarmaid. That means ‘MacDiarmad’s seat or stronghold’. But who was that man? I’m not sure.

The wòrd sìthean is common throughout the Highlands. It is recognised as a place where fairies would be living. But in Wester Ross, cathair appears for exactly the same thing. If you look at a map of the Gairloch area, you’ll see Portaigil or Port Henderson. South of the village, there is A’ Chathair Dhubh ‘the black fairy knoll’.

Also in Wester Ross, near Laide, there is a loch called Loch na Cathrach Duibhe. That means ‘the loch of the black fairy knoll’.

The word cathair is usually feminine. But it appears here and there as a masculine word. There is an example in Easter Ross, near Tain. That is Cnoc an Dubh Chathair. The name means ‘the hill of the black chair’.

If you see the word cathair on maps of the Highlands, make sure there is no accent on the first ‘a’. If there is an accent, you have a different word. That is càthar, with ‘-ar’ at the end. It means ‘boggy place’. Càthar. It appears in the genitive case with ‘-air’ at the end. There is an example in a place name in Glenmoriston – Druim a’ Chàthair. That means ‘the ridge by the boggy ground’. The first ‘a’ is long and the word is masculine. Druim a’ Chàthair.

Cathair and càthar. The accents are important in Gaelic, aren’t they?

‘Cathair’ (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi a’ bruidhinn anns an Litir mu dheireadh mun fhacal cathair. Tha e a’ nochdadh ann an ainmean-àite air a’ Ghàidhealtachd. Uaireannan, tha e a’ seasamh airson ‘chair’ no ‘seat’. Ann an meadhan Earra-Ghàidheal, tha Cathair Dhonncha Dhuibh tuath air an Fhùirneis. Tha an t-Suirbhidh Òrdanais ag ràdh gur e ‘rude seat’ a tha ann. Bha a’ chathair air a cruthachadh le fear Donncha Dubh. Bha Donncha na chìobair.

Ann an Àird nam Murchan, tha druim air a bheil Cathair Mhic Dhiarmaid. Tha sin a’ ciallachadh MacDiarmad’s seat or stronghold. Ach cò bha anns an duine sin? Chan eil mi cinnteach.

Tha am facal sìthean cumanta air feadh na Gàidhealtachd. Tha e aithnichte mar àite far am biodh sìthichean a’ fuireach. Ach, air taobh an iar Siorrachd Rois, nochdaidh cathair airson an dearbh rud. Ma bheir sibh sùil air mapa de sgìre Gheàrrloch, chì sibh Portaigil no Port Henderson. Deas air a’ bhaile, tha A’ Chathair Dhubh ‘the black fairy knoll’.

Cuideachd ann an Ros an Iar, faisg air An Leathad, tha loch ann air a bheil Loch na Cathrach Duibhe. Tha sin a’ ciallachadh ‘the loch of the black fairy knoll’.

Tha am facal cathair, mar as trice, boireanta. Ach bidh e a’ nochdadh an siud ’s an seo mar fhacal fireanta. Tha eisimpleir ann an Ros an Ear, faisg air Baile Dhubhthaich. ’S e sin Cnoc an Dubh Chathair. Tha an t-ainm a’ ciallachadh ‘the hill of the black chair’.

Ma chì sibh am facal cathair air mapaichean na Gàidhealtachd, dèanaibh cinnteach nach eil stràc air a’ chiad ‘a’. Ma tha stràc ann, tha facal eadar-dhealaichte agaibh. ’S e sin càthar, le ‘-ar’ aig an deireadh. Tha e a’ ciallachadh ‘boggy place’. Càthar. Bidh e a’ nochdadh anns an tuiseal ghinideach – the genitive case – le ‘-air’ aig an deireadh. Tha eisimpleir ann an ainm-àite ann an Gleann Moireasdain – Druim a’ Chàthair. Tha sin a’ ciallachadh ‘the ridge by the boggy ground’. Tha a’ chiad ‘a’ fada agus tha am facal fireanta. Druim a’ Chàthair.

Cathair agus càthar. Tha na stràcan cudromach ann an Gàidhlig, nach eil?

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1296

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile