FaclairDictionary EnglishGàidhlig

505: Pàirc an Ròid

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Pàirc an Ròid

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ann an Dùn Èideann o chionn ghoirid agus aon mhadainn chaidh mi air chuairt ann am Pàirc an Ròid, no Holyrood Park. Tha sin faisg air Taigh na Pàrlamaid agus Lùchairt an Ròid no Holyrood Palace – dachaigh oifigeil na Banrigh ann an Alba. Bidh mòran a tha ag èisteachd ris an Litir seo eòlach air a’ phàirc. Bidh na mìltean mòra a’ tadhal oirre gach bliadhna, an dà chuid muinntir Dhùn Èideann agus luchd-turais.

Ann am meadhan na pàirce, tha cnoc ainmeil air a bheil Suidhe Artair. Uill, ’s e sin a’ Ghàidhlig a tha mi a’ dol a chur air. ’S e Arthur’s Seat a th’ air ann am Beurla. Chan eil mi buileach cinnteach dè cho fìor ’s a tha an ceangal a thathar a’ dèanamh eadar an cnoc agus Artair, seann rìgh nam Breatannach. ’S dòcha gum bi beachd agaibh fhèin air a’ cheist agus, ma tha, bu mhath leam cluinntinn bhuaibh.

Fhuair mi lethbhreac de leabhar le fear a rinn rannsachadh mòr air ainmean-àite Dhùn Èideann. B’ esan Stiùbhart Harris. Thàinig an leabhar aige – The Place Names of Edinburgh – a-mach o chionn trì bliadhn’ deug, dìreach bliadhna mus do chaochail e.

Cha robh Harris buileach cinnteach mun cheangal eadar Arthur’s Seat agus Rìgh Artair. Dh’aidich e gun robh e clàraichte mar sin ann an còig ceud deug ’s a h-ochd (1508) anns an rann ainmeil The Flyting of Dunbar and Kennedy. Ach, anns na meadhan-aoisean, cha robh sgeul air an ainm sin. ’S e an t-ainm a bh’ air a’ chnoc aig an àm ud, a rèir choltais, Craggenemarf. ’S e ainm Ceilteach a th’ ann. Tha cuid dhen bheachd gun tàinig e bhon Ghàidhlig – Creag nam Marbh. Tha cuid eile ag ràdh gur e ainm Breatannach, seach Gàidhlig, a bh’ ann bho thùs. Dh’fhaodadh sin a bhith oir tha a’ Chuimris airson Creag nam Marbh gu math coltach ris a’ Ghàidhlig. Sgrìobh Harris gur dòcha gur e cruthachadh romansach as coireach ri Arthur’s Seat.

Air an làimh eile, thuirt e gu bheil aon àite deug ann an Alba, anns a bheil Artair air ainmeachadh. Dh’ainmich MacBhàtair feadhainn dhiubh anns an leabhar aige The Celtic Place-names of Scotland. Seo iad: Suidhe Artair ann an Dùn Bhreatainn agus Siorrachd Bhanbh, Beinn Artair aig ceann Loch Long, Aghaidh Artair anns an aon sgìre, Sruth Artair ann an Earra-Ghàidheal agus Arthur’s Cairn is Arthurseat ann an Siorrachd Obar Dheathain. Bha MacBhàtair dhen bheachd gun robh e coltach gun robh a’ chuid as motha de na h-ainmean Artaireach co-cheangailte ris an t-seann ghaisgeach Bhreatannach.

Co-dhiù no co-dheth , tha aon àite ann am Pàirc an Ròid a tha ceangailte ri Gàidheil, ged as e ainm Beurla a th’ ann, seach ainm Gàidhlig. Tha slighe air cliathaich a’ chnuic air a bheil Piper’s Walk. A rèir beul-aithris, tha an t-ainm a’ dol air ais don ochdamh linn deug nuair a bha còmhlan de Ghàidheil a’ campachadh air cliathaich Suidhe Artair. Bha pìobaire aca a bha a’ coiseachd air an t-slighe sin, agus a’ seinn na pìoba.

Nise, bha saighdearan Gàidhealach anns an nàbaidheachd sin ann an seachd ceud deug, ceathrad ’s a còig (1745), a’ deisealachadh airson Blàr Sliabh a’ Chlamhain – blàr ainmeil ann am Bliadhna Theàrlaich. Ach a rèir beul-aithris, fhuair Piper’s Walk ainm bliadhnaichean às dèidh sin ann an seachd ceud deug, seachdad ’s a h-ochd (1778). Cò na saighdearan Gàidhealach a bh’ ann agus carson a bha iad ann an Dùn Èideann? Innsidh mi sin dhuibh an ath-sheachdain.

Faclan na Litreach: Suidhe Artair: Arthur’s Seat; lethbhreac: copy; na meadhan-aoisean: medieval times; a’ Chuimris: the Welsh language; MacBhàtair: Watson (William J Watson); Dùn Bhreatainn: Dumbarton; Siorrachd Bhanbh: Banffshire; Loch Long: Loch Long; Siorrachd Obar Dheathain: Aberdeenshire; pìobaire: piper; Blàr Sliabh a’ Chlamhain: The Battle of Prestonpans; Bliadhna Theàrlaich: the year of the Jacobite rebellion, 1745-6.

Abairtean na Litreach: air chuairt: for a walk; a’ tadhal oirre: visiting it; ’s e sin a’ Ghàidhlig a tha mi a’ dol a chur air: that’s what I’m going to call it in Gaelic; an ceangal a thathar a’ dèanamh eadar an cnoc agus Artair: the link that is made between the hill and Arthur; seann rìgh nam Breatannach: the old (past) king of the Britons; dìreach bliadhna mus do chaochail e: only a year before he died; dh’aidich e gun robh e clàraichte mar sin: he admitted that it was recorded as that; cha robh sgeul air an ainm sin: that name was unknown/unrecorded; Creag nam Marbh: the Crag of the Dead; cruthachadh romansach: a romantic creation; as coireach ri: responsible for; ged as e ainm Beurla a th’ ann: although it’s an English [language] name; tha slighe air cliathaich a’ chnuic air a bheil: there is route on the side of the hill called; a rèir beul-aithris: according to oral tradition; còmhlan de Ghàidheil: a group of Gaels; a’ seinn na pìoba: playing the bagpipes; bha saighdearan Gàidhealach anns an nàbaidheachd sin: there were Highland soldiers in that vicinity.

Puing-chànain na Litreach: a’campachadh air cliathaich Suidhe Artair: camping on the side/slopes of Arthur’s Seat. Some of you might have asked yourselves – why did I lenite Dùn Èideann in muinntir Dhùn Èideann but not lenite Suidhe Artair in its genitive (possessive) form. That’s a tricky issue. In noun phrases (eg place names made of more than one element), where the first word is masculine, lenition is very common in modern Gaelic as a genitive marker – eg muinntir Bhaile nan Granndach, muinntir Cheann Loch Biorbhaidh. But it is not generally the case where the first word is feminine eg muinntir Drochaid an Easbaig, muinntir Cille Chomhain. However, there are many exceptions to the first rule, where we don’t lenite a masculine word eg muinntir Druim na Drochaid, muinntir Taigh Iain Ghròt, muinntir Caol Loch Aillse (although in some dialects they might tend to lenite those) and it’s difficult for me to give a hard-and-fast rule (sorry!) Faced with cliathaich Suidhe Artair, I felt it unnatural to lenite Suidhe, but others might disagree.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Co-dhiù no co-dheth : anyhow, anyway.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 201

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean