FaclairDictionary EnglishGàidhlig

556: Càrn na Cuimhne

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Càrn na Cuimhne

Gaelic Gàidhlig

Bha mi a’ coimhead an latha eile air mapa eileagtronaigeach de dh’Alba air làrach-lìn Leabharlann Nàiseanta na h-Alba. Chaidh am mapa a dhèanamh eadar seachd ceud deug, ceathrad ’s a seachd (1747) agus seachd ceud deug, caogad ’s a còig (1755) le Uilleam Roy. Thogadh Roy ann an Siorrachd Lannraig. Bha e anns an arm Hanobhèirianach aig àm Ar-a-mach nan Seumasach. Nuair a bha an t-ar-a-mach seachad, chuir ceannardan an riaghaltais romhpa cairt-dùthcha math a bhith aca de dh’Alba. B’ e sin a’ chiad mhapa a bha stèidhichte air na prionnsabalan tomhais-fearainn as aithne dhuinn an-diugh. Cha robh loidhnichean co-àirde air ach bha rudan anns na h-àiteachan ceart, gu h-àraidh na bailtean.

Bha ùidh mhòr aig Roy ann an gnothaichean cogaidh. Rinn e tòrr rannsachaidh air na seann champaichean Ròmanach ann an ceann a deas na h-Alba. Mar sin, bha mi airson faighinn a-mach an robh àite clàraichte aige ann am Bràigh Mhàrr. ’S e an t-àite Càrn na Cuimhne. Ann am Beurla uaireannan ’s e Carnaqueen a chanas daoine, no The Cairn of Remembrance. Tha e ri taobh Uisge Dè ann an seann Ghàidhealtachd Siorrachd Obar Dheathain.

Bha mi air gu leòr a chluinntinn mu Chàrn na Cuimhne oir tha e rudeigin ainmeil ann am beul-aithris. Ach, o chionn ghoirid, fhuair mi an cothrom a dhol a choimhead air. Feumaidh tu coiseachd pìos mòr ri taobh na h-aibhne mus ruig thu an càrn.

A rèir beul-aithris, mus rachadh Clann ’ic Fhearchair gu cath, bhiodh fir na fine a’ coinneachadh aig a’ chàrn. Bhiodh a h-uile duine a bha a’ dol a shabaid a’ togail clach às an abhainn. Chuireadh e a chlach air a’ chàrn. Nuair a thigeadh na saighdearan dhachaigh an dèidh a’ chatha, bhiodh iad a’ togail clach bhon chàrn is a tilleadh don abhainn. Bhiodh fios an uair sin cia mheud duine a chaidh a mharbhadh. B’ e sin àireamh nan clach a bh’ air fhàgail air a’ chàrn.

Chan eil fhios dè cho sean ’s a bha an cleachdadh. Tha cuid dhen bheachd gun do thòisich e o chionn fhad an t-saoghail is gur e muinntir na sgìre air fad a bha an sàs ann is chan e Clann ’ic Fhearchair a-mhàin. Agus cuin a thàinig e gu ceann? Uill, tha cuid ag ràdh gur ann ri linn Mhontròis a sguir e. Bha sin ceud bliadhna mus robh Uilleam Roy a’ clàradh Alba. Chan eil fhios a’m le cinnt a bheil sin fìor gus nach eil.

Gu mì-fhortanach, chan eil Càrn na Cuimhne air mapa Roy. Tha rudan eile faisg air làimh air a’ mhapa, agus tha cuid dhiubh dìreach mar a tha iad an-diugh – mar eisimpleir Ballachlaggan (no Bail’ a Chlaiginn) agus Tullochcoy (no Tulach Gaoithe). Ach chan eil sgeul air Càrn na Cuimhne.

Ach an e “Càrn na Cuimhne” a bu chòir a bhith air? Anns an leabhar aca, The Place Names of Upper Deeside, tha Adhamh MacBhàtair agus Ealasaid NicAilein ag ràdh gur e Càrn na Coinneimh a bh’ air bho thùs oir ’s ann aig a’ chàrn a bhiodh na saighdearan a’ coinneachadh aig àm catha. Mus rachadh iad a shabaid bhiodh iad ag èigheachd ainm a’ chùirn. Ge-tà, a rèir aithris, ’s e “Càrn na Cuimhne!” a dh’èigheadh iad seach “Càrn na Coinneimh!” Nach biodh e math a dhol air ais ann an eachdraidh is èisteachd ris na chanadh na daoine ann an dha-rìribh?

Faclan na Litreach: eileagtronaigeach: electronic; Siorrachd Lannraig: Lanarkshire; UisgeDè: The River Dee; Càrn na Cuimhne: The Cairn of Remembrance.

Abairtean na Litreach: Leabharlann Nàiseanta na h-Alba: The National Library of Scotland; anns an arm Hanobhèirianach: in the Hanoverian army; Ar-a-mach nan Seumasach: the Jacobite Rebellion; chuir ceannardan an riaghaltais romhpa cairt-dùthcha math a bhith aca: the leaders of the government decided they must have a good map; stèidhichte air na prionnsabalan tomhais-fearainn as aithne dhuinn: based on the surveying principles we know today; an robh àite clàraichte aige ann am Bràigh Mhàrr: if he had a place recorded in [the region of] Braemar; ainmeil ann am beul-aithris: well known in oral tradition; feumaidh tu coiseachd pìos mòr ri taobh na h-aibhne: you must walk quite a way beside the river; mus rachadh Clann ’ic Fhearchair gu cath: before the Farquharsons went into battle; bhiodh fir na fine a’ coinneachadh: the men of the clan would gather; nuair a thigeadh na saighdearan dhachaigh an dèidh a’ chatha: when the soldiers would come home after the battle; a tilleadh don abhainn: return it to the river; cia mheud duine a chaidh a mharbhadh: how many were killed; àireamh nan clach a bh’ air fhàgail air a’ chàrn: the number of stones left on the cairn; tha cuid dhen bheachd gun do thòisich e o chionn fhad an t-saoghail: some people think it started in ancient times; gur ann ri linn Mhontròis a sguir e: in the time of Montrose it stopped [mid 17th Century]; chan eil fhios a’m le cinnt: I’m not certain; Adhamh MacBhàtair agus Ealasaid NicAilein: Adam Watson and Elizabeth Allan; ’s ann aig a’ chàrn a bhiodh na saighdearan a’ coinneachadh aig àm catha: it’s at the cairn that the soldiers would meet at a time of conflict; mus rachadh iad a shabaid: before they went to fight; bhiodh iad ag èigheachd ainm a’ chùirn: they would shout the name of the cairn.

Puing-chànain na Litreach: Cha robh loidhnichean co-àirdeair: there were no contour lines on it. The Gaelic for contour line is loidhne cho-àirde which means “line of equal altitude”. Co- is a very useful element in creating compounds. It can be equivalent to the English elements co- (both are related to the Latin) or iso- (“equal”) or syn- (“together”), both derived from the Greek. Thus we can form Gaelic equivalents as follows: co-ordinate: co-chomharra; commutative: co-iomlaideach; isohyet: loidhne cho-uisge; isotherm: loidhne cho-theas; symmetrical: co-chothromach. Other examples are co-amail (simultaneous) and co-astarail (equidistant).

Gnàthas-cainnt na Litreach: is èisteachd ris na chanadh na daoineann an dha-rìribh: and listen to what the people would say in reality.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 252

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean