FaclairDictionary EnglishGàidhlig

319: Òrain nan Rosach

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Òrain nan Rosach

Gaelic Gàidhlig

Bha mi a’ bruidhinn an t-seachdain sa chaidh mun òran ainmeil Mo Rùn Geal Òg. Carson a bha sin, nise? Uill, bha adhbhar agam. Nochd an t-òran sin ann an leabhar ùr a chaidh fhoillseachadh o chionn ghoirid. ’S e an t-ainm a th’ air an leabhar Òrain nan Rosach: a Collection of Gaelic Songs from Ross-shire. ’S e leabhar air leth math a th’ ann.’S i Fiona NicCoinnich a chuir ri chèile e. Tha Fiona a’ fuireach ann an Inbhir Pheofharain ann an Siorrachd Rois.

Chan eil a h-uile òran anns an leabhar buileach cho trom brònach ’s a tha Mo Rùn Geal Òg. Mar eisimpleir, tha fear ann aig a bheil dà thiotal – Òran a’ Choilich, no Gog Gog! Tha seo mu dheidhinn tachartas ann am baile beag air a bheil An Àird Dhubh. Tha an Àird Dhubh air cladach na Comraich. Bha cuid de na sinnsirean agam fhìn às an Àird Dhuibh agus, mar sin, tha mi toilichte gu bheil an t-òran anns an leabhar. Is iongantach mura robh càirdean agam fhìn am measg an fheadhainn a dh’fhulaing air sailleamh a’ choilich ghlais. Seo agaibh an t-sèist:

Bha Gog! Gog! Gog! aig a’ choileach ghlas a-raoir

Bha Gog! Gog! Gog! aig a’ choileach fad na h-oidhch’

Cha robh creutair anns a’ bhaile

Nighean òg no bean no cailleach

Nuair bu chòir dhaibh bhith nan cadal

Nach robh mach nan aodach oidhch’.

A bheil sibh a’ tuigsinn dè bha a’ cur dragh air muinntir a’ bhaile? Am fuaim a bha an coileach a’ dèanamh air an oidhche. Seo an t-sèist a-rithist:

Bha Gog! Gog! Gog! aig a’ choileach ghlas a-raoir

Bha Gog! Gog! Gog! aig a’ choileach fad na h-oidhch’

Cha robh creutair anns a’ bhaile

Nighean òg no bean no cailleach

Nuair bu chòir dhaibh bhith nan cadal

Nach robh mach nan aodach oidhch’.

Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil sinn uile air a bhith eòlach air a leithid de choileach – a bhios a’ gairm air an oidhche no tràth tràth sa mhadainn – co-dhiù ma tha sinn air a bhith a’ fuireach a-muigh air an dùthaich.

Bha Donnchadh MacCoinnich na bhàrd-baile. Bha e na sheinneadair math cuideachd. Chuala Donnchadh bho chuideigin às an Àird Dhuibh mu choileach a bha a’ cumail daoine suas fad na h-oidhche leis an fhuaim a bha e a’ dèanamh. Agus sgrìobh e an t-òran. Seo a’ chiad rann dheth:

Mo mhallachd aig a’ choileach

Chuir an sluagh nam boil a-raoir

Shìn an caithream cruaidh ’s an sgreadail

Nuair a thàinig meadhan-oidhch’.

Theann mi fhèin a-null ri Peigi

’S mi air chrith le seòrsa eagail

Ach nuair thòisich e air feadail

Chuir e ’n cuthach air a’ chloinn.

Chan eil “Peigi”, a nochdas san òran, beò a-nise, ach tha guth fear dhen chloinn air an do chuir an coileach an cuthach, aithnichte do luchd-èisteachd Radio nan Gàidheal. Bidh fios aig an fheadhainn aig a bheil fios!

Tha an t-ùghdar a’ faighinn comhairle san òran bho “nighean Iain mholaich”. Tha i ag ràdh, “Falbh ’s cuir às dha eun na mallachd”. An do ghabhadh a comhairle? Chan eil fhios agam, ach tha amharas agam nach robh saoghal a’ choilich ghlais buileach cho fada ’s a bhitheadh e nan robh an t-eun sin air a bhith sàmhach sìtheil air an oidhche!

Faclan na Litreach: Inbhir Pheofharain: Dingwall; sèist: chorus; feadail: whistling.

Abairtean na Litreach: bha adhbhar agam: I had a reason; a chaidh fhoillseachadh o chionn ghoirid: which was published recently; ’s e leabhar air leth math a th’ ann: it is an excellent book; air cladach na Comraich: on the shoreline of Applecross; is iongantach mura robh càirdean agam fhìn am measg an fheadhainn: it is likely that relations of my own were among those; air sailleamh a’ choilich ghlais:because of the grey cockerel; dè rinn an coileach orra?: what did the cockerel do to [on] them?; cha robh creutair anns a’ bhaile: there was nobody in the village; nuair [a] bu chòir dhaibh [a] bhith nan cadal: when they should have been asleep; nach robh mach nan aodach oidhch’: weren’t out in their night clothes; a bhios a’ gairm air an oidhche no tràth tràth sa mhadainn:which calls during the night or first thing in the morning; shìn an caithream cruaidh ’s an sgreadail: the harsh loud noise and the screeching started; theann mi fhèin a-null ri Peigi: I moved closer to Peggy;’s mi air chrith le seòrsa eagail: [and me] shaking with a sort of fear; chuir e ’n cuthach air a’ chloinn: he drove the children crazy; falbh ’s cuir às dha eun na mallachd: go and kill what wretched bird; an do ghabhadh a comhairle?: was his advice taken?: tha amharas agam nach robh saoghal a’ choilich ghlais buileach cho fada: I suspect the grey cockerel’s lifespan wasn’t quite as long; nan robh an t-eun sin air a bhith sàmhach sìtheil: if that bird had been quiet and peaceful.

Puing-chànain na Litreach: Bha cuid de na sinnsirean agam fhìn às an Àird Dhuibh: some of my own ancestors were from Ardue/Ardubh. Àird is a feminine word and therefore would be slenderised (traditionally) in the dative or prepositional case following a simple preposition. It cannot be slenderised itself, of course, but its qualifying adjective is slenderised – changing Dhubh to Dhuibh.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Mo mhallachd aig a’ choileach [a] chuir an sluagh nam boil a-raoir: my curse on the cockerel [that] infuriated the people last night. Chuir e nam boil iad (or chuir e air bhoil iad): he infuriated them/sent them into an uproar.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 15

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean