FaclairDictionary EnglishGàidhlig

728: Am Fear a Fhuair na Trì Comhairlean (3)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Am Fear a Fhuair na Trì Comhairlean (3)

Gaelic Gàidhlig

Tha mi a’ dol a chur crìoch air an stòiridh thraidiseanta Am Fear a Fhuair na Trì Comhairlean. B’ e a’ chiad chomhairle – gabh an rathad fada glan, seach an rathad goirid salach. B’ e an dàrna comhairle – gun a bhith a’ cur seachad oidhche ann an taigh far an robh seann duine agus bean òg. B’ e an treas comhairle gun a bhith a’ dèanamh dad air feasgar no oidhche gun a bhith a’ meòrachadh air, eagal ’s nach gabh thu aithreachas air a shon air madainn an làrna-mhàireach.

Lean ar caraid air, air a shlighe dhachaigh. Ràinig e an taigh. Bha an oidhche ann, agus bha a h-uile càil dubh dorch. Bha e air a bhith air falbh fad ùine mhòr. Anns an ùine sin, thàinig atharrachadh mòr air gnothaichean aig an taigh.

Chaidh e a-steach don taigh anns an dorchadas. Chunnaic e fear na shìneadh air an leabaidh. Shaoil e gur e fear a bh’ ann a bh’ air a bhith a’ fuireach cuide ri a bhean fhad ’s a bha e air falbh. Chaidh e a lorg sgian no tuagh no claidheamh airson an duine a mharbhadh.

Ach smaoinich e air an treas comhairle a fhuair e bhon fhear-fhastaidh – gun dad a dhèanamh air feasgar no oidhche gun a bhith a’ meòrachadh air, eagal ’s nach gabhadh e aithreachas air a shon air madainn an làrna-mhàireach. Bha e air an còrr dhen tuarastal aige a chosg air a’ chomhairle, agus shaoil e gur e deagh chomhairle a bh’ innte air sgàth sin.

Thill e a dh’ionnsaigh na leapa, gun armachd na làimh, airson ’s gum faigheadh e a-mach le cinnt cò am fear a bh’ ann. Agus cò lorg e san leabaidh ach a mhac fhèin. Bha e air fàs cho mòr ’s nach robh e air aithneachadh.

Thàinig a bhean agus chuir iad fàilte air a chèile. Dh’fhaighnich a bhean dheth gu dè bha e air a thoirt dhachaigh mar thuarastal. Oir b’ e sin an t-adhbhar a dh’fhàg e an taigh anns a’ chiad àite.

‘Uill,’ ars esan, ‘fhuair mi tuarastal, ceart gu leòr.’

‘Agus?’ dh’fhaighnich ise. ‘Càite a bheil e?’

‘Uill,’ ars esan, ‘’s ann mar seo a tha e. Chosg mi e air trì comhairlean. Ach ’s e comhairlean riatanach a bh’ annta.’ Agus mhìnich e dhi mar a thachair dha air a rathad dhachaigh. Feumaidh nach robh i fhèin uabhasach toilichte, ge-tà, oir cha robh e air a thuarastal a thoirt dhachaigh leis.

‘Agus dh’inns e rudeigin eile dhomh,’ thuirt an duine. Thug e an lof arain do a bhean. ‘Seo lof arain,’ thuirt e. ‘Am fear a dh’fhastaich mi, thuirt e gum biodh tusa a’ feitheamh ris an aran seo.’

Chaidh i a-null a dh’ionnsaigh a’ bhùird . Thog i sgian mhòr. Agus gheàrr i an t-aran ann an dà leth. Nuair a dh’fhosgail i an lof, ’s ann a thuit airgead a-mach às – a h-uile sgillinn a bha an duine aice air cosnadh fhad ’s a bha e air falbh. Bha am fear eile air a chur a-steach don lof.

Leis gun robh an duine cho dìleas ’s gun tug e feairt air trì comhairlean an fhir eile, bha e air a dhachaigh a ruigsinn slàn sàbhailte. Agus sin agaibh an naidheachd air an Fhear a Fhuair na Trì Comhairlean.

Faclan na Litreach: treas: third; dubh dorch: pitch black; dorchadas: darkness; fear-fastaidh: employer; riatanach: essential; lof arain: a loaf of bread.

Abairtean na Litreach: Tha mi a’ dol a chur crìoch air: I’m going to conclude; gun a bhith a’ dèanamh dad air feasgar no oidhche gun a bhith a’ meòrachadh air:not to do anything in the evening or night without considering it; eagal ’s nach gabh thu aithreachas air a shon air madainn an làrna-mhàireach: in case you might regret it the next morning; lean ar caraid air, air a shlighe dhachaigh: our friend continued, on his way home; fear na shìneadh air an leabaidh: a man stretched out on the bed; sgian no tuagh no claidheamh: a knife, axe or sword; bha e air an còrr dhen tuarastal aige a chosg: he had spent the rest of his wages; shaoil e gur e deagh chomhairle a bh’ innte air sgàth sin:he reckoned it was good advice because of that; gun armachd na làimh: without carrying a weapon; cho mòr ’s nach robh e air aithneachadh: so big that he hadn’t recognised him; b’ e sin an t-adhbhar a dh’fhàg e an taigh: that was the reason he left the house; mhìnich e dhi mar a thachair dha: he explained to her what happened to him; cha robh e air a thuarastal a thoirt dhachaigh leis:he hadn’t brought his wages home with him; thog i sgian mhòr: she picked up a big knife; gheàrr i an t-aran ann an dà leth: she cut the bread in half [in two halves]; ’s ann a thuit airgead a-mach às: money fell out of it; a h-uile sgillinn a bha an duine aice air cosnadh fhad ’s a bha e air falbh: every penny her husband had earned while he was away; bha e air a dhachaigh a ruigsinn slàn sàbhailte: he had reached his home safe and in one piece.

Puing-chànain na Litreach: Chaidh i a-null a dh’ionnsaigh a’ bhùird: she went over to the table. A dh’ionnsaigh is a compound preposition; thus, the noun commanded by it, bòrd , goes into the genitive case, particularly where the article is present. Thus we say a dh’ionnsaigh a’ bhùird. Other examples would be airson a’ bhùird, air beulaibh a’ bhùird, mu choinneimh a’ bhùird.

Gnàthas-cainnt na Litreach: cho dìleas ’s gun tug e feairt air trì comhairlean an fhir eile so faithful that he [had] paid attention to the other man’s three pieces of advice.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 424

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean