FaclairDictionary EnglishGàidhlig

759: An Dèirceach Abrach (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An Dèirceach Abrach (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mun turas a bhioraich Calum Cille slat às a’ choille don dèirceach Abrach. Tha an stòiridh a’ nochdadh ann an eachdraidh an naoimh – Vita Columbae – a chaidh a sgrìobhadh le Adomnan. Bha an t-Abrach bochd a’ cleachdadh na slaite anns a’ choille mar stob airson fiadh-bheatha a ghlacadh. Cha robh a theaghlach tuilleadh às aonais sitheann.

Ach, latha a bha seo, thuirt bean an duine ris gun robh dragh oirre mun stob a bha e a’ fàgail anns a’ choille gach oidhche. ‘Spìon às an talamh e,’ thuirt i, ‘oir ma gheibh duine no crodh bàs air, thèid thu fhèin, ’s mi fhìn ’s ar clann a chur gu bàs no a chur ann am braighdeanas.’

Fhreagair an duine aice, ‘Chan ann mar sin a bhitheas e oir, nuair a bheannaich am fear naomh an t-slat, thuirt e nach dèanadh i cron air daoine no crodh.’ Ach tha e coltach gun robh cìrean a’ choilich air a’ chirc. Rinn an duine na dh’iarr a bhean air. Spìon e an stob a-mach às an talamh, ged a bha e muladach mu dheidhinn.

Thug e an t-slat bhiorach a-steach don taigh agus chuir e an taic a’ bhalla i. Goirid às dèidh sin, thuit an cù-taighe air a’ bhior agus chaidh a mharbhadh. Thuirt a bhean ris, ‘Thèid fear no tè dhen chloinn agad air, agus thèid am marbhadh.’

Bha na faclan sin guineach dha. Thug e an t-slat a-mach às an taigh. Dh’fhalbh e astar mòr chun na coille leatha. Lorg e preas agus chuir e an t-slat am falach anns a’ phreas far nach dèanadh i cron air duine no beathach. No ’s e sin a bha na bheachd.

Ach thill e madainn an làrna-mhàireach agus bha earba air tuiteam air bior na slaite. Bha i marbh. Thug an duine bochd an t-slat air falbh. Chuir e fon uisge i aig oir aibhne. Bha e deimhinne nach dèanadh i cron air dad an sin.

Ach bha e ceàrr. Thill e madainn an làrna-mhàireach. Agus dè bha glacte air bior na slaite ach bradan mòr. Bha e cho mòr ’s gur gann gun robh comas aig an duine bhochd a thoirt dhachaigh leis. Ach rinn e a’ chùis agus thug e an t-slat dhachaigh aig an aon àm.

Chuir e an t-slat a-muigh air mullach an taighe. Agus thuit feannag air a’ bhior. Bha i air a marbhadh sa bhad.

Bha an duine bochd troimh-chèile. Fhuair e comhairle bho a bhean an t-slat a dhèanamh na spealgan. Agus ’s e sin a rinn e. Bhris e an t-slat le tuagh agus thilg e na spealgan don teine.

Tha Adomnan ag innse dhuinn gun do thill an t-Abrach bochd a bhith na dhèirceach, agus gun robh e airidh air an droch shuidheachadh anns an robh e, oir bha e air sgrios a dhèanamh air an t-slait a thug Calum Cille dha. Fhad ’s a bha an t-slat aig an duine, agus i na stob sa choille, bha feòil gu leòr aige, agus bha e cuideachd a’ reic pàirt dhith airson airgead. A-nise, ged a bha e air a bhith beartach airson greis, bha e bochd a-rithist agus, airson a’ chòrr de a bheatha, bha e fhèin agus a theaghlach a’ caoidh call na slaite a thug Calum Cille dha.

Faclan na Litreach: bheannaich: blessed (verb); muladach: very sad; guineach: wounding, piercing; earba: roe deer; deimhinne: certain; feannag: crow; troimh-chèile: extremely upset; tuagh: axe.

Abairtean na Litreach: mun turas a bhioraich Calum Cille slat às a’ choille don dèirceach Abrach:about the time St Columba sharpened a stake from the wood for the beggar from Lochaber; airson fiadh-bheatha a ghlacadh: to catch wild animals; cha robh a theaghlach tuilleadh às aonais sitheann: his family was no longer without venison; thuirt bean an duine ris gun robh dragh oirre: the man’s wife told him she was worried; spìon às an talamh e: pull it out of the ground; thèid X a chur gu bàs no a chur ann am braighdeanas: X will be put to death or put in captivity; chuir e an taic a’ bhalla i: he placed it leaning against the wall; thuit an cù-taighe air a’ bhior: the house dog fell on the point; dh’fhalbh e astar mòr chun na coille: he went away a long distance to the wood; far nach dèanadh i cron air duine no beathach: where it wouldn’t harm man or beast; ’s e sin a bha na bheachd: that’s what he thought; oir aibhne: the edge of a river; dè bha glacte air bior na slaite ach bradan mòr:what was caught on the point of the stake but a large salmon; sa bhad: instantly; comhairle bho a bhean an t-slat a dhèanamh na spealgan:advice from his wife to break the stake into little pieces; gun robh e airidh air an droch shuidheachadh anns an robh e: that he was deserving of his bad situation; ged a bha e air a bhith beartach airson greis: although he had been wealthy for a while; airson a’ chòrr de a bheatha: for the rest of his life; a’ caoidh call na slaite: bewailing the loss of the stake.

Puing-chànain na Litreach: Bha e cho mòr ’s gur gann gun robh comas aig an duine bhochd a thoirt dhachaigh leis:it was so big that the poor man was hardly able to take it home with him. Gannis commonly used with the assertive verb to mean ‘hardly, scarcely’. Other examples are: is gann gun robh biadh air fhàgail ‘there was hardly any food left’; bu ghann gun robh facal anns an litir a bha e ag aithneachadh ‘there was hardly a word in the letter that he recognised’; ’s gann gun gabh e creidsinn ‘it can scarcely be believed’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: gun robh cìrean a’ choilich air a’ chirc: that the wife wore the trousers in the house ‘that the cockerel’s comb was on the hen’.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 455

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean