FaclairDictionary EnglishGàidhlig

879: An Soisgeulaiche air Loch Winnipeg

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An Soisgeulaiche air Loch Winnipeg

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mun leabhar aig Mìcheal Newton – ‘Seanchaidh na Coille The Memory-Keeper of the Forest’ – air fhoillseachadh le Cape Breton University Press. Chan e a-mhàin gu bheil tòrr stuth prìseil anns an leabhar, ach gu bheil an t-ùghdar a’ dèanamh mion-sgrùdadh air àite nan Gàidheal ann an Alba, Breatainn agus san Ìmpireachd, a bharrachd air Canada fhèin. Tha e ag ràdh gun urrainn do Ghàidheil na h-Alba is Chanada a bhith ag obair còmhla ‘by disavowing and helping to deconstruct the oppressive ideologies of imperialism that legitimated the conquest and domination of their own homeland and those of other subordinated peoples’. Tuigidh sibh gu bheil taobh poilitigeach aig an leabhar! Tha e gu math smaoineachail.

A bharrachd air poilitigs, tha stòiridhean is eachdraidhean anns an leabhar. Nam measg, tha am fear seo. Tha e mu dheidhinn miseanairidh Clèireach air Loch Winnipeg. Chan eilear cinnteach a bheil e fìor ach tha e a’ riochdachadh mar a bha an creideamh ùr a’ toirt buaidh air na dùthchasaich. Tha mi a’ giorrachadh an stòiridh, ach a’ cumail faisg air a’ Ghàidhlig thùsail.

Bha fear de theachdairean an t-Soisgeil a’ siubhal air Loch Winnipeg. Bha Innseanaich ga aiseag ann an canù. Bha e ann an cabhaig. Dh’iarr e air na h-Innseanaich a dhol dìreach bho rubha gu rubha, an àite a bhith a’ cumail faisg air a’ chladach. Bha sin cunnartach. Cha robh aca ach eathar a bh’ air a dèanamh de bhèilleag.

Dh’èirich stoirm agus cha robh nì ri dhèanamh ach a dhol an taobh a chuireadh a’ ghaoth is na tuinn iad. Dh’amais iad air eilean beag anns an loch. Bha còignear Innseanach ann romhpa. Cha robh grèim bìdh aca. Riaraich an soisgeulaiche orra am beagan a bh’ aige fhèin, uiread is uiread do gach aon. Bha ochdnar anns an eilean.

Lean an stoirm. Air a’ cheathramh latha, cha robh biadh sam bith air fhàgail. Bha fear de na h-Innseanaich math air iasgach. Lùb e prìne air chumadh dubhain. Fhuair e pìos de ròp tearra, agus bìdeag de dh’aodach dearg mar bhiadh. Leis an uidheam-iasgaich sin, chaidh aige air aon iasg nach robh ro mhòr a thoirt gu tìr.

Chuir na daoine an treas cuid dhen iasg fa chomhair an t-soisgeulaiche. ‘Chan e sin an dòigh as fheàrr air a roinn,’ ars esan. Thug e sgian a-mach. Gheàrr e an t-iasg na ochd mìrean dhen aon mheudachd. ‘Bidh an aon uiread againn uile,’ ars esan.

An làrna-mhàireach, dh’fhàs an t-sìde na b’ fheàrr agus dh’fhàg an dà bhuidhinn an t-eilean.

Beagan mhìosan an dèidh sin, nochd còignear Innseanach anns a’ bhaile bheag far an robh an soisgeulaiche a’ fuireach. Bha iad ag iarraidh dachaigh a thogail ann. Cha robh an soisgeulaiche gan aithneachadh. ‘Carson a tha sibh ag iarraidh sin?’ thuirt e. ‘Chan fhaca mi duine agaibh anns na coinneamhan.’

‘Is sinne na fir air an do roinn sibh an t-iasg air Loch Winnipeg,’ arsa fear dhiubh. ‘Nam biodh ceannaiche-bèin ann nur n-àite, bha e air barrachd dhen iasg iarraidh. Nuair a chunnaic sinn mar a rinn sibhse, dh’aithnich sinn gur e duine math a bh’ annaibh. Tha sinn an seo a-nise, ag iarraidh gun ionnsaich sibh dhuinn an dòigh ùr.’ Bha iad a’ ciallachadh le sin – an creideamh Crìosdail. Beannachd leibh.

Faclan na Litreach : smaoineachail: thought-provoking; eachdraidhean: narratives; cunnartach: dangerous; uidheam-iasgaich: fishing tackle; ceannaiche-bèin: fur-trader.

Abairtean na Litreach : ach gu bheil an t-ùghdar a’ dèanamh mion-sgrùdadh air: but the author analyses; miseanairidh Clèireach air Loch Winnipeg: a Presbyterian missionary on Lake Winnipeg; chan eilear cinnteach a bheil e fìor: it’s not certain if it’s true; mar a bha an creideamh ùr a’ toirt buaidh air na dùthchasaich: how the new religion was affecting the indigenous people; a’ cumail faisg air a’ Ghàidhlig thùsail: keeping close to the original Gaelic; fear de theachdairean an t-Soisgeil: one of the messengers of the Gospel; bha Innseanaich ga aiseag ann an canù: Indians were transporting him in a canoe; dìreach bho rubha gu rubha: directly from headland to headland; eathar a bh’ air a dèanamh de bhèilleag: a boat that was made of birch-bark; cha robh nì ri dhèanamh ach a dhol an taobh a chuireadh a’ ghaoth is na tuinn iad: nothing could be done except to go in the direction the wind and waves took them; dh’amais iad air: they aimed for; riaraich an soisgeulaiche orra am beagan a bh’ aige fhèin: the missionary divided the little he had with them; lùb e prìne air chumadh dubhain: he bent a pin into the shape of a hook; pìos de ròp tearra: a piece of tarred rope; chaidh aige air aon iasg nach robh ro mhòr a thoirt gu tìr: he managed to land one fish that wasn’t too large; an treas cuid dhen iasg fa chomhair an t-soisgeulaiche: a third of the fish in front of the missionary; chan e sin an dòigh as fheàrr air a roinn: that’s not the best way to divide it; gheàrr e an t-iasg na ochd mìrean dhen aon mheudachd: he cut the fish into eight pieces of the same size; anns na coinneamhan: at the prayer meetings; làn neamhnaidean cultarach: full of cultural gems [pearls].

Puing-chànain na Litreach : ag iarraidh gun ionnsaich sibh dhuinn an dòigh ùr:wanting you to teach us [that you will teach us] the new way. You will know the word ionnsachadh meaning ‘learning’ as you are probably a neach-ionnsachaidh ‘learner’ and you will have used phrases like tha mi ag ionnsachadh na Gàidhlig ‘I’m learning Gaelic’. But remember that it is also used, with the preposition ‘do’, to mean ‘teach’. Dh’ionnsaich e sin do Phàdraig ‘he taught Peter that’; an ionnsaich thu an t-òran sin dhomh? ‘will you teach me that song?’.

Gnàthas-cainnt na Litreach : uiread is uiread do gach aon : an equal share for each one.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 575

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean