FaclairDictionary EnglishGàidhlig

282: Dòmhnall Horne MacPhàrlain (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Dòmhnall Horne MacPhàrlain (1)

Gaelic Gàidhlig

B’ e Dòmhnall Horne MacPhàrlain fear de ghaisgich Ghàidhealach na Pàrlamaid anns na h-ochdadan dhen naoidheamh linn deug. Rugadh e ann an ochd ceud deug is trithead (1830) ann an Gallaibh. Bha athair, Ailean MacPhàrlain, na oifigear iasgaich ann an Inbhir Ùige. ’S e Mairead Horne a bh’ air a mhàthair, is bha ise à Gallaibh cuideachd.

Bha trì duine deug aca de chloinn. Bha ceathrar mhac am measg sin, agus b’ e Dòmhnall am fear a b’ òige dhiubh. Nuair a bha e ochd bliadhna a dh’aois, rinn an teaghlach eilthireachd gu Astràilia. Aig an aon àm, chaidh cuid de na càirdean aca a dh’fhuireach anns na h-Innseachan. Nuair a bha Dòmhnall fichead bliadhna a dh’aois, dh’fhàg e Astràilia, agus chaidh e a dh’fhuireach còmhla ri chàirdean anns na h-Innseachan.

Chaidh cùisean gu math dha ann a sin. Dh’èirich e gu bhith na cheannard air companaidh de mharsantan ann an Calcutta. Tha e coltach gun do choisinn e airgead mòr an sin. Gu cinnteach, leis gu robh e beartach, bha e gu math eadar-dhealaichte bho na daoine – na croitearan bochda Albannach – a bha e a’ dol a riochdachadh anns a’ Phàrlamaid. Ach chan ann as leth muinntir na h-Alba a sheas e, anns a’ chiad dol a-mach co-dhiù.

Phòs Dòmhnall tè, Mary Isabella Bagshawe, ann an ochd ceud deug, caogad ’s a seachd (1857). Bhathar ag ràdh gun do bhuin ise do shliochd na h-Èireann. Agus bhathar ag ràdh gur ann troimhpese a thog e ùidh ann am poileataics na h-Èireann, agus anns an Eaglais Chaitligich.

Thòisich e ann am poileataics gu dreuchdail, ann an Èirinn, ann an ochd ceud deug is ochdad (1880), nuair a chaidh a thaghadh mar bhall do Chontae a’ Cheatharlaich, no Carlow. Thuirt e mu dhèidhinn fhèin gur e “Libearalach” a bh’ ann, a bha a’ creidsinn ann am fèin-riaghladh do dh’Èirinn. Ach tha e coltach nach robh e cho làidir ri cuid de na Nàiseantaich, agus gun deach e an aghaidh seasamh ceannard pàrtaidh na h-Èireann anns a’ Phàrlamaid, Teàrlach Stiùbhart Parnell.

Fhad ’s a bha Dòmhnall MacPhàrlain na bhall pàrlamaid do sgìre Èireannach, thog e ùidh ann an ceist an fhearainn ann an Alba. Cha b’ fhada gus an robh e aithnichte mar fhear de luchd na pàrlamaid a bha taiceil do na croitearan Albannach. Às dèidh Blàr a’ Chumhaing anns an Eilean Sgitheanach ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a dhà (1882), eadar croitearan is na h-ùghdarrasan, thog MacPhàrlain a ghuth aig Westminster. Dh’iarr e air a’ Phàrlamaid Coimisean Rìoghail a stèidheachadh a bheireadh sùil air ceist an fhearainn ann an Alba.

Cha deach leis aig an toiseach, ach mu dheireadh chuir a’ Phàrlamaid Coimisean Napier air dòigh airson an gnothach a sgrùdadh. Ged a bha e aig an àm ud a’ riochdachadh sgìre Èireannach, bhiodh MacPhàrlain cho tric a’ bruidhinn mu shuidheachadh na h-Alba, ’s gun do chuir cuid de na buill am far-ainm air “Ball Pàrlamaid an Eilein Sgitheanaich”.

B’ e Dòmhnall MacPhàrlain a’ chiad cheann-suidhe air Comann Ath-leasachadh Lagh Fearainn na Gàidhealtachd, buidheann-choiteachaidh a bha stèidhichte ann an Lunnainn. Mean air mhean, dh’fhàs croitearan na h-Alba eòlach air ainm. Bha sin gu h-àraidh fìor ann an Earra-Ghàidheal far an robh mòran nam buill dhen Chomann.

Anns an Ògmhìos ochd ceud deug, ochdad ’s a còig (1885), chaill riaghaltas Ghladstone bhòt ann an Taigh nan Cumantan agus chum am Morair Salisbury air mar phrìomhaire gus am biodh taghadh nàiseanta ann san t-Samhain. Chuir Dòmhnall Horne MacPhàrlain roimhe seasamh anns an taghadh airson Earra-Ghàidheal. Chì sinn mar a chaidh dha an ath-sheachdain.

Faclan na Litreach: Dòmhnall Horne MacPhàrlain: Donald Horne MacFarlane; Inbhir Ùige: Wick; Gallaibh: Caithness; eilthireachd: emigration; marsantan: merchants; gu dreuchdail: professionally; fèin-riaghladh: self-government; Blàr a’ Chumhaing: Battle of the Braes; buidheann-choiteachaidh: lobby group; Taigh nan Cumantan: House of Commons; am Morair Salisbury: Lord Salisbury; prìomhaire: prime minister; taghadh: election; san t-Samhain: in November.

Abairtean na Litreach: fear de ghaisgich Ghàidhealach na Pàrlamaid: one of the Highland parliamentary heroes; ’s e Mairead Horne a bh’ air a mhàthair:his mother was called Margaret Horne; cha cùisean gu math dha: things went well for him; dh’èirich e gu bhith na cheannard:he rose to become a head/boss; gun do choisinn e airgead mòr: that he made a lot of money; a bha e a’ dol a riochdachadh: that he was going to represent; chan ann as leth muinntir na h-Alba a sheas e: it is not on behalf of the people of Scotland he stood; gun do bhuin ise do shliochd na h-Èireann: that she had Irish antecedents; bhathar ag ràdh: it was said; gur ann troimhpese a thog e ùidh ann an X: that it was through her that he became interested in X; ceist an fhearainn: the land question; cha b’ fhada gus an robh e aithnichte mar X: it was not long until he was recognised as X; dh’iarr e air a’ Phàrlamaid Coimisean Rìoghail a stèidheachadh: he asked the Parliament to establish a Royal Commission; ’s gun do chuir cuid de na buill am far-ainm air: that some of the members gave him the nickname; Comann Ath-leasachadh Lagh Fearainn na Gàidhealtachd: Highland Land Law Reform Association; mean air mhean: little by little; far an robh mòran nam buill: where many were members; chuir X roimhe: X decided; chì sinn mar a chaidh dha: we’ll see how he got on.

Puing-chànain na Litreach: chaidh e a dh’fhuireach còmhla ri chàirdean: he went to stay with his relatives. Where the verbal noun appears in this form following a verb of motion, it is lenited, eg tha mi a’ dol a thoirt X dhut (I am going to give you X). In the case of a verb commencing with “f”, this would mean that the article “a” would be followed by the soundless letter combination “fh”, which would be difficult to say (try it). The “dh” slips in there simply to make the sound transition between the vowels. Here are some other examples: a bheil thu a’ dol a dh’fhuireach an seo? (are you going to stay here?); tha iad a’ dol a dh’fhalbh uaireigin(they are going to leave sometime). Of course, the same is also true of verbs which start with vowels eg thig sinn a dh’èisteachd ris(we’ll come and listen to him); thig mi a dh’iarraidh a’ bhainne (I will come to collect the milk); tha mise a’ dol a dh’òrdachadh a-nise (I am going to order now).

Gnàthas-cainnt na Litreach: cha deach leis (aig an toiseach): he didn’t succeed (to begin with).

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean