FaclairDictionary EnglishGàidhlig

355: Teàrlach MacAoidh (4)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Teàrlach MacAoidh (4)

Gaelic Gàidhlig

Airson trì bliadhna anns na seasgadan dhen naoidheamh linn deug, bha Teàrlach MacAoidh stèidhichte ann an New York. Bidh cuimhne agaibh, ’s dòcha, gur e MacAoidh a sgrìobh an leabhar The Gaelic Etymology of the Languages of Western Europe. Ann an New York, bha e ag aithris do Thìm Lunnainn air a’ Chogadh Chatharra. Cha robh sin furasta dha oir bha e aithnichte mar fhear libearalach. A-nise bha e ag obair do phàipear-naidheachd nach robh cho libearalach.

Agus, ged a bha MacAoidh an aghaidh tràilleachd, cha robh e dhen bheachd gu robh e ceart do mhuinntir a’ Chinn a Tuath a bhith a’ cur cath ri muinntir a’ Chinn a Deas air a sàilleabh. Bha mòran ann an New York mì-thoilichte beachd mar sin a chluinntinn bhuaithe.

Ach fhad ’s a bha e thall, bhris e naidheachd mhòr a chuir ri a chliù mar fhear-naidheachd. B’ e sin gu robh buidheann de nàiseantaich Èireannach anns na Stàitean, agus ann an Èirinn, ag obair ann an co-fheall, feuch ar-a-mach a thòiseachadh an aghaidh Bhreatainn. Bha na Fianna, mar a ghabh iad orra fhèin, gu math làidir anns na seasgadan, ach cha do shoirbhich leotha ro mhath.

Mu dheireadh dh’fhalbh MacAoidh a dh’obair air a cheann fhèin. Bhiodh e a’ sgrìobhadh do ghrunn phàipearan-naidheachd is irisean agus, barrachd is barrachd, bha e air a thàladh a dh’ionnsaigh teangaireachd – eòlas air cànanan agus an càirdeas eadar cànanan. Bha e gu mòr dhen bheachd gu robh na h-eòlaichean Eòrpach air na cànanan Ceilteach a chur an dàrna taobh nuair a bha iad a’ coimhead air tùs fhaclan.

Bha MacAoidh dhen bheachd gu robh freumhan Ceilteach aig mòran fhaclan ann an cànanan Eòrpach. Bha beachd inntinneach aige air na sèistean beaga, nach dèan ciall, a nochdas ann an òrain ann am Beurla is Fraingis, leithid fàl, là, là, fol de rol agus hey, nonnie, nonnie (rud a tha cumanta ann an òrain Ghàidhlig). Bha e dhen bheachd gur e criomagan a bh’ annta de dh’òrain diadhaidh a bhiodh na draoidhean a’ gabhail ris a’ ghrèin dà mhìle bliadhna roimhe.

Airson còig bliadhna rinn e obair air an leabhar mhòr, The Gaelic Etymology ..., a chaidh fhoillseachadh ann an Lunnainn ann an ochd ceud deug, seachdad ’s a seachd (1877). Ach chaill e airgead air. Agus dh’fhàilnich air foillsichear a lorg airson leabhar eile ann am Fraingis – “Origines Celtiques de là Langue Française”.

Thug e òraid seachad aig an dàrna còmhdhail bhliadhnail aig Comunn Gàidhlig Inbhir Nis, fhad ’s a bha e a’ dèanamh rannsachadh air a Gaelic Etymology. Thuirt e gu robh sinnsearachd làn-Ghàidhealach aige ’s gu robh nàire air nach deigheadh aige air Gàidhlig a labhairt.

Ach dh’aidich e rud inntinneach na òraid. Fichead bliadhna roimhe bha e air a ràdh gur ann don Ghalldachd a-mhàin cha mhòr a bhuineadh ceòl is bàrdachd na h-Alba. Bha cuideigin air sgrìobhadh do phàipear-naidheachd ann an Inbhir Nis, a’ dèanamh iomradh air sin. Bha e ciontach, dh’aidich e, ach thuirt e gur e aineolas a bu choireach. Bha e a-nise na bu shine is na bu ghlice.

Chan eil mi cinnteach an do rinn Teàrlach MacAoidh fàbhar don Ghàidhlig leis an leabhar aige. Tha e inntinneach nach do rinn Alasdair MacBheathain iomradh sam bith air anns an fhaclair aige fhèin, An Etymological Dictionary of the Gaelic Language. ’S dòcha gu robh an ùidh a bh’ aig MacAoidh sa chuspair air cron a dhèanamh air an sgoilearachd aige. Chaochail e san Dùbhlachd ochd ceud deug, ochdad ’s a naoi (1889) ann an Lunnainn.

Faclan na Litreach: seasgadan: sixties; Teàrlach MacAoidh: Charles Mackay; stèidhichte: established (ie living and working); leithid: such as.

Abairtean na Litreach: bha e ag aithris do Tìm Lunnainn air a’ Chogadh Chatharra: he was reporting for the Times of London on the Civil War; beachd mar sin a chluinntinn bhuaithe: to hear an opinion like that from him; ag obair ann an co-fheall, feuch ar-a-mach a thòiseachadh an aghaidh Bhreatainn: working conspiratorially in an attempt to start an insurrection against Britain; mar a ghabh iad orra fhèin: as they called themselves; cha do shoirbhich leotha ro mhath: they didn’t succeed too well; dh’fhalbh MacAoidh a dh’obair air a cheann fhèin:Mackay went to work for himself; bha e air a thàladh a dh’ionnsaigh teangaireachd: he was drawn towards philology; tùs fhaclan:the origin of words; gu robh freumhan Ceilteach aig mòran fhaclan: that many words had Celtic roots; nach dèan ciall: which don’t mean anything; gur e criomagan a bh’ annta de dh’òrain diadhaidh: that they were fragments of divine songs; a bhiodh na draoidhean a’ gabhail ris a’ ghrèin: that the druids would sing to the sun; dh’fhàilnich air foillsichear a lorg: he failed to find a publisher; gu robh nàire air nach deigheadh aige air Gàidhlig a labhairt: that he was ashamed that he couldn’t speak in Gaelic; dh’aidich e: he admitted; gur ann don Ghalldachd a-mhàin cha mhòr a bhuineadh ceòl is bàrdachd na h-Alba: that the music and poetry of Scotland belonged almost entirely to the Lowlands; gur e aineolas a bu choireach:that it was ignorance that was responsible; gu robh an ùidh a bh’ aige sa chuspair air cron a dhèanamh air an sgoilearachd aige: that his interest in the topic had damaged his scholarship.

Puing-chànain na Litreach: ged a bha MacAoidh an aghaidh tràilleachd, cha robh e dhen bheachd gu robh e ceart do mhuinntir a’ Chinn a Tuath a bhith a’ cur cath ri muinntir a’ Chinn a Deas air a sàilleabh: although Mackay was against slavery, he wasn’t of the opinion that it was right for the Northerners to go to war against the Southerners because of it. The reason we say air a sàilleabh here and not air a shàilleabh is that it refers back to the word tràilleachd, which is feminine (as are most polysyllabic words ending in –achd ). The a is a possessive particle which, in the case of the feminine third person singular, does not induce lenition in the following noun.

Gnàthas-cainnt na Litreach: bha e aithnichte mar fhear libearalach : he was known (recognised) as a liberal (man).

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 51

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean