FaclairDictionary EnglishGàidhlig

428: Alasdair Stiùbhart

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Alasdair Stiùbhart

Gaelic Gàidhlig

Anns an Litir mu dheireadh, bha mi ag innse dhuibh mun dàn – ’S Math an Còcaire an t-Acras, a chaidh a sgrìobhadh, a rèir aithris, le Alasdair Stiùbhart, Iarla Mhàrr, ann an ceithir cheud deug, trithead ’s a h-aon (1431), às dèidh Blàr Inbhir Lòchaidh. An t-seachdain seo tha mi airson tuilleadh innse dhuibh mu mar a sgrìobh an Stiùbhartach an dàn. Ach mus dèan mi sin, seo e a-rithist:

’S math an còcaire an t-acras,

’S mairg a nì tarcais air biadh,

Fuarag eòrn’ à sàil mo bhròige

Biadh as fheàrr a fhuair mi riamh.

Oidhche dhomh bhith ann ad theach

Air mhòran bìdh ’s air bheag eudaich;

Fhuaras sàth mòr de dh’fheòil air droch bhruich

O Ó Birein sa Bhreugaich

Bha am batail ann an Inbhir Lòchaidh – ann an Loch Abar – eadar feachd aig an Rìgh – Seumas I – agus feachd mhòr aig na Dòmhnallaich. Bha Iarla Mhàrr air taobh an Rìgh. Ach chaill iad. A rèir aithris chaidh an t-iarla a leòn na shliasaid. Theich e fhèin is sgalag aige bhon bhlàr. Chuir iad seachad dà latha air allaban ann am monaidhean Loch Abar gun bhiadh sam bith.

Thachair iad an uair sin ri boireannaich a bha ri buachailleachd. Dh’iarr iad air na boireannaich biadh a thoirt dhaibh. Agus mar a thathar ag ràdh air an treas loidhne dhen chiad rann, mheasgaich iad min-eòrna le uisge ann am bròg an iarla. Am biadh as fheàrr a fhuair e riamh oir is math an còcaire an t-acras.

Chuir an t-iarla aodach boireannaich air agus rinn e air Gleann Ruaidh. Air an oidhche sin fhuair e cuid-oidhche bho neach-taice ris an cante Ó Birein anns a’ Bhriagaich. Fhuair e feòil ach bha i air a droch bhruich – mar a dh’aithris e anns an dàn. Air madainn an làrna-mhàireach, thuirt an t-iarla ri Ó Birein, nan tigeadh ainneart sam bith air, nach leigeadh e leas ach thighinn chun a’ chaisteil aige ann an Cionn Droma agus gheibheadh e taic.

Uill, tro thìde, thachair sin. Bha Ó Birein ann an suidheachadh truagh agus chaidh e a Chionn Droma. Ach cha leigeadh an dorsair a-steach e. Dh’fhairich an t-iarla fuaim a’ chonnsachaidh eadar Ó Birein agus an dorsair, agus chaidh e a-mach. A rèir aithris, rinn e ath-chruthachadh air dàrna rann an dàin. Seo na thuirt e:

Oidhche dhomh bhith ann ad theach

Air mhòran bìdh ’s air bheag eudaich;

’S ionmhainn am fireann’ a tha a-muigh

Ó Birein às a’ Bhreugaich

Chuir an t-iarla fàilte is furan air Ó Birein agus chuir e dhachaigh e le trì fichead de chrodh bainne.

Uill, ’s e sin an dàn, agus an seanfhacal. Ach bu mhath leam rudeigin a ràdh mu Bhlàr Inbhir Lòchaidh fhèin. Bha dà bhlàr ainmeil air an làraich sin – fear ann an ceithir cheud deug, trithead ’s a h-aon (1431) agus fear eile ann an sia ceud deug, ceathrad ’s a còig (1645). An-dràsta, tha mi dìreach airson sùil a thoirt air an fhear anns a’ chòigeamh linn deug.

Ann an ceithir cheud deug, fichead ’s a seachd (1427) chaidh iarraidh air na cinn-chinnidh Ghàidhealach coinneachadh ann an Inbhir Nis. Bha an Rìgh gu bhith an làthair. Bha na cinn-chinnidh a’ smaoineachadh gum biodh an Rìgh a’ cur fàilte orra. Ach ’s ann air a’ chaochladh a bha e. Chaidh na ceannardan Gàidhealach a chur an grèim. Bha iad dhen bheachd gun deach an car a thoirt asta. Chì sinn mar a dh’èirich Blàr Inbhir Lòchaidh às a sin anns an ath Litir.

Faclan na Litreach: Iarla Mhàrr: The Earl of Mar; Blàr Inbhir Lòchaidh: The Battle of Inverlochy; Gleann Ruaidh: Glen Roy; cuid-oidhche: a night’s lodging; Cionn Droma: Kildrummy (near Alford in Aberdeenshire); dorsair: doorman (also used for a school janitor).

Abairtean na Litreach: ’S Math an Còcaire an t-Acras: hunger is a good cook; tha mi airson tuilleadh innse dhuibh: I want to tell you more; oidhche dhomh bhith ann ad theach: one night [when] I was in your house; air mhòran bìdh ’s air bheag eudaich: on plenty food and little clothing; fhuaras sàth mòr de dh’fheòil air droch bhruich: a fill was got of badly cooked meat; chaidh an t-iarla a leòn na shliasaid: the earl was wounded in his thigh; theich e fhèin is sgalag aige: he and a servant of his fled; air allaban: wandering; a bha ri buachailleachd: who were herding cattle; mheasgaich iad min-eòrna le uisge: they mixed barley meal with water; am biadh as fheàrr a fhuair e riamh: the best food he ever got; nan tigeadh ainneart air: if he were to suffer oppression; nach leigeadh e leas ach thighinn chun a’ chaisteil aige: that he would only have to come to his castle; dh’fhairich an t-iarla fuaim a’ chonnsachaidh: the earl heard the noise of the argument; an làthair: present; chaidh X a chur an grèim: X were arrested; gun deach an car a thoirt asta: that they were [had been] deceived.

Puing-chànain na Litreach: ’S ionmhainn am fireann’ a tha a-muigh: dear is the man who is outside. Last week I told you of the origins of the adverbs a-steach and a-staigh. This week it’s the turn of their opposite numbers – a-mach and a-muigh. According to MacBain’s Etymological Dictionary, the Early Irish form of a-mach was immach which was derived from in,“into” and magh, a “field” ie literally “into the field” – using mach, the accusative form of magh (we don’t have separate accusatives any more). A-muigh was immaig, with magh in its dative form meaning “in the field”. If that interpretation is correct, the individual meanings of a-mach (movement out) and a-muigh (the state of being outside) are very long-standing.

Gnàthas-cainnt na Litreach: ’s ann air a’ chaochladh a bha e : it was otherwise.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 124

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean