FaclairDictionary EnglishGàidhlig

754: Tormod an t-Seòladair (4)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Tormod an t-Seòladair (4)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu ‘fhear nan nathraichean’, Tormod an t-Seòladair. Bha e cuideachd measail air easgannan. Fhuair e a-mach gum bi an easgann na tàmh anns a’ gheamhradh. Tha e car coltach ri cadal a’ gheamhraidh, no cadal na feòraig.

Timcheall air deireadh na Dàmhair bidh easgannan ann an lochan le poll air a’ ghrunnd gan cladhach fhèin a-steach don pholl. Bidh an fheadhainn anns na h-uillt is aibhnichean a’ dol a dh’ionnsaigh na màthar-uisge. Gheibh iad lorg air àite bog is fliuch. Nì iad toll dhaibh fhèin agus sin far an cuir iad seachad an geamhradh. Nochdaidh iad a-rithist aig toiseach a’ Ghiblein.

Bha beachd inntinneach aig Tormod air a’ ghnothach seo. Mura b’ e gun robh easgannan a’ faighinn cadal a’ gheamhraidh, thuirt e, bhiodh na bric is bradain ann an aibhnichean is lochan na h-Alba a’ dol à bith taobh a-staigh dusan bliadhna. Ciamar? Uill, nuair a tha na h-èisg sin a’ sìolachadh, tha na h-easgannan am falach anns na tuill aca. Nam biodh iad a-muigh, agus a’ lorg biadh, chan fhada gus an itheadh iad iuchair a’ bhric ’s a’ bhradain, agus na h-èisg bheaga a bharrachd.

Fad nan ceudan bhliadhnaichean, bhathar a’ creidsinn, nan tuiteadh gaoisid à earball no muing eich a dh’uisge, gum biodh i a’ tionndadh na h-easgainn an ceann beagan seachdainean. Nise, bha Tormod gu math measail air beul-aithris agus chlàir e stòiridhean a chuala e aig an taigh ann an Leòdhas. Ach thuig e nach robh seo fìor.

Ge-tà, sgrìobh e rud inntinneach mu dheidhinn: ‘Chunnaic mi le mo shùilean fhèin,’ sgrìobh e, ‘gaoisid eich mu cheithir òirlich a dh’fhaid a’ sealltainn ghluasadan ainmhidheach le bhith a’ snìomh bho thaobh gu taobh. Bha a’ ghaoisid seo air a bhith ann an uisge salach airson timcheall air sia seachdainean…’ A’ gluasad mar easgann!

Bha mìneachadh saidheansail aige. An dèidh greis ann an uisge, fàsaidh meadhan gaoisid còsach. Gheibh meanbh-bhiastagan, leithid protozoa, a-steach ann. Bidh iad cuideachd air an taobh a-muigh dhen ghaoisid. Agus ’s e an gluasad acasan a tha a’ toirt air a’ ghaoisid a bhith a’ gluasad mar gu bheil i beò.

Bha beachd cuideachd aig Tormod air uilebheist Loch Nis. Aig an àm sin, bha na pàipearan-naidheachd làn aithrisean mu Niseag. Bha Tormod dhen bheachd gun robh rudeigin mòr beò ann an uisgeachan an locha. Bha e dhen bheachd gur dòcha gur e easgann mòr mòr a bh’ ann. ’S e an aon mhìneachadh a bh’ aige airson beul-aithris mu uilebheist anns na lochan ann am meadhan Leòdhais. Saoil an canadh e an-diugh gu bheil uilebheist gu cinnteach ann an Loch Nis?

Bu mhath leam crìoch a chur air cunntasan Thormoid air nàdar le naidheachd a chuala e ann an Ceann Tìre. Bha ùidh aig Tormod ann am farspagan.

Bha bodach a bha seo air na fiaclan fuadain aige a ghlanadh. Chuir e air clach iad airson ’s gun tiormaicheadh iad ann an solas na grèine. Thàinig farspag agus ghoid i na fiaclan. Bha am bodach dhen bheachd nach fhaiceadh e tuilleadh iad. Ach, beagan làithean às dèidh sin, bha iad air an lorg, slàn, air tràigh mu mhìle air falbh bhon taigh aige. Tha abairt ùr a’ tighinn dham cheann. ’S dòcha gun cleachd mi uaireigin i … leig mi e mar a leig an fharspag na fiaclan! Beannachd leibh.

Faclan na Litreach: easgann: eel; bric: trout (pl); bradain: salmon (pl); a’ sìolachadh: spawning; saidheansail: scientific; farspag: black-backed gull; fiaclan fuadain: false teeth; ghoid: stole.

Abairtean na Litreach: na tàmh anns a’ gheamhradh: resting in the winter; cadal a’ gheamhraidh, cadal na feòraig: hibernation; gan cladhach fhèin a-steach don pholl: digging themselves into the mud; nì iad toll dhaibh fhèin: they make a hole for themselves; a’ dol à bith taobh a-staigh dusan bliadhna: becoming extinct within twelve years; chan fhada gus an itheadh iad iuchair a’ bhric ’s a’ bhradain: it wouldn’t be long until they’d eat the spawn of the trout and salmon; bhathar a’ creidsinn: it was believed; nan tuiteadh gaoisid à earball no muing eich a dh’uisge: if a hair from the tail or mane of a horse fell into water; gum biodh i a’ tionndadh na h-easgainn:that it would turn into an eel; a’ sealltainn ghluasadan ainmhidheach le bhith a’ snìomh bho thaobh gu taobh:showing animated movements by curling from side to side; a tha a’ toirt air a’ ghaoisid a bhith a’ gluasad mar gu bheil i beò: that causes the hair to move as if it is alive; naidheachd a chuala e ann an Ceann Tìre: a wee story he heard in Kintyre; airson ’s gun tiormaicheadh iad ann an solas na grèine: so that they would dry in the sunshine; bha am bodach dhen bheachd nach fhaiceadh e tuilleadh iad: the old man reckoned he’d never see them again; beagan làithean às dèidh sin: a few days after that; bha iad air an lorg, slàn, air tràigh mu mhìle air falbh bhon taigh aige: they were found, intact, on a beach about a mile from his house; leig mi e mar a leig an fharspag na fiaclan: I dropped it like the black-backed gull dropped the teeth.

Puing-chànain na Litreach: Timcheall air deireadh na Dàmhair: around the end of October. Note that An Dàmhair is feminine. Do you have trouble recalling which of the month names are masculine and which are feminine? Here’s an easy way to remember them: The first eight ( Am Faoilleach to An Lùnastal) are masculine. The last four (An t-Sultain to An Dùbhlachd) are feminine. An t-Sultain is obviously feminine, with the t-S combination in the nominative case (as is An t-Samhain), and An Dùbhlachd is also obviously feminine, ending in –achd. Just remember that the other one of the four – An Dàmhair – is also feminine and you won’t go wrong.

Gnàthas-cainnt na Litreach: a dh’ionnsaigh na màthar-uisge: towards the river source, headwaters.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 450

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean