FaclairDictionary EnglishGàidhlig

772: An t-Urr. Dòmhnall MacCaluim (3)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An t-Urr. Dòmhnall MacCaluim (3)

Gaelic Gàidhlig

Ghluais an t-Urr. Dòmhnall MacCaluim gu coitheanal ùr ann an Eaglais na Mòintich ann an Tiriodh, àite ris an canar Heylipol ann am Beurla. Dh’fheuch Diùc Earra-Ghàidheal, an t-uachdaran, ri stad a chur air ach dh’fhàilnich air. Bha ùpraid ann an Tiriodh mu shuidheachadh an fhearainn, eadhon ged a bha Achd nan Croitearan air a dhol tron Phàrlamaid. ’S e a bu choireach ri sin gun robh tòrr choitearan ann, feadhainn aig nach robh fearann. Bha MacCaluim a’ seasamh an còraichean.

Bha droch bhàillidhean air a bhith ann an Tiriodh. Bha Iain Caimbeul, ‘Am Bàillidh Mòr’ ann. Chuir esan mòran daoine a-mach às na taighean aca.

Ghabh cuid de chroitearan tuathanas thairis. Chaidh saighdearan-mara a chur a Thiriodh. Ghèill na croitearan dhaibh. An dèidh cùis-chùirte, chaidh feadhainn dhiubh a chur don phrìosan.

Bha an t-eilean air bhoil nuair a chaidh Dòmhnall MacCaluim a dh’fhuireach ann. Cha robh aige ri daoine a phiobrachadh idir gus an còraichean a sheasamh. Bha na sgilean aige air an cur gu feum ann a bhith a’ strì gu laghail. Cha robh e anns an eilean fada ach bha na Tiristich cho toilichte leis ’s gun do chuir iad carragh-cuimhne an-àirde dha – carragh air a bheil ‘Tùr MhicCaluim’. Bidh muinntir an eilein ag ràdh – ‘Is ann le Dia a tha an talamh air a bheil Tùr MhicCaluim’.

Ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a naoi (1889), ghluais Dòmhnall a-rithist – gu coitheanal anns am bitheadh e airson ùine mhòr. Bha e a-nise ann an Leòdhas – ann an sgìre nan Loch far an robh Frìth na Pàirce. Bha an sgìre ainmeil airson ‘Creach Mhòr nam Fiadh’ dà bhliadhna roimhe. Bha na croitearan air fèidh a mharbhadh mar phàirt de dh’iomairt an aghaidh an droch uachdranais a bha a’ milleadh an àite. Nuair a bha Dòmhnall fhathast ann an Tiriodh, chumadh cuirm-chiùil airson airgead a thogail do na croitearan anns an sgìre sin.

Cha robh Dòmhnall a-nise cho buileach radaigeach ’s dòcha ’s a bha e air a bhith roimhe sin. Agus fhuair e e fhèin an aghaidh cuid de na croitearan nuair a ghabh iad thairis pàirt de ghlìb na h-Eaglaise. Ach lean e air le bhith a’ toirt taic do Lìog an Fhearainn. Sheas e an aghaidh beachd a’ Mhorair Leverhulme, ‘Bodach an t-Siabainn’, a bha ag iarraidh crathadh a thoirt air cleachdadh an fhearainn ann an Leòdhas.

Bha e cuideachd an sàs ann an sgeamaichean a chuir mòran fhear òga à Leòdhas gu ruige Patagonia far an robh iad ri cìobaireachd is obair nan caorach. Bidh cuid dhen bheachd, ’s dòcha, gu bheil e annasach gun robh Dòmhnall MacCaluim a’ brosnachadh eilthireachd aig an aon àm ’s a bha e a’ seasamh còraichean nan daoine. Ach ’s dòcha nach robh e ga thomhas mar eilthireachd, oir thill a’ chuid a bu mhotha de na h-eilthirich dhachaigh aig a’ cheann thall.

Ghluais Dòmhnall don Eilean Sgitheanach nuair a leig e dheth a dhreuchd mar mhinistear. Ann an naoi ceud deug, fichead ’s a sia (1926), trì bliadhna mus do chaochail e, dh’fhosgail e carragh-cuimhne ann an Glaschu do ghaisgeach eile a bha an sàs ann an strì an fhearainn. B’ esan Dòmhnall MacRath, am maighstir-sgoile ann am Bail’ Ailein aig àm Creach Mhòr nam Fiadh. Bheir sinn sùil airsan an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach: coitheanal: congregation; Diùc Earra-Ghàidheal: The Duke of Argyll; ùpraid: unrest; Achd nan Croitearan: The Crofters’ Act; saighdearan-mara: marines; ghèill: yielded; Creach Mhòr nam Fiadh: The Great Deer Raid (of Pàirc); Dòmhnall MacRath: Donald MacRae.

Abairtean na Litreach: Dh’fheuch X ri stad a chur air ach dh’fhàilnich air: X tried to stop him but he failed; ’s e a bu choireach ri sin gun robh tòrr choitearan ann: what was responsible for that was there were many cottars; a’ seasamh an còraichean: defending their rights; bha droch bhàillidhean air a bhith ann an Tiriodh: there had been bad factors in Tiree; an dèidh cùis-chùirte, chaidh feadhainn dhiubh a chur don phrìosan: after a court case, some of them were sent to prison; cha robh aige ri daoine a phiobrachadh: he didn’t have to incite the people; bha na Tiristich cho toilichte leis ’s gun do chuir iad carragh-cuimhne an-àirde dha: the Tiree folk were so happy with him that they erected a memorial cairn to him; mar phàirt de dh’iomairt an aghaidh an droch uachdranais a bha a’ milleadh an àite: as part of a campaign against the bad landlordism that was destroying the place; chumadh cuirm-chiùil: a concert was held; cho buileach radaigeach ’s dòcha ’s a bha e air a bhith roimhe sin:as completely radical as he’d perhaps been before that; nuair a ghabh iad thairis pàirt de ghlìb na h-Eaglaise:when they took over part of the church’s glebe; a bha ag iarraidh crathadh a thoirt air cleachdadh an fhearainn:who wanted to shake up land use; far an robh iad ri cìobaireachd is obair nan caorach:where they were involved with shepherding and working with sheep; thill a’ chuid a bu mhotha de na h-eilthirich dhachaigh aig a’ cheann thall: most of the emigrants eventually returned home.

Puing-chànain na Litreach: a’ brosnachadh eilthireachd: promoting emigration. There are many instances where English has gone to another language to borrow a word while Gaelic has created a word from its own roots. ‘Emigrate’ comes from Latin. The Gaelic equivalent comes from eile + tìr ‘other land’ ie foreign land. In earlier times, much overseas travel was for the purpose of pilgrimage, which is another meaning of eilthireachd.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Bodach an t-Siabainn: ‘the old man of the soap’ . This is the Gaelic nickname for Lord Leverhulme, for a while the landlord of Lewis and Harris, who made his fortune in soap. He is still known colloquially by his Gaelic nickname.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 468

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean