FaclairDictionary EnglishGàidhlig

861: Raibeart Sibbald

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Raibeart Sibbald

Gaelic Gàidhlig

As t-fhoghar an-uiridh chaidh urram sònraichte a bhuileachadh air an Àrd-ollamh Teàrlach Withers. Tha e na àrd-ollamh de Chruinn-eòlas ann an Oilthigh Dhùn Èideann. Chaidh ainmeachadh an-uiridh mar Chruinn-eòlaiche Rìoghail na h-Alba.

Nise, cha robh a leithid againn airson greis mhòr. Am fear mu dheireadh a bha na Chruinn-eòlaiche Rìoghail, bha an t-urram air a bhuileachadh air leis a’ Bhanrigh Bhictoria. Cha b’ ann an-dè a bha sin!

Dè bhios Cruinn-eòlaiche Rìoghail a’ dèanamh? Uill, bidh e na thosgaire airson Cruinn-eòlas aig ìre nàiseanta agus eadar-nàiseanta. Faodaidh e a bheachd a thoirt air blàthachadh na cruinne, goireasan siubhail, mapaichean, in-imrich, teagasg cruinn-eòlais agus eile. Agus cha dèan e cron air a’ Ghàidhlig gu bheil an inbhe sin air Teàrlach Withers. Tha e gu math fiosrachail mu eachdraidh agus cruinn-eòlais a’ chànain. ’S e a sgrìobh an leabhar ‘Gaelic in Scotland 1698-1981: The Geographical History of a Language’.

Chaidh an dreuchd – Cruinn-eòlaiche Rìoghail na h-Alba – a chruthachadh o chionn còrr is trì cheud bliadhna nuair a bha Teàrlach II air a’ chathair rìoghail. B’ e a’ chiad duine san dreuchd Sir Raibeart Sibbald. Bhuineadh Sibbald do Dhùn Èideann agus dh’èirich e gu bhith na Àrd-ollamh (a’ chiad fhear) ann an Eòlas-leigheis ann an Oilthigh Dhùn Èideann. Bha e am measg stèidheadairean na dà chuid – Colaiste Rìoghail nan Lighichean ann an Dùn Èideann agus an Lios Luibheach Rìoghail anns an aon bhaile. Bha ùidh agus eòlas aige air lusan, ainmhidhean, eachdraidh – agus cruinn-eòlas.

Ann an sia ceud deug, ochdad ’s a dhà (1682), chaidh an tiotal Cruinn-eòlaiche Rìoghail na h-Alba a bhuileachadh air. Bhathar an dùil gun sgrìobhadh Sibbald trì leabhraichean. Bhiodh a’ chiad fhear – Scotia Illustrata – mu dheidhinn nàdar. Agus bhiodh dà leabhar ann mu chruinn-eòlas – Scotia Antiqua agus Scotia Moderna. Tuigidh sibh fhèin an diofar eatarra! Ach, gu mì-fhortanach, ’s e Scotia Illustrata a-mhàin a thàinig a-mach ann an clò. Chleachd feadhainn eile obair Sibbald, ge-tà, mar bhun-stèidh do na leabhraichean aca fhèin.

Rinn Sibbald aon rud a tha fìor chudromach dhuinn an-diugh. Fhuair e grèim air cuid de na mapaichean a rinn Timothy Pont aig deireadh an t-siathamh linn deug. Chaidh na pàipearan aige, agus stuth Phont nam measg, do Leabharlann an Luchd-tagraidh nuair a chaochail e agus mar sin tha iad againn ann an Leabharlann Nàiseanta na h-Alba. Abair gu bheil iad prìseil!

Mar a bha mi ag ràdh, bha ùidh mhòr agus ùghdarras mòr aig Sibbald a thaobh nàdar. Rinn e a’ chiad thuairisgeul saidheansail dhen mhuic-mhara ghuirm. Chaidh an creutair – am fear as motha san t-saoghal – ainmeachadh an toiseach mar Sibbaldus. An-diugh tha e anns an genus Balaenoptera. Tha genus luis ann air a bheil Sibbaldia. ’S e sin an t-ainm a th’ air iris bhliadhnail a tha Lios Luibheach Rìoghail Dhùn Èideann a’ foillseachadh.

Agus tha sin gam thoirt gu rudeigin nach eil cho math a rinn Raibeart Sibbald. Co-dhiù bidh daoine ga choireachadh air a shon. Tha eun air am bi sibh eòlach, ma tha sibh air a bhith a’ coiseachd nam beann ann an Alba – an tàrmachan no tormachan. Tha an t-ainm ciallach. Ach cha do thuig Sibbald gur ann bhon Ghàidhlig a thàinig ainm Beurla an eòin. Agus sgrìobh e e le ‘p’ aig an toiseach – ptarmigan. ’S iomadh rud math a rinn e, ach cha b’ e sin fear dhiubh!

Faclan na Litreach: cruinn-eòlas: geography; Cruinn-eòlaiche Rìoghail na h-Alba: Geographer Royal for Scotland; tosgaire: ambassador; in-imrich: immigration; inbhe: status; dh’èirich e: he rose; Colaiste Rìoghail nan Lighichean: The Royal College of Physicians; Lios Luibheach Rìoghail: The Royal Botanic Gardens; Leabharlann an Luchd-tagraidh: The Advocates’ Library; Leabharlann Nàiseanta na h-Alba: The National Library of Scotland; iris: magazine.

Abairtean na Litreach: As t-fhoghar an-uiridh: in autumn last year; chaidh urram sònraichte a bhuileachadh air an Àrd-ollamh Teàrlach Withers:a special honour was bestowed upon Professor Charles Withers; faodaidh e a bheachd a thoirt air blàthachadh na cruinne: he can give his opinion on global warming; nuair a bha Teàrlach II air a’ chathair rìoghail: when Charles II was on the throne; am measg stèidheadairean na dà chuid: among the founders of both; bha ùidh agus eòlas aige air: he had an interest in, and knowledge of; bhathar an dùil gun sgrìobhadh Sibbald trì leabhraichean: it was expected that Sibbald would write three books; tuigidh sibh fhèin an diofar eatarra:you (yourself) will understand the difference between them; ’s e X a-mhàin a thàinig a-mach ann an clò: it was only X that was published [came out in print]; mar bhun-stèidh do na leabhraichean aca fhèin: as a basis for their own books; aig deireadh an t-siathamh linn deug: at the end of the sixteenth century; abair gu bheil iad prìseil: they are really valuable; a’ chiad thuairisgeul saidheansail dhen mhuic-mhara ghuirm: the first scientific description of the blue whale; bidh daoine ga choireachadh air a shon: people blame him for it; ’s iomadh rud math a rinn e, ach cha b’ e sin fear dhiubh: he did many good things but that wasn’t one of them.

Puing-chànain na Litreach: tàrmachan no tormachan: the Wester Ross form of tàrmachan tormachan – gives us an indication of the origin of the bird’s name. It is based on torm ‘murmur’, a description of the bird’s call. It is one of the evocative sounds of our high mountains! Robert Sibbald gave it a pseudo-Greek flavour by writing it ‘ptarmigan’ in English, even though old Scots forms have it starting with a ‘t’. Thus we are stuck with what appears to be an etymological anomaly. The bird has a few other names, some of them evocative and relating to its turning white and living above the snowline in winter – gealag-bheinne, eun-bàn an t-sneachda, sneachdag and sneachdaire. Two other names given by Dwelly defy my attempts at an etymology – smachdair and smachdan. Any thoughts?

Gnàthas-cainnt na Litreach: Cha b’ ann an-dè a bha sin : that wasn’t yesterday.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 557

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean