FaclairDictionary EnglishGàidhlig

479: Muileann-cotain ann an Stanley

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Muileann-cotain ann an Stanley

Gaelic Gàidhlig

Cha b’ ann le deòin no fathann taitneis

Chuir sinn cùl ri fearann ’s acfhuinn,

Treud chrodh-laoigh is chaora thapaidh,

Corca ’s eòrna crom nam pailteas,

Siud a thug ar cuimhne leinn.

Chan eil fhios a’m a bheil sibh ag aithneachadh na bàrdachd sin no cò air a tha am bàrd a-mach. ’S e am bàrd Aonghas Dubh MacNeacail agus tha e a-mach air daoine a thrèig an cuid fearainn airson beatha ùr co-cheangailte ri tionnsgalachd an ochdamh linn deug. Seo pìos eile bhon dàn:

Aig deireadh latha na mo shuaimhneas,

Fuaim an uisge ruith trom smuaintean

’S a’ pasgadh fearsaid làn a chadail,

Snàth mo shaothair grinn na thlachd dhomh,

Neart na spèis a thug sinn leinn.

’S dòcha gun do dh’obraich sibh a-mach gun robh na daoine anns an dàn ag obair ann am muileann-cotain. Bha am muileann ann an Stanley ann an Siorrachd Pheairt agus, ma tha sibh airson an còrr dhen dàn aig Aonghas Dubh a leughadh, feumaidh sibh a dhol ann. Tha a’ bhuidheann Alba Eachdraidheil air ionad turasachd fhosgladh ann. Agus dh’iarr iad air Aonghas pìos de bhàrdachd Ghàidhlig a sgrìobhadh airson an taisbeanaidh. Tha bàrdachd ann cuideachd ann am Beurla is Albais.

Tha Stanley air bruach Abhainn Tatha, beagan mhìltean shuas an abhainn bho bhaile mòr Pheairt. Tha ainm a’ tighinn bho theaghlach Iarla Derby, oir rinn iadsan ceangal tro phòsadh le teaghlach Diùc Athall anns an t-seachdamh linn deug. B’ e Diùc Athall uachdaran na sgìre. Cha robh mòran ann an Stanley airson ceud bliadhna. Ach ann an seachd ceud deug, ochdad ’s a sia (1786) chaidh baile ùr a stèidheachadh ann, le muilnean-cotain mòra na chois. Bha na muilnean stèidhichte air an inneal a rinn Ridseard Arkwright, an t-innleachdair Sasannach.

Dh’fhàs muilnean Stanley gu math mòr. ’S ann dìreach ann an naoi ceud deug, ochdad ’s a naoi (1989) a sguir iad. Agus aig an toiseach bha an t-uabhas de Ghàidheil ag obair ann – daoine às na glinn ann an Siorrachd Pheairt fhèin. Chualas Gàidhlig gu leòr am measg bragadaich na h-uidheamachd.

Sin Stanley ann an nuadh-eachdraidh na h-Alba. Ach tha an t-àite ainmeil, co-dhiù a rèir beul-aithris, ann an seann eachdraidh na h-Alba. Tha e co-cheangailte ris a’ chluaran no fòghnan. Agus mar a tha an lus sin na shuaicheantas nàiseanta do dh’Alba.

Faisg air Stanley tha eileach, no cairidh, anns an abhainn. Aig aon àm bha e a’ dol tarsainn na h-aibhne bho bhruach gu bruach. Chaidh a bhriseadh sa mheadhan san naoidheamh linn deug airson leigeil le bradain faighinn suas an abhainn. Faisg air an eileach bha arm na h-Alba a’ campachadh. Bha arm Lochlannach anns an nàbaidheachd, ach air taobh eile na h-aibhne.

Air an oidhche chaidh na Lochlannaich tarsainn na h-aibhne air an eileach. Bha iad airson ionnsaigh a thoirt air na h-Albannaich gun fhiosta dhaibh. Mar sin, bha iad casruisgte. Ach nuair a ràinig iad am bruach thall, sheas fear de na Lochlannaich air cluaran. Dh’èigh e le pian. Dhùisg na h-Albannaich agus rinn iad a’ chùis air na Lochlannaich.

Agus ’s e sin as coireach gur e an cluaran lus nàiseanta na h-Alba. Ann an Albais, ’s e Thistle Brig a chanar ris an eileach. Bhiodh e inntinneach faighinn a-mach dè chanadh na Gàidheil ris, an dà chuid anns an t-seann aimsir nuair a b’ i a’ Ghàidhlig cànan na sgìre, agus anns an ochdamh is naoidheamh linn deug nuair a bha na h-uibhir aig an robh Gàidhlig ag obair anns na muilnean ann an Stanley.

Faclan na Litreach: tionnsgalachd: industrialisation; Siorrachd Pheairt: Perthshire; innleachdair: inventor; nuadh-eachdraidh: modern history; cluaran, fòghnan: thistle; suaicheantas: symbol, emblem; eileach, cairidh: weir; bradain: salmon (pl); nàbaidheachd: vicinity; casruisgte: bare-footed; sheas: stood; dh’èigh: shouted.

Abairtean na Litreach: cha b’ ann le deòin no fathann taitneis: it’s not with willingness nor hint of pleasure; chuir sinn cùl ri fearann ’s acfhuinn: we turned away from land and equipment; treud chrodh-laoigh is chaora thapaidh: herds of cattle or spirited sheep; corca ’s eòrna crom nam pailteas: oats and barley heavy with ripeness; siud a thug ar cuimhne leinn: that’s what our memory brought with us; daoine a thrèig an cuid fearainn: people that forsook their land; aig deireadh latha na mo shuaimhneas: at day’s end in my repose; ’s a’ pasgadh fearsaid làn a chadail: wrapping the full spindle of sleep: snàth mo shaothair grinn na thlachd dhomh: my neat labour’s threads a satisfaction; neart na spèis a thug sinn leinn: strength of the respect we brought with us; tha Alba Eachdraidheil air ionad turasachd fhosgladh ann: Historic Scotland have opened a visitor centre there; Abhainn Tatha: River Tay; beagan mhìltean shuas an abhainn: a few miles up the river; le muilnean-cotain na chois: with cotton mills along with it; chualas X am measg bragadaich na h-uidheamachd: X was heard amongst the clattering of the machinery; gun fhiosta dhaibh: without their knowledge.

Puing-chànain na Litreach: muileann-cotain: cotton mill. A few words carry different genders in different parts of the country and muileann is a good example. In Lewis and Harris it is feminine and pronounced (and written) muilinn (“the mill” is a’ mhuilinn). This might be derived from the genitive form of the more standard muileann, which is masculine (“the mill” is am muileann). In most dialects “the mill-stream” is Allt a’ Mhuilinn, whereas in Lewis and Harris it would be Allt na Muilne. Don’t be fazed by such differences – follow local example or that of your teacher. I have given a cotton mill as muileann-cotain (in the nominative). But for those for whom the word is feminine would likely call it muilinn-chotain with the second element lenited in agreement with the noun. The plural of both is muilnean-cotain.

Gnàthas-cainnt na Litreach: às na glinn: from the glens.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 175

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean