FaclairDictionary EnglishGàidhlig

880: Flùr na h-Alba

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Flùr na h-Alba

Gaelic Gàidhlig

Dè an lus a th’ air ainmeachadh ann an laoidh nàiseanta na h-Alba? Tha mi a’ ciallachadh le sin Flower of Scotland a chaidh a sgrìobhadh le Roy Williamson nach maireann o chionn timcheall air leth-cheud bliadhna. Uill, cha do dh’ainmich Roy lus sam bith. Tha mi dhen bheachd gun robh e a-mach air na daoine, seach lusan, nuair a chleachd e am facal ‘flower’.

Ach, leis an fhìrinn innse, tha lus air ainmeachadh anns an òran. Fraoch. Carson a tha mi ag ràdh sin? Uill, tha dreach Gàidhlig air – agus tha ‘fraoch’ a’ nochdadh ann. Seo a’ chiad rann dheth:

O Fhlùir na h-Albann, Cuin a chì sinn an seòrsa laoich, A sheas gu bàs ’son, Am bileag feòir is fraoich, A sheas an aghaidh, Feachd uailleil Iomhair, ’S a ruaig e dhachaigh, Air chaochladh smuain.

Tha an t-eadar-theangachadh math, nach eil? Tha mi air aon fhacal atharrachadh. Tha mi air ‘smuain’ a chur ann aig an deireadh, ged as e ‘smaoin’ a bh’ anns an eadar-theangachadh, mar gum biodh, ‘oifigeil’. Chanadh mòran ‘smuain’ ach tha an dà chuid ceart. Cuideachd, chanadh a’ chuid mhòr ‘na h-Alba’ an-diugh, seach ‘na h-Albann’, ach dh’fhàg mi sin mar a bha e. Tha fhios gur e ‘na h-Albann’ a chanadh daoine anns an treas linn deug nuair a chaidh feachd uailleil Iomhair a ruagadh dhachaigh!

Chan eil mi ag ràdh gu bheil mi cho measail sin air an òran mar laoidh nàiseanta. Uaireigin gheibh Alba òran nas freagarraiche. Ach rinn an t-eadar-theangair obair mhath dha-rìreabh. Tha an dreach Gàidhlig, ann an dòigh, a cheart cho iomchaidh agus tarraingeach ’s a tha an dreach tùsail ann am Beurla.

Chan ann tric a bhios sinn a’ cluinntinn an dàrna rann dhen òran. Ach seo e ann am Beurla: The hills are bare now, And autumn leaves lie thick and still, O'er land that is lost now, Which those so dearly held, And stood against him, Proud Edward's army, And sent him homeward, Tae think again.

Agus seo an dàrna rann ann an Gàidhlig: Na cnuic tha lomnochd, ’S tha duilleach Foghair mar bhrat air làr, Am fearann caillte, Dan tug na seòid ud gràdh, A sheas an aghaidh, Feachd uailleil Iomhair, ’S a ruaig e dhachaigh, air chaochladh smuain.

Agus cò e a rinn an t-eadar-theangachadh? Uill, tha eachdraidh a’ ghnothaich gu math inntinneach agus annasach. Bha an Hearach, Iain Aonghas MacLeòid nach maireann, a bha a’ fuireach anns an Leargaidh Ghallta, aig cèilidh ann an Dùn Dè. Bha tè Anna NicGillEathain dìreach air dreach Beurla an òrain a ghabhail. Thuirt i ri Iain Aonghas gum bu truagh e nach robh dreach Gàidhlig air an òran. Ghabh ar laoch ris an dùbhlan agus taobh a-staigh fichead mionaid bha e air eadar-theangachadh a dhèanamh! Dh’èirich Anna ga a casan agus ghabh i e – ann an Gàidhlig. Bha Iain Aonghas air leth sgileil mar bhàrd – agus eadar-theangair.

A-nise an treas rann. Seo mar a tha e a’ tòiseachadh ann am Beurla: Those days are past now, And in the past they must remain …

Agus seo e ann an Gàidhlig: Tha ’n eachdraidh dùinte, Ach air dìochuimhne, Chan fheum i bhith, Is faodaidh sinn èirigh, Gu bhith nar Rìoghachd a-rìs, A sheas an aghaidh, Feachd uailleil Iomhair, ’S a ruaig e dhachaigh, Air chaochladh smuain .

Beannachd leibh.

Faclan na Litreach : laoidh nàiseanta: national anthem; nach maireann: deceased (‘the late’); fraoch: heather; eadar-theangair:translator; lomnochd: bare; Hearach: Harrisman; Iain Aonghas MacLeòid: John Angus MacLeod; an Leargaidh Ghallta: Largs.

Abairtean na Litreach : o chionn timcheall air leth-cheud bliadhna: around fifty years ago; gun robh e a-mach air na daoine, seach lusan: that he was referring to the people, rather than plants; cuin a chì sinn an seòrsa laoich: when shall we see the type of heroes; a sheas gu bàs ’son am bileag feòir is fraoich: who stood to die for their wee bit of grass and heather; a sheas an aghaidh feachd uailleil Iomhair: who stood against Edward’s haughty army (a closer version to the English would be feachd Iomhair uailleil, and a more common form of Edward today is Eideard); ’s a ruaig e dhachaigh air chaochladh smuain: and sent him home to consider the alternative; tha an dà chuid ceart: both are correct; anns an treas linn deug: in the thirteenth century; gu bheil mi cho measail sin air an òran mar laoidh nàiseanta:that I particularly like the song as a national anthem; uaireigin gheibh Alba òran nas freagarraiche:some day Scotland will get a more suitable song; cho iomchaidh agus tarraingeach ’s a tha an dreach tùsail: as suitable and attractive as the original; am fearann caillte dan tug na seòid ud gràdh: the lost land which those heroes loved; gum bu truagh e nach robh dreach Gàidhlig air an òran: that it was a pity there was no Gaelic version of the song; ghabh ar laoch ris an dùbhlan: our man [hero] accepted the challenge; ach air dìochuimhne chan fheum i bhith: but it does not have to be forgotten.

Puing-chànain na Litreach : Consider this from the first verse of the Gaelic translation: O Fhlùir na h-Albann, Cuin a chì sinn an seòrsa laoich, A sheas gu bàs ’son, Am bileag feòir is fraoich... Isn’t it terrific?! It’s arguably better than the original English! The genius lay in seeing how the genitive singular of fraoch ie fraoich would rhyme perfectly with the plural form of laoch ie laoich and still maintain the overall thrust and meaning of the original. The work of a master translator.

Gnàthas-cainnt na Litreach : faodaidh sinn èirigh : we can [may] arise.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 576

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean