FaclairDictionary EnglishGàidhlig

929: Comharrachadh an Tiomnaidh Nuaidh

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Comharrachadh an Tiomnaidh Nuaidh

Gaelic Gàidhlig

Halo a-rithist. Nise, tha ceist mhòr agam dhuibh aig toiseach na Litreach an t-seachdain seo. Dè an naidheachd a bu mhotha a bh’ aig na Gàidheil o chionn dà cheud gu leth bliadhna? Tha mi a’ ciallachadh le sin gun do thachair rudeigin mòr o chionn dà cheud gu leth bliadhna a bha air leth cudromach ann an eachdraidh nan Gàidheal. Ma dh’obraicheas sibh air ais, tha mi a’ bruidhinn mun bhliadhna seachd ceud deug, seasgad ʼs a seachd (1767).

A bheil e agaibh? Uill, fàgaibh mi sibh a’ meòrachadh air a’ ghnothach mus till mi thuige. Bha mi aig òraid o chionn beagan sheachdainean aig Comunn Gàidhlig Inbhir Nis. Bha an t-Àrd-oll. Dòmhnall Meek a’ toirt seachad òraid mun bhàrd spioradail, Dùghall Bochanan. Bha an cuspair air leth inntinneach. Agus, mar a bhiodh dùil, bha an òraid air a lìbhrigeadh le snas agus soilleireachd.

Eagal ʼs nach eil sibh eòlach air ainm, bha Dùghall Bochanan na bhàrd spioradail a bha beò anns an ochdamh linn deug. Bha e na mhaighstir-sgoile ann an Ceann Loch Raineach, ach bhuineadh e do dh’Àrdach ann an Srath Eidhir ann an Siorrachd Pheairt. ʼS e Gàidhlig Shiorrachd Pheairt a bh’ aige mar chànan mhàthaireil. Tha carragh-cuimhne ann dha, an dà chuid, ann an Ceann Loch Raineach agus Srath Eidhir. Agus tha a’ chlach-uaighe aige ann an cladh nan Cananach anns an Lànaigh Bheag, faisg air Calasraid.

Sgrìobh mi mu dheidhinn Dhùghaill mu-thràth, ann an sreath Litrichean, a’ tòiseachadh le Litir sia ceud, caogad ʼs a ceithir (654). Gheibh sibh lorg air na Litrichean air an làraich ‘LearnGaelic.scot’. Dh’ionnsaich mi rudan ùra mu Dhùghall bho Dhòmhnall Meek, ge-tà. Tha an taigh anns an do rugadh is thogadh e na sheasamh fhathast, agus le cuideigin a bhuineas dha, a’ fuireach ann. Agus tha Dòmhnall dhen bheachd gum b’ e Dùghall an Gàidheal a bu chomasaiche anns an ochdamh linn deug air sgrìobhadh, an dà chuid ann an Gàidhlig is Beurla. Agus cuimhnicheamaid gun robh am bàrd ainmeil, Alasdair mac Mhaighstir Alasdair, beò aig an aon àm!

Dh’fhaighnich mi de Dhòmhnall às dèidh na h-òraid an robh Alasdair agus Dùghall eòlach air a chèile. ‘ʼS iongantach mura robh,’ fhreagair e, ged a dh’aidich e nach do lorg e fianais sgrìobhte air sin fhathast. Ach tha teans ann gun do choinnich iad, ʼs dòcha, ann an Glaschu. Smaoinichibh air sin. Nach math an còmhradh agus a’ Ghàidhlig a bhiodh ann eadar an dithis!

Tha an ùine a’ ruith orm , agus tha mi airson tilleadh don cheist a chuir mi aig toiseach na Litreach. Dè an gnothach mòr a thachair, ann an saoghal na Gàidhlig, o chionn dà cheud is caogad bliadhna? Pròiseact anns an robh Dùghall Bochanan fhèin an sàs. Uill, ʼs e sin a’ bhliadhna a nochd an Tiomnadh Nuadh ann an Gàidhlig na h-Alba a’ chiad uair. Am bi na h-eaglaisean – agus na Gàidheil – a’ comharrachadh sin am-bliadhna? Tha mi an dòchas gum bi!

Gu h-oifigeil, bha Dùghall Bochanan na fhear-taice don Urramach Seumas Stiùbhart à Cill Fhinn, a bha os cionn an eadar-theangachaidh. Ach tha Dòmhnall Meek dhen bheachd gun do rinn Bochanan fad a bharrachd na ʼn Stiùbhartach airson am pròiseact a thoirt gu buil agus gum b’ esan am prìomh eadar-theangair. Bu chòir dhuinn Dùghall Bochanan fhèin a chomharrachadh cuideachd air a’ bhliadhna seo.

Faclan na Litreach: Dùghall Bochanan: Dugald Buchanan; àrd-ollamh:professor; cuimhnicheamaid: let us remember; Cill Fhinn: Killin.

Abairtean na Litreach: o chionn dà cheud gu leth bliadhna: 250 years ago; ma dh’obraicheas sibh air ais: if you work back; fàgaibh mi sibh a’ meòrachadh air a’ ghnothach mus till mi thuige: I’ll leave you contemplating the matter before I return to it; air a lìbhrigeadh le snas agus soilleireachd: delivered with elegance and clarity; bha e na mhaighstir-sgoile ann an Ceann Loch Raineach: he was a schoolmaster in Kinlochrannoch; bhuineadh e do dh’Àrdach ann an Srath Eidhir ann an Siorrachd Pheairt: he belonged to Ardoch in Strathyre in Perthshire [although included in Stirlingshire since 1973, it is still thought of by many as Perthshire]; mar chànan mhàthaireil: as a mother tongue; tha a’ chlach-uaighe aige ann an cladh nan Cananach: his gravestone is in the Buchanan cemetery; an Lànaigh Bheag, faisg air Calasraid: Little Leny, near Callander; tha an taigh anns an do rugadh is thogadh e na sheasamh fhathast: the house in which he was born and raised is still standing; le cuideigin a bhuineas dha, a’ fuireach ann:with a relation of his living there; ʼs iongantach mura robh: I’d be surprised if [they] weren’t; ged a dh’aidich e nach do lorg e fianais sgrìobhte air sin fhathast: although he admitted that he hadn’t found documentary evidence of that yet; tha teans ann gun do choinnich iad: there’s a chance that they met; ʼs e sin a’ bhliadhna a nochd an Tiomnadh Nuadh ann an Gàidhlig na h-Alba a’ chiad uair: that’s the year the New Testament appeared in Scottish Gaelic for the first time; am bi na h-eaglaisean a’ comharrachadh sin?: will the churches be marking that?; gum b’ esan am prìomh eadar-theangair: that he was the primary translator.

Puing-chànain na Litreach: Eagal ʼs nach eil sibh eòlach air ainm: in case/lest you are not familiar with his name. The full phrase is Air eagal ʼs nach eil sibh ... but in speech the preposition ‘air’ is often omitted – and I have done that here to make the language I am using as informal as possible. Sometimes you will hear it without the ʼs (which is a reduced form of ‘agus’) eg air eagal gun can thu ‘in case you should say’ – but for many the ʼs should be there and it feels unnatural without it.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Tha an ùine a’ ruith orm: time is running out.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 625

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean