FaclairDictionary EnglishGàidhlig

267: Am fuaim a tha coileach a’ dèanamh

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Am fuaim a tha coileach a’ dèanamh

Gaelic Gàidhlig

Dè am fuaim a tha coileach a’ dèanamh ann an Gàidhlig? Bidh fios agaibh, tha mi an dùil, gur e “cock-a-doodle-doo” a chanas e ann am Beurla agus “coquerico” ann am Fraingis. Uill, tuigidh sibh dè tha mi a’ ciallachadh oir chan aithne dhomh aon choileach aig a bheil Beurla no Fraingis! No Gàidhlig, gu dearbh!

Ach canaidh na Gàidheil gur e an rud a tha coileach ag ràdh, “gog-a-ghuidh-ghaoidhe”. Gog-a-ghuidh-ghaoidhe. Bidh caoraich ag ràdh “mè” ann an Gàidhlig, seach “baa”, agus canaidh cù “uf” an àite “woof”.

Bhiodh na Gàidheil a’ cluinntinn rudan eadar-dhealaichte bho bheathaichean seach na chluinneadh luchd na Beurla, agus tha sin fìor mun a h-uile cultar air an t-saoghal. Bhiodh rannan aca airson innse dè bha beathaichean, is gu h-àraidh eòin, ag ràdh. Is aithne dhomh fear ann an Srath Spè aig a bheil stòras math fhathast de na seann rannan Gàidhlig sin.

Tha naidheachd èibhinn mu a leithid agam an t-seachdain seo, agus tha i à Barraigh. Tha i à cruinneachadh de stòiridhean is naidheachdan a chaidh innse le Iain Mac a’ Phearsain nach maireann no “An Codaidh” mar a b’ fheàrr a dh’aithnicheadh e. ’S e an t-ainm a th’ oirre “An Smeòrach”.

Bha fear, air an robh Iain, là a bha seo ann am Bagh a’ Chaisteil. Is bha botal uisge-bheatha na chois. Bha e a’ coiseachd dhachaigh Rathad THangasdail agus thàinig sgìths no buaidh na dighe, no an dà chuid, air. Stad e agus ghabh e norrag ri taobh an rathaid. Nuair a dhùisg e, bha a’ mhadainn ann. Bha Iain ann an staid cho truagh, agus an ceann-daoraich air, gun tug e bòid nach gabhadh e deoch làidir a-chaoidh tuilleadh.

Ach mus robh e air dùsgadh buileach ceart, chuala e ceilearadh binn. Bha smeòrach a’ seinn dha. Bha e deimhinne mu dheidhinn sin, oir thuig e na faclan aice: “Iain mac Iain, ’s tu tha tioram, ’s tu tha tioram, ’s tu tha tioram, Iain mac Iain ’s tu tha tioram.” Cheileirich i sin grunn tursan.

An dèidh dha sin a chluinntinn, leig Iain osna. Thuirt e ris fhèin, “Uill tha an smeòrach bhochd ag innse na fìrinn agus, eadhon ged a gheall mi dhomh fhìn nach gabhainn tuilleadh dhramaichean, feumaidh mi balgam beag a ghabhail.”

Ghabh e balgam beag. Goirid às dèidh sin, mhothaich e gu robh fonn ùr aig an smeòraich. Agus bha faclan ùr aice. Bha i an uair sin ag ràdh, “Iain mac Iain, gabh balgam eile, gabh balgam eile, gabh balgam eile, Iain mac Iain, gabh balgam eile.” Uill, shaoil Iain gum bu chòir dha comhairle ghlic na smeòraich a ghabhail, agus ghabh e balgam eile dhen uisge-bheatha.

A-nise cha robh mòran uisge-bheatha air fhàgail anns a’ bhotal. Bha Iain a’ coimhead air na bha air fhàgail, nuair a chuala e an smeòrach a-rithist. Fonn eile an turas seo. Le faclan ùra. “Iain mac Iain, cuir crìoch air, cuir crìoch air, cuir crìoch air, Iain mac Iain, cuir crìoch air.” Ghabh Iain a’ chomhairle bhon smeòraich, agus dh’òl e a h-uile dad a bh’ air fhàgail anns a’ bhotal.

Agus an uair sin, shaoil e gum biodh e na b’ fheàrr dha tilleadh a Bhagh a’ Chaisteil, seach a dhol dhachaigh. Thill e agus b’ esan fear dhen chiad fheadhainn a nochd aig an taigh-sheinnse air an là sin.

Agus ’s e sin stòiridh na smeòraich. Ach faodaidh sibh fhèin an co-dhùnadh a dhèanamh an robh an t-eun dha-rìreabh a’ bruidhinn ris an duine no an robh an duine a’ cluinntinn na comhairle a bu mhiann leis?!

Faclan na Litreach: coileach: cockerel; cultar: culture; eòin: birds; smeòrach: thrush; ceann-daoraich: hangover; bòid: vow; ceilearadh: singing of a bird; deimhinne: certain; fonn: tune; taigh-seinnse: pub.

Abairtean na Litreach: tuigidh sibh dè tha mi a’ ciallachadh: you will understand what I mean; chan aithne dhomh aon choileach: I don’t know one cockerel; seach na chluinneadh luchd na Beurla: compared to what English-speakers would hear; tha naidheachd èibhinn agam: I have an amusing anecdote; tha i à cruinneachadh de stòiridhean: it is from a collection of stories; Iain Mac a’ Phearsain nach maireann: the late John MacPherson; mar a b’ fheàrr a dh’ aithnicheadh e: as he was better known; bha botal uisge-bheatha na chois: he had with him a bottle of whisky; bha e a’ coiseachd Rathad Thangasdail: he was walking (on) the Tangusdale road; nach gabhadh e deoch làidir a-chaoidh tuilleadh: that he would never again take an alcoholic drink; leig e osna: he let out a sigh; tha X ag innse na fìrinn: X is telling the truth; nach gabhainn tuilleadh dhramaichean: that I wouldn’t take more drams; bha Iain a’ coimhead air na bha air fhàgail: John was looking at what was left; cuir crìoch air: finish it; shaoil e gum biodh e na b’ fheàrr dha: he thought it would be better for him; a Bhagh a’ Chaisteil: to Castlebay; seach a dhol dhachaigh: instead of going home; faodaidh sibh fhèin an co-dhùnadh a dhèanamh: you yourselves can decide; an robh an t-eun dha-rìridh a’ bruidhinn ris an duine: was the bird really speaking to the man; a’ cluinntinn na comhairle a bu mhiann leis: hearing the advice he desired.

Puing-ghràmair na Litreach: Iain mac Iain, ’s tu (a) tha tioram: John, son of John, it’s yourself that is dry. Idiomatically, this would just be “you are dry” rather than “it’s yourself that is dry” but the literal translation follows the structure of the Gaelic. It is what you might to expect to read in a Compton Mackenzie novel, where the author gave the English a Gaelic flavour, but in fact Gaels of my grandmother’s generation peppered their English with such constructions. Commencing with the assertive verb, is, it emphasises the object of the sentence – tioram. It is stronger than just saying “tha thu tioram”. Is mi a tha gòrach would likewise be a slightly emphatic form (it is me that is stupid), and a person (cruelly) agreeing with you might say in response, “is tu a tha”. Here are some other examples: is esan a tha làidir (it’s himself that is strong); is tusa a tha glic(it’s yourself that is wise). Is tu fhèin am balach (it’s yourself that is the lad) is better idiomatically translated as “well done” and would usually be addressed to a youngish male.

Gnàthas-cainnt na Litreach: ghabh e balgam beag: he took a small mouthful. Balgam is a word used only of liquids, although it can refer to both alcoholic and non-alcoholic drinks like tea and coffee. An gabh thu balgam? – will you take a wee drop?

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean