FaclairDictionary EnglishGàidhlig

613: Fòghnan na h-Alba (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Fòghnan na h-Alba (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mun òran Fòghnan na h-Alba a chaidh a sgrìobhadh le bàrd Loch Fìne, Eòghann MacColla. Bha mi anns an sgìre san do rugadh e o chionn ghoirid agus tha e follaiseach gu bheil dualchas air leth Gàidhealach ann. ’S iad ainmean-àite Gàidhlig a tha a’ còmhdachadh na tìre. Bha mi a’ dèanamh beagan obrach le daoine aig Ach’ an Droighinn, seann bhaile beag Gàidhealach a thathar a’ glèidheadh mar thaigh-tasgaidh. Agus chunnaic mi an liosta de dhaoine a bha a’ fuireach anns a’ bhaile sin ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a h-aon (1881). Bha Gàidhlig aig a h-uile duine aca.

Tarsainn a’ mhonaidh bho Ach’ an Droighinn tha baile beag air a bheil An Ceann Mòr no Kenmore. Tha carragh-cuimhne ann do dh’Eòghann MacColla no Evan MacColl, the Loch Fyne Bard, mar a th’ aca air ann am Beurla. Rugadh MacColla air a’ Cheann Mhòr ann an ochd ceud deug ’s a h-ochd (1808). Chaidh an carragh-cuimhne a chur suas dha ann an naoi ceud deug is trithead (1930), agus Mac Cailein Mòr, Diùc Earra-Ghàidheal, ga fhoillseachadh.

’S ann ri obair-fearainn agus iasgach a bha Eòghann nuair a bha e òg ach bha e follaiseach gun robh tàlant aige airson sgrìobhadh. Bhiodh e a’ sgrìobhadh an dà chuid ann an Gàidhlig is Beurla. Anns na tritheadan thòisich e air dàin fhaighinn ann an clò agus fhuair e cruinneachadh dhen stuth Ghàidhlig aige air fhoillseachadh fon tiotal Clàrsach nam Beann. ’S e sin as coireach gun robh am frith-ainm air – “Clàrsair nam Beann”.

Bha màthair Eòghainn à Comhghall agus tha e coltach gun robh Eòghann fhèin gu math measail air an sgìre sin air taobh thall Loch Fìne. Tha cuid dhen bheachd gur e Moladh Abhainn Ruaile – ann an Comhghall – an dàn as fheàrr a sgrìobh e.

Dh’fhalbh teaghlach Eòghainn a dh’fhuireach ann an Canada ann an ochd ceud deug, trithead ’s a h-aon (1831) ach dh’fhuirich Eòghann ann am Breatainn. Chaidh e a dh’obair ann an Liverpool mar chlarc ann an seirbheis na cusbainn. Dh’fhuirich e an sin gu ochd ceud deug is caogad (1850). Bha e a’ fulang droch shlàinte an uair sin. Chaidh e a thadhal air na càirdean aige ann an Canada agus chaidh obair a thabhann dha ann an seirbheis na cusbainn ann an Kingston, Ontario. Ghabh e rithe agus dh’fhuirich e ann an Canada. Bha e airson ùine na bhàrd aig Comann an Naoimh Anndra ann an Kingston. Ràinig e deagh aois, a’ faighinn bàs ann an ochd ceud deug, naochad ’s a h-ochd (1898).

Ged a tha carragh-cuimhne ann dha air cladach Loch Fìne (tha e ann an àite iomallach air nach bi mòran a tadhal), ’s e a bhàrdachd as motha a chumas ann an cuimhne dhaoine e. Cuiridh mi crìoch air an Litir le rann bho Moladh Abhainn Ruaile – agus tha mi an dùil ’s an dòchas gum bi na bric a’ snàmh innte fhathast!

A mhuime nam breac, feuch siud iad a’ gleac, Rid chaislichean sneachd-gheal, steallaireach; An seo iad a’ leum an coinneamh na grèin – Mo cheist air na laochain gheal-tharrach! O, iasgair, bi clis! Siud fear dhiubh a-nis fo dhubhar a’ phris ud feitheamh ort; Cuir cuileag gun dàil na rathad mas àill leat fhaicinn an càs nach laghach leis.

Faclan na Litreach: fòghnan: thistle; Ach’ an Droighinn: Auchindrain; Comhghall: Cowal; Moladh Abhainn Ruaile: [In praise of the River Ruel].

Abairtean na Litreach: bàrd Loch Fìne, Eòghann MacColla: the Loch Fyne bard, Evan MacColl; a’ còmhdachadh na tìre: covering the land; a thathar a’ glèidheadh mar thaigh-tasgaidh: that is being preserved as a museum; agus Mac Cailein Mòr, Diùc Earra-Ghàidheal, ga fhoillseachadh:with the clan chief of the Campbells, the Duke of Argyll, unveiling it; ’s e sin as coireach gun robh am frith-ainm air:that’s why he had the nickname; dh’fhalbh teaghlach Eòghainn a dh’fhuireach ann an Canada: Evan’s family left to live in Canada; mar chlarc ann an seirbheis na cusbainn: as a clerk in the customs service; chaidh e a thadhal air na càirdean aige:he went to visit his relatives; ghabh e rithe: he accepted it [fem]; bha e airson ùine na bhàrd aig Comann an Naoimh Anndra: he was for a time the bard of the St Andrews Society; ràinig e deagh aois: he reached a good [advanced] age; ’s e a bhàrdachd as motha a chumas ann an cuimhne dhaoine e: it is primarily his poetry that keeps him in people’s memory; a mhuime nam breac, feuch siud iad a’ gleac: foster-mother of the trout, see them there as they fight; rid chaislichean sneachd-gheal, steallaireach:with your snow-white, splashing shallows; na laochain gheal-tharrach: the white-bellied heroes; siud fear dhiubh a-nis: there’s one of them now; fo dhubhar a’ phris ud feitheamh ort: under the shade of that bush, awaiting you; cuir cuileag gun dàil na rathad: send a fly his way without delay; mas àill leat fhaicinn an càs nach laghach leis: if you wish to see it in a plight it won’t enjoy.

Puing-chànain na Litreach: Traditional Gaelic bàrdachd often has wonderful internal rhyming or assonance in addition (and sometimes in place of) the rhyming at the end of a line so well-established in English (and Gaelic) language poetry. I have here italicized the internal rhymes in the piece I selected for the final paragraph of the Litir. Read the verse out loud to yourself and listen to those rhymes and rhythms – they are complex and extremely satisfying. A mhuime nam breac, feuch siud iad a’ gleac, Rid chaislichean sneachd-gheal, steallaireach; An seo iad a’ leum an coinneamh na grèin – Mo cheist air na laochain gheal-tharrach! O, iasgair, bi clis! Siud fear dhiubh a-nis fo dhubhar a’ phris ud feitheamh ort; Cuir cuileag gun dàil na rathad mas àill leat fhaicinn an càs nach laghach leis.

Gnàthas-cainnt na Litreach: tha mi an dùil ’s an dòchas gum bi na bric a’ snàmh innte fhathast: I hope and expect that the trout will be swimming in her yet.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 309

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean