menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

An Litir Bheag (The Little Letter) An Litir Bheag

Ruairidh MacIlleathain Sreath de litrichean a bheir taic do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Bidh iad seo cuideachail do luchd-ionnsachaidh a tha seachad air ìre-tòiseachaidh agus a tha ag iarraidh barrachd Gàidhlig a leughadh. Tha faidhle fuaim, teacsa agus eadar-theangachadh an cois gach litir. Sna tràth-litrichean, tha puingean cànain is abairtean a’ gabhail àite eadar-theangachadh slàn. A series of letters that offer support to Gaelic learners. These will be helpful to learners who are beyond a beginners’ level and want to read more. Audio, text and translation accompany each letter. In the early letters, language points and phrases are provided instead of a full translation.

Places Àitichean

Search Lorg

Corryvreckan (3) (Litir Bheag 620) Coire Bhreacain (3) (Litir Bheag 620)

Corryvreckan (3) Coire Bhreacain (3)

I was telling you about the famous whirlpool, Corryvreckan. Hereʼs how it got its name. There was a Scandinavian prince. He was called Breckan. Breckan fell in love with a daughter of the Lord of the Isles. But her father was not pleased. He said that the prince would have to prove that he was a good sailor.

‘What do I need to do?’ asked the prince.

‘Well,’ replied the Lord of the Isles, ‘you must keep your birlinn at anchor in the whirlpool for three days and nights. Breckan agreed to the test. He went home to Scandinavia to get his birlinn organised.

He asked old advisers of his fatherʼs for advice. They gave him advice as follows. He would have to take three ropes with him. The first rope would be made of wool from sheep. The second rope would be made of hemp that was growing in a cemetery. The third rope would be of hair from the heads of virgins. Their virginity would have to be beyond doubt.

Breckan sailed to the whirlpool. He anchored his birlinn in it, tied to the three ropes. After a day and night, the first rope broke – the one that was made of sheep wool. On the second day, the second rope broke – the one that was made of hemp. Breckan was hoping the third rope would withstand the current. But, on the third day, it broke. That was because one of the ‘virgins’ was untruthful about her virginity.

The vessel was swallowed by the whirlpool. None came out of it alive except Breckanʼs dog – the grey dog. He swam around until he found his masterʼs body. He pulled his body to land.

The dog returned to the sea. He was looking for the bodies of other people. He was swept [away] by the current. He was drowned in another whirlpool between Scarba and Lunga. That strait is called ‘the gap of the grey dog’. And the whirlpool that swallowed Breckan was named Corryvreckan. Cheerio.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Coire Bhreacain (3) (Litir Bheag 620)

Corryvreckan (3)

Bha mi ag innse dhuibh mun chuairt-shruth ainmeil, Coire Bhreacain. Seo mar a fhuair e ainm. Bha prionnsa Lochlannach ann. ʼS e Breacan an t-ainm a bha air. Ghabh Breacan gaol air nighean aig Tighearna nan Eilean. Ach cha robh a h-athair toilichte. Thuirt e gu feumadh am prionnsa a dhearbhadh gun robh e na sheòladair math.

‘Dè dh’fheumas mi a dhèanamh?’ dh’fhaighnich am prionnsa.

‘Uill,’ fhreagair Tighearna nan Eilean, ‘feumaidh tu do bhirlinn a chumail air acair anns a’ chuairt-shruth airson trì latha is trì oidhcheannan. Dh’aontaich Breacan ris an deuchainn. Chaidh e dhachaigh a Lochlann airson a bhirlinn a chur air dòigh.

Dh’iarr e comhairle bho sheann chomhairlich aig athair. Thug iad comhairle dha mar a leanas. Dh’fheumadh e trì ròpan a thoirt leis. Bhiodh a’ chiad ròp air a dhèanamh de chlòimh à caoraich. Bhiodh an dàrna ròp de chainb a bha a’ fàs ann an cladh. Bhiodh an treas ròp de dh’fhalt à cinn òighean. Dh’fheumadh an òigheachd a bhith gun cheist no teagamh.

Sheòl Breacan chun a’ chuairt-shruth. Chuir e a bhirlinn air acair ann, ceangailte ris na trì ròpan. An dèidh latha is oidhche, bhris a’ chiad ròp – am fear a chaidh a dhèanamh de chlòimh chaorach. Air an dàrna latha, bhris an dàrna ròp – am fear a bha air a dhèanamh de chainb. Bha Breacan an dòchas gun seasadh an treas ròp ris an t-sruth. Ach, air an treas latha, bhris e. Bha sin a chionn ʼs gun robh tè de na ‘h-òighean’ breugach mu a h-òigheachd.

Chaidh an soitheach a shlugadh leis a’ chuairt-shruth. Cha tàinig beò às ach an cù aig Breacan – an cù glas. Shnàmh esan timcheall gus an do lorg e corp a mhaighstir. Shlaod e a chorp gu tìr.

Thill an cù don mhuir. Bha e a’ coimhead airson cuirp aig daoine eile. Chaidh a sguabadh leis an t-sruth. Chaidh a bhàthadh ann an cuairt-shruth eile eadar Sgarba agus Lunga. ʼS e Bealach a’ Choin Ghlais a chanas daoine ris a’ chaolas sin. Agus chaidh a’ chuairt-shruth a shluig Breacan ainmeachadh mar Coire Bhreacain. Beannachd leibh.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF: Thoir a-nuas Litir mar PDF: Adobe PDF of this letter

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 924

Podcast

BBC offers this litir as a podcast – visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other Letters Litrichean eile

data loading indicator

Àireamh / Number

Facal / Word