FaclairDictionary EnglishGàidhlig

586: The Grey Dog of Meoble 586: Cù Glas Mheòbail

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Cù Glas Mheòbail

Gaelic Gàidhlig

Ann am Mòrar, anns na Garbh Chrìochan, tha lochan ann air a bheil ainm car annasach – Lochan Tàin Mhic Dhùghaill. Tha e anns a’ mhonadh eadar Loch Beòraid agus Loch Mhòrair. Tha eilean anns an lochan. ’S e Meòbal am baile as fhaisge air. Saoil ciamar a fhuair an lochan ainm mar sin?

’S dòcha gum bi sibh eòlach air an t-seann sgeulachd Ghàidhlig Tàin Bò CuailgneThe Cattle Raid of Cooley ann am Beurla. Tha e stèidhichte ann an Èirinn. Tha tàin a’ ciallachadh ‘plunder’, ‘driving off’ is a leithid sin. Lochan Tàin Mhic Dhùghaill –‘ the lochan of the plundering of MacDugald’?

Tha e coltach gu bheil an t-ainm ceangailte ri seann sgeulachd. ’S e an t-ainm a th’ oirre Cù Glas Mheòbail. Chan eil i ach goirid.

O chionn bhliadhnaichean mòra, bha fear a’ fuireach ann am Meòbal. Bhuineadh e do Dhòmhnallaich Mhòrair. ’S e Clann Dhùghaill a chanar riutha ann an Gàidhlig. Bha mial-choin aig an fhear a bha seo. Bha iad glas.

Dh’fhalbh am fear seo a-null thairis. Mus do dh’fhalbh e, dh’fheuch e ris a h-uile gin de na mial-choin a lorg – airson cur às dhaibh. Ach dh’fhàilnich air grèim fhaighinn air aon ghala.

An dèidh dha falbh, chaidh a’ ghala suas don lochan. Shnàmh i a-mach don eilean. Air an eilean, rugadh grunn chuileanan dhi. Bha na mial-choin seo beò air toradh a’ mhonaidh.

Thill ar caraid – MacDhùghaill – don sgìre. Chuala e gun robh a’ ghala agus a cuileanan beò, agus gun robh iad a’ fuireach air an eilean anns an lochan.

Chaidh e ann airson na coin fhaicinn. Rinn e fead. Dh’fhairich a’ ghala e, agus shnàmh i gu tìr. Bha i toilichte an duine fhaicinn. An ceann tacain, ge-tà, shnàmh trì de na cuileanan a-null. Bha iad a-nise mòr is làidir. Stiall iad an duine às a chèile sa spot. Cha robh iad ga aithneachadh mar charaid.

Chun an latha an-diugh, nuair a tha fear no tè de Chloinn ’ic Dhùghaill Mhòrair an impis bàs fhaighinn, chì iad cù glas mar mhanadh a’ bhàis. No ’s e sin a chanas iad co-dhiù.

The Grey Dog of Meoble

English Beurla

In Morar, in the Rough Bounds, there is a lochan which carries an unusual name – Lochan Tàin Mhic Dhùghaill . It’s in the hills between Loch Beòraid and Loch Morar. There is an island on the lochan. Meoble is the closest settlement to it. I wonder how the lochan got a name like that?

Perhaps you’ll know the old Gaelic story Tàin Bò Cuailgne – ‘The Cattle Raid of Cooley’ in English. It’s set in Ireland. Tàin means ‘plunder’, ‘driving off’ and things like that. Lochan Tàin Mhic Dhùghaill – ‘the lochan of the plundering of MacDugald’?

It appears that the name is connected with an old story. It is called The Grey Dog of Meoble. It’s only short.

Many years ago, there was a man living in Meoble. He belonged to the MacDonalds of Morar. They are called MacDhùghaill in Gaelic. This man owned greyhounds. They were grey.

This man left to go overseas. Before he left, he tried to find all of the greyhounds – to kill them. But he failed to get hold of one bitch.

After he left, the bitch went up to the lochan. She swam out to the island. On the island, some puppies were born to her. These greyhounds lived off the produce of the hills.

Our friend – MacDugald – returned to the area. She heard that the bitch and her puppies were alive, and that they were living on the island in the lochan.

He went there to see the dogs. He whistled. The bitch heard him, and she swam to land. She was pleased to see the man. After a short while, however, three of the puppies swam over. They were now big and strong. They ripped the man to shreds on the spot. They weren’t recognising him as a friend.

To this day, when one of the MacDonalds of Mòrar is about to die, they see a grey dog as an omen of death. Or that’s what they say anyway.

Cù Glas Mheòbail

Gaelic Gàidhlig

Ann am Mòrar, anns na Garbh Chrìochan, tha lochan ann air a bheil ainm car annasach – Lochan Tàin Mhic Dhùghaill. Tha e anns a’ mhonadh eadar Loch Beòraid agus Loch Mhòrair. Tha eilean anns an lochan. ’S e Meòbal am baile as fhaisge air. Saoil ciamar a fhuair an lochan ainm mar sin?

’S dòcha gum bi sibh eòlach air an t-seann sgeulachd Ghàidhlig Tàin Bò CuailgneThe Cattle Raid of Cooley ann am Beurla. Tha e stèidhichte ann an Èirinn. Tha tàin a’ ciallachadh ‘plunder’, ‘driving off’ is a leithid sin. Lochan Tàin Mhic Dhùghaill –‘ the lochan of the plundering of MacDugald’?

Tha e coltach gu bheil an t-ainm ceangailte ri seann sgeulachd. ’S e an t-ainm a th’ oirre Cù Glas Mheòbail. Chan eil i ach goirid.

O chionn bhliadhnaichean mòra, bha fear a’ fuireach ann am Meòbal. Bhuineadh e do Dhòmhnallaich Mhòrair. ’S e Clann Dhùghaill a chanar riutha ann an Gàidhlig. Bha mial-choin aig an fhear a bha seo. Bha iad glas.

Dh’fhalbh am fear seo a-null thairis. Mus do dh’fhalbh e, dh’fheuch e ris a h-uile gin de na mial-choin a lorg – airson cur às dhaibh. Ach dh’fhàilnich air grèim fhaighinn air aon ghala.

An dèidh dha falbh, chaidh a’ ghala suas don lochan. Shnàmh i a-mach don eilean. Air an eilean, rugadh grunn chuileanan dhi. Bha na mial-choin seo beò air toradh a’ mhonaidh.

Thill ar caraid – MacDhùghaill – don sgìre. Chuala e gun robh a’ ghala agus a cuileanan beò, agus gun robh iad a’ fuireach air an eilean anns an lochan.

Chaidh e ann airson na coin fhaicinn. Rinn e fead. Dh’fhairich a’ ghala e, agus shnàmh i gu tìr. Bha i toilichte an duine fhaicinn. An ceann tacain, ge-tà, shnàmh trì de na cuileanan a-null. Bha iad a-nise mòr is làidir. Stiall iad an duine às a chèile sa spot. Cha robh iad ga aithneachadh mar charaid.

Chun an latha an-diugh, nuair a tha fear no tè de Chloinn ’ic Dhùghaill Mhòrair an impis bàs fhaighinn, chì iad cù glas mar mhanadh a’ bhàis. No ’s e sin a chanas iad co-dhiù.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 890

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile