FaclairDictionary EnglishGàidhlig

7: Envy will split the rocks 7: Sgoltaidh farmad na creagan

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Sgoltaidh farmad na creagan

Gaelic Gàidhlig

Tha seanfhacal ann mu farmad. ’S e sin “envy”. Farmad. Seo an seanfhacal: Sgoltaidh farmad na creagan. Sgoltaidh farmad na creagan. Tha e a’ ciallachadh gum faod farmad a bhith làidir làidir. Gum faod farmad mòr rudeigin mì-nàdarrach a dhèanamh. Gum faod e a bhith cho làidir ’s gum bris e clachan, no creagan, ann an dà phìos. Gum faod farmad creagan a sgoltadh.

’S e sin a tha an seanfhacal ag ràdh. Ach a bheil e fìor? Uill, a rèir choltais, tha. Seo agaibh naidheachd bheag a tha a’ dearbhadh gu bheil e fìor. Thachair e o chionn fhada air a’ Ghàidhealtachd.

Bha fear ann uaireigin, agus bha e dìcheallach. Bha e ag obair gu cruaidh. Bha e a’ dèanamh mòran caise. Bha e a’ dèanamh barrachd càise na duine sam bith eile anns a’ choimhearsnachd. Agus bha e a’ reic barrachd càise na duine sam bith eile. Bha e gu tric a’ coiseachd seachad air na nàbaidhean le poca air a dhruim. Bha e a’ dol don mhargaidh. Anns a’ phoca bha càbag. ’S e càbag pìos mòr cruinn càise. Bha e a’ dol a dh’fhaighinn airgead airson na càbaig anns a’ mhargaidh.

Ach cha robh na nàbaidhean toilichte leis. Cha robh càbagan acasan. Bha iad a’ smaoineachadh gu robh e a’ dèanamh cus airgid. Bha esan a’ fàs beartach. Bha iadsan bochd. Bha na nàbaidhean a’ coimhead air le farmad.

Là a bha seo, bha fear na càbaig a’ coiseachd seachad air taighean a nàbaidhean. Bha poca air a dhruim. Ach cha robh càbag anns a’ phoca an turas seo. Bha clach-mhuilinn anns a’ phoca – clach-mhuilinn bheag. Ach cha robh fios aig na nàbaidhean gu robh clach aige. Bha iadsan a’ smaoineachadh gu robh càbag aige a-rithist. Agus bha iad farmadach. Bha iad a’ coimhead air an duine le farmad mòr nan cridhe.

Agus thachair rud annasach. Nuair a ràinig an duine a’ mhargaidh, dh’fhosgail e am poca. Agus dè lorg e? Cha robh a’ chlach-mhuilinn slàn. Bha i air a briseadh ann an dà phìos. Bha i air a sgoltadh. Ach dè sgolt i? Cha do thachair dad, ach gun do choimhead na nàbaidhean air le farmad. Thachair e dìreach mar a chanas an seanfhacal. Sgoltaidh farmad na creagan.

Faclan is abairtean: sgoltaidh farmad na creagan: envy will split the rocks; gum faod farmad a bhith làidir làidir: that envy may be extremely strong; rudeigin mì-nàdarrach: something unnatural; gum bris e clachan: that it will break stones; a bheil e fìor?: is it true?; a tha a’ dearbhadh: which proves; thachair e o chionn fhada: it happened a long time ago; bha e dìcheallach: he was diligent; barrachd càise na duine sam bith eile anns a’ choimhearsnachd: more cheese than anybody else in the community; a’ coiseachd seachad air na nàbaidhean:walking past the neighbours; margaidh: market; ’s e càbag pìos mòr cruinn càise: a càbag (kebbock) is a large round piece of cheese; bha e a’ dol a dh’fhaighinn airgead airson na càbaig: he was going to get money for the kebbock; cha robh na nàbaidhean toilichte leis: the neighbours were not pleased with him; gu robh e a’ dèanamh cus airgid: that he was making too much money; bha esan a’ fàs beartach: he (emphasised) was growing wealthy; bha na nàbaidhean a’ coimhead air le farmad: the neighbours were looking upon him with envy; bha clach-mhuilinn anns a’ phoca: there was a millstone in the bag; cha robh fios aig na nàbaidhean: the neighbours didn’t know; le farmad mòr nan cridhe: with great envy in their hearts; thachair rud annasach: an unusual thing happened; nuair a ràinig an duine a’ mhargaidh:when the man reached the market; dh’fhosgail e am poca: he opened the bag; dè lorg e?: what did he find?; slàn:whole, complete; Bha i air a briseadh ann an dà phìos: it (fem) was broken in two pieces; bha i air a sgoltadh:it (fem) was split; cha do thachair dad: nothing happened; ach gun do choimhead na nàbaidhean air le farmad:except that the neighbours looked upon him with envy; thachair e dìreach mar a chanas an seanfhacal: it happened just as the proverb says.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 311

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile