FaclairDictionary EnglishGàidhlig

139: Dornoch 139: Dòrnach

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Dòrnach

Gaelic Gàidhlig

Thèid sinn, thèid sinn thairis air an t-sruth,

Thèid sinn, thèid sinn gu Dòrnach.

Chì sinn na beanntaichean [a]’ glèidheadh sneachd an geamhraidh,

Chì sinn na caileagan bòidheach.

Tha an rann, no ceathramh, sin à faisg air Dòrnach. Ach bha na daoine a’ dol “thairis air an t-sruth”. Tha sin a’ ciallachadh gun robh iad a’ fuireach air taobh thall Caolas Dhòrnaich. A bheil sibh eòlach air Dòrnach? ’S e baile beag brèagha a tha ann, ann an Cataibh.

Ach tha an ceathramh à Siorrachd Rois. Seo e a-rithist:

Thèid sinn, thèid sinn thairis air an t-sruth,

Thèid sinn, thèid sinn gu Dòrnach.

Chì sinn na beanntaichean [a]’ glèidheadh sneachd an geamhraidh,

Chì sinn na caileagan bòidheach.

Tha an ceathramh a’ tighinn bho na bailtean ann am Machair Rois. Is iad sin na bailtean beaga air a bheil na Seaboard Villages ann am Beurla – Seannduaig, Baile an Todhair agus Baile a’ Chnuic. ’S e bailtean iasgaich a bha annta. Bha a’ Ghàidhlig fhathast beò anns na bailtean sin gu o chionn ghoirid.

Rinn an t-Ollamh Seòsamh Watson à Baile Àtha Cliath obair air Gàidhlig agus beul-aithris na sgìre. Sgrìobh e leabhar mu dheidhinn. ’S e tiotal an leabhair Saoghal Bana-mharaiche: Cunntas Beul-aithris mu Bheatha Muinntir an Iasgaich ann am Machair Rois. ’S e leabhar inntinneach a tha ann.

B’ i a’ bhana-mharaiche san tiotal Isbeil Anna (bean Uilleim MhicAonghais), nach maireann. Bha i a’ fuireach ann am Baile a’ Chnuic. Thachair Seòsamh rithe an toiseach o chionn ceathrad bliadhna. Chaochail i ann an naoi ceud deug is ochdad (1980). Bha i naochad ’s a h-aon (91) bliadhna a dh’aois.

Chan eil duine beò an-diugh ann am Baile a’ Chnuic, Baile an Todhair no Seannduaig, a bhuineas don àite, agus a tha fileanta ann an Gàidhlig. Ach tha nighean aig Isbeil Anna fhathast beò. ’S e Doilidh an t-ainm a tha oirre. Agus, mar a chì sinn an ath-sheachdain, tha ise a’ cumail beul-aithris na sgìre beò.

Faclan is abairtean: thèid sinn thairis air an t-sruth: we’ll go over the current [ie across the firth]; thèid sinn gu Dòrnach: we’ll go to Dornoch; chì sinn na beanntaichean: we’ll see the mountains [standard form is beanntan]; [a]’ glèidheadh sneachd an geamhraidh:retaining the winter snow [standard form would be a’ gheamhraidh]; na caileagan bòidheach: the beautiful girls; ceathramh: quatrain; air taobh thall Caolas Dhòrnaich: on the other side of the Dornoch Firth; Cataibh: Sutherland; tha an ceathramh à Siorrachd Rois; the quatrain is from Ross-shire; Machair Rois: the flat country of Easter Ross; Seannduaig, Baile an Todhair agus Baile a’ Chnuic: Shandwick, Balintore and Hilton; ’s e bailtean iasgaich a bha annta: they were fishing villages; gu o chionn ghoirid: until recently; an t-Ollamh Seòsamh Watson à Baile Àtha Cliath: Professor Joe Watson from Dublin; Saoghal Bana-mharaiche: the life/world of a fisherwoman; Cunntas Beul-aithris mu Bheatha Muinntir an Iasgaich:an account from oral tradition of the life of the fisherfolk; ’s e leabhar inntinneach a tha ann: it’s an interesting book; bean: wife; nach maireann: deceased; thachair Seòsamh rithe an toiseach o chionn ceathrad bliadhna: Joe first met her forty years ago; chaochail i: she died; bliadhna a dh’aois: years of age; a bhuineas don àite, agus a tha fileanta ann an Gàidhlig: who belongs to the place and who is fluent in Gaelic; nighean: daughter; ’s e Doilidh an t-ainm a tha oirre: her name is Dolly.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 443

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile