FaclairDictionary EnglishGàidhlig

532: Poetry (1) 532: Bàrdachd (1)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Bàrdachd (1)

Gaelic Gàidhlig

Bha an t-Oll. Somhairle MacIain agus Seumas MacMhuirich nimheil do chèile. Bha MacIain a’ cumail bata daraich ri a thaobh. Bha an t-eagal air, bha e ag ràdh, ro Sheumas MacMhuirich, no ‘Ossian MacPherson’ mar a bha aig cuid air. Sgrìobh MacMhuirich gu MacIain, a’ maoidheadh air. B’ e litreachas a bha air cùl an eas-aonta.

Bha mi aig co-labhairt mu MhacMhuirich as t-Earrach. Bha i ann an Ceann a’ Ghiùthsaich. Bha mi a’ faighneachd de na sàr-eòlaichean a bha an làthair an do thachair MacMhuirich is MacIain ri chèile riamh. Bha iad a’ fuireach ann an Lunnainn aig an aon àm. Ach cha robh fios aig na h-eòlaichean.

Smaoinich mi – nach biodh e math nan sgrìobhadh cuideigin dealbh-chluich mu dheidhinn coinneamh eadar an dithis! Saoil am biodh i sradagach? No am biodh an dithis a’ gabhail deoch-slàinte do chèile?!

’S dòcha nach e fear dòigheil a bha ann an Somhairle MacIain. Ach tha e coltach gun robh e ceart mu na sgrìobhaidhean aig MacMhuirich. Bha an t-Albannach ag ràdh gun robh na dh’fhoillsich e air a chruthachadh leis an t-seann bhàrd, Oisean. Ach tha e coltach gur e MacMhuirich fhèin a sgrìobh a’ chuid a bu mhotha dheth, ged a bha e stèidhichte air beul-aithris a bha fhathast beò air bilean an t-sluaigh.

Cha chuala MacIain a’ bheul-aithris sin nuair a bha e air chuairt air a’ Ghàidhealtachd ann an seachd ceud deug, seachdad ’s a trì (1773). Bha e a’ coimhead airson làmh-sgrìobhainnean. Ach cha d’ fhuair e lorg air gin. Nuair a thill e dhachaigh, thuirt e gur e slaightear a bha ann am MacMhuirich. Dh’èirich naimhdeas eadar an dithis a mhair fichead bliadhna. Bha sin gus an do chaochail MacIain ann an seachd ceud deug, naochad ’s a ceithir (1794).

Nach annasach e mar a thachair, ma-thà? Bha an dithis air an cur cha mhòr còmhla an dèidh am bàis. Tha iad air an tiodhlacadh faisg air a chèile ann an Oisean nam Bàrd ann an Abaid Westminster. Ach ’s dòcha gu bheil e iomchaidh gu bheil MacMhuirich an sin. Bàrd Oisein, mar gum bitheadh, ann an Oisean nam Bàrd.

Poetry (1)

English Beurla

Dr Samuel Johnson and James MacPherson were venomous to each other. Johnson was keeping an oaken stick next to him. He was scared, he said, of James MacPherson, or ‘Ossian MacPherson’ as some called him. MacPherson wrote to Johnson, threatening him. It was literature that was behind the disagreement.

I was at a conference about MacPherson in the Spring. It was in Kingussie. I was asking of the experts who were present if MacPherson and Johnson ever met each other. They were living in London at the same time. But the experts didn’t know.

I thought – wouldn’t it be good if somebody wrote a play about a meeting between the pair? Would sparks fly? Or would the pair toast each other with a drink?!

Perhaps Samuel Johnson wasn’t an easy-going guy. But it appears that he was correct about MacPherson’s writings. The Scot was saying that what he published was created by the ancient bard, Ossian. But it appears that it was MacPherson himself that wrote most of it, although it was based on oral tradition that was still alive on the lips of the people.

Johnson didn’t hear that oral tradition when he was on tour in the Highlands in 1773. He was looking for manuscripts. But he didn’t find any. When he returned home, he said that MacPherson was a fraudster. An enmity arose between the two men that lasted for twenty years. That was until Johnson died in 1794.

Isn’t it strange what happened, then? The pair were almost put side-by-side after their death. They are buried close to each other in Poets’ Corner in Westminster Abbey. But perhaps it is fitting that MacPherson is there. Ossian’s Bard, as it were in Oisean nam Bàrd [Poets’ Corner].

Bàrdachd (1)

Gaelic Gàidhlig

Bha an t-Oll. Somhairle MacIain agus Seumas MacMhuirich nimheil do chèile. Bha MacIain a’ cumail bata daraich ri a thaobh. Bha an t-eagal air, bha e ag ràdh, ro Sheumas MacMhuirich, no ‘Ossian MacPherson’ mar a bha aig cuid air. Sgrìobh MacMhuirich gu MacIain, a’ maoidheadh air. B’ e litreachas a bha air cùl an eas-aonta.

Bha mi aig co-labhairt mu MhacMhuirich as t-Earrach. Bha i ann an Ceann a’ Ghiùthsaich. Bha mi a’ faighneachd de na sàr-eòlaichean a bha an làthair an do thachair MacMhuirich is MacIain ri chèile riamh. Bha iad a’ fuireach ann an Lunnainn aig an aon àm. Ach cha robh fios aig na h-eòlaichean.

Smaoinich mi – nach biodh e math nan sgrìobhadh cuideigin dealbh-chluich mu dheidhinn coinneamh eadar an dithis! Saoil am biodh i sradagach? No am biodh an dithis a’ gabhail deoch-slàinte do chèile?!

’S dòcha nach e fear dòigheil a bha ann an Somhairle MacIain. Ach tha e coltach gun robh e ceart mu na sgrìobhaidhean aig MacMhuirich. Bha an t-Albannach ag ràdh gun robh na dh’fhoillsich e air a chruthachadh leis an t-seann bhàrd, Oisean. Ach tha e coltach gur e MacMhuirich fhèin a sgrìobh a’ chuid a bu mhotha dheth, ged a bha e stèidhichte air beul-aithris a bha fhathast beò air bilean an t-sluaigh.

Cha chuala MacIain a’ bheul-aithris sin nuair a bha e air chuairt air a’ Ghàidhealtachd ann an seachd ceud deug, seachdad ’s a trì (1773). Bha e a’ coimhead airson làmh-sgrìobhainnean. Ach cha d’ fhuair e lorg air gin. Nuair a thill e dhachaigh, thuirt e gur e slaightear a bha ann am MacMhuirich. Dh’èirich naimhdeas eadar an dithis a mhair fichead bliadhna. Bha sin gus an do chaochail MacIain ann an seachd ceud deug, naochad ’s a ceithir (1794).

Nach annasach e mar a thachair, ma-thà? Bha an dithis air an cur cha mhòr còmhla an dèidh am bàis. Tha iad air an tiodhlacadh faisg air a chèile ann an Oisean nam Bàrd ann an Abaid Westminster. Ach ’s dòcha gu bheil e iomchaidh gu bheil MacMhuirich an sin. Bàrd Oisein, mar gum bitheadh, ann an Oisean nam Bàrd.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 836

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile