FaclairDictionary EnglishGàidhlig

624: The 'Bedford Highlanders' (2) 624: Na ‘Bedford Highlanders’(2)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Na ‘Bedford Highlanders’(2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu na ‘Bedford Highlanders’. B’ iad sin na saighdearan à ceann a tuath na h-Alba a bha a’ fuireach ann am Bedford ann an Sasainn aig toiseach a’ Chiad Chogaidh.

Sgap galaran am measg nan saighdearan. Bha an teasach sgàrlaid agus a’ ghriùthrach gu sònraichte dona. Chaidh cuid de na saighdearan a chur ann an cuarantain air iomall a’ bhaile. Chaochail ceud, trithead ʼs a còig saighdearan. Chaidh an dust aig feadhainn a thoirt dhachaigh chun na Gàidhealtachd. Bha feadhainn eile air an tiodhlacadh ann am Bedford. Ach bha fad’ a bharrachd dhiubh gu bhith air an tiodhlacadh thall anns a’ Bheilg agus san Fhraing air sgàth a’ chogaidh.

Bha na saighdearan Breatannach a’ fulang call mòr sa chogadh. Mar sin, chuir an riaghaltas na saighdearan Gàidhealach an sàs na bu thràithe na bha dùil. Thàinig an Rìgh a choimhead orra aig deireadh na Dàmhair. Anns an t-Samhain, thòisich saighdearan air a dhol a-null chun na Frainge. Bha iad a’ gabhail trèana gu ruige puirt air Caolas Shasainn agus an uair sin bàta thar a’ Chaolais. Aig deireadh a’ Chèitein naoi ceud deug is còig-deug (1915), bha iad uile air falbh.

Cha robh na saighdearan Gàidhealach ann am Bedford ach ochd mìosan. Agus thàinig saighdearan eile a dh’fhuireach ann às an dèidh. Ach, a rèir choltais, cha tug gin eile a’ bhuaidh air a’ bhaile ʼs a thug na h-Albannaich. Bha fichead ʼs a dhà mìle dhiubh ann nuair a dh’fhalbh iad anns a’ Chèitean naoi ceud deug is còig-deug (1915). Bha na bu lugha na ceathrad mìle duine a’ fuireach ann am Bedford aig an àm sin.

An aon fheadhainn a bha coltach riutha, b’ iad na saighdearan Ameireaganach a bha a’ fuireach ann am Bedford anns an Dàrna Cogadh. Bha na h-Albannaich agus na h-Ameireaganaich spaideil is modhail. Agus bha iad diofraichte ann an giùlan is cainnt bho mhuinntir an àite.

Eadhon an-diugh, bidh seirbheis cuimhneachaidh ann do na saighdearan Gàidhealach a h-uile bliadhna. Bidh sin air an t-Sàbaid ro Latha Fèill Anndra. Tha muinntir a’ bhaile fhathast a’ cuimhneachadh nam ‘Bedford Highlanders’. Beannachd leibh.

The 'Bedford Highlanders' (2)

English Beurla

I was telling you about ‘The Bedford Highlanders’. They were the soldiers from the north of Scotland who were living in Bedford in England at the start of the First [World] War.

Diseases spread among the soldiers. Scarlet fever and measles were particularly bad. Some of the soldiers were placed in quarantine at the edge of the town. 135 soldiers died. The remains of some were taken home to the Highlands. Others were buried in Bedford. But many more of them were to be buried over in Belgium and France on account of the war.

The British soldiers were suffering great loss in the war. Thus, the government sent the Highland soldiers to the front earlier than expected. The King came to inspect them at the end of October. In November soldiers started to cross to France. They were taking a train to ports on the English Channel and then a boat across the Channel. By the end of May 1915, they had all gone.

The Highland soldiers were only in Bedford for eight months. And other soldiers came to live there after them. But, apparently, none of the others had the effect on the town that the Scots had. There were twenty two thousand of them there when they left in May 1915. Less than forty thousand people were living in Bedford at that time.

The one group that was like them, that was the American soldiers that were living in Bedford during the Second War. The Scots and the Americans were well-presented and polite. And they were different in carriage and speech from the local people.

Even today, a service of remembrance is held for the Highland soldiers every year. That is on the Sunday before St Andrewʼs Day. The people of the town still remember ‘The Bedford Highlanders’. Cheerio.

Na ‘Bedford Highlanders’(2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu na ‘Bedford Highlanders’. B’ iad sin na saighdearan à ceann a tuath na h-Alba a bha a’ fuireach ann am Bedford ann an Sasainn aig toiseach a’ Chiad Chogaidh.

Sgap galaran am measg nan saighdearan. Bha an teasach sgàrlaid agus a’ ghriùthrach gu sònraichte dona. Chaidh cuid de na saighdearan a chur ann an cuarantain air iomall a’ bhaile. Chaochail ceud, trithead ʼs a còig saighdearan. Chaidh an dust aig feadhainn a thoirt dhachaigh chun na Gàidhealtachd. Bha feadhainn eile air an tiodhlacadh ann am Bedford. Ach bha fad’ a bharrachd dhiubh gu bhith air an tiodhlacadh thall anns a’ Bheilg agus san Fhraing air sgàth a’ chogaidh.

Bha na saighdearan Breatannach a’ fulang call mòr sa chogadh. Mar sin, chuir an riaghaltas na saighdearan Gàidhealach an sàs na bu thràithe na bha dùil. Thàinig an Rìgh a choimhead orra aig deireadh na Dàmhair. Anns an t-Samhain, thòisich saighdearan air a dhol a-null chun na Frainge. Bha iad a’ gabhail trèana gu ruige puirt air Caolas Shasainn agus an uair sin bàta thar a’ Chaolais. Aig deireadh a’ Chèitein naoi ceud deug is còig-deug (1915), bha iad uile air falbh.

Cha robh na saighdearan Gàidhealach ann am Bedford ach ochd mìosan. Agus thàinig saighdearan eile a dh’fhuireach ann às an dèidh. Ach, a rèir choltais, cha tug gin eile a’ bhuaidh air a’ bhaile ʼs a thug na h-Albannaich. Bha fichead ʼs a dhà mìle dhiubh ann nuair a dh’fhalbh iad anns a’ Chèitean naoi ceud deug is còig-deug (1915). Bha na bu lugha na ceathrad mìle duine a’ fuireach ann am Bedford aig an àm sin.

An aon fheadhainn a bha coltach riutha, b’ iad na saighdearan Ameireaganach a bha a’ fuireach ann am Bedford anns an Dàrna Cogadh. Bha na h-Albannaich agus na h-Ameireaganaich spaideil is modhail. Agus bha iad diofraichte ann an giùlan is cainnt bho mhuinntir an àite.

Eadhon an-diugh, bidh seirbheis cuimhneachaidh ann do na saighdearan Gàidhealach a h-uile bliadhna. Bidh sin air an t-Sàbaid ro Latha Fèill Anndra. Tha muinntir a’ bhaile fhathast a’ cuimhneachadh nam ‘Bedford Highlanders’. Beannachd leibh.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 928

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile