FaclairDictionary EnglishGàidhlig

307: Phrases connected with the sea 307: Abairtean co-cheangailte ris a’ mhuir

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Abairtean co-cheangailte ris a’ mhuir

Gaelic Gàidhlig

Thàinig leabhar ùr a-mach o chionn ghoirid. ’S e an t-ainm a tha air “Gnàthasan-Cainnt”. Tha sin a’ ciall-achadh “idioms”. ’S e fear à Leòdhas, Dòmhnall Greumach, a chruinnich na gnàthasan-cainnt. Fhuair e iad bho dhaoine à Leòdhas, Na Hearadh, Uibhist a Tuath agus Beàrnaraigh. Tha cruinneachadh air leth math ann. Tha mi a’ dol a thoirt dhuibh eisimpleir no dhà bhon leabhar.

An toiseach seo a dhà a tha co-cheangailte ris a’ mhuir. Tha coileach air na tuinn. Tha sin a’ ciallachadh there’s foam breaking on top of the waves. Tha coileach air na tuinn. Canaidh sinn “white horses” ann am Beurla. Ach “coileach” ann an Gàidhlig. Agus bha smùid na mara ga mo dhalladh. The sea spray kept me blinded. Bidh sibh eòlach air an fhacal smùid, tha mi cinnteach. Tha e cuideachd a’ ciallachadh smoke. Bha smùid na mara ga mo dhalladh.

Tha ceithir rudan aig na daoine as fheàrr a bhruidhneas Gàidhlig. Tha deagh ghràmar aca. Tha deagh bhlas aca. Tha briathrachas mòr aca. Agus tha gnàthasan-cainnt gu leòr aca. Tha a’ Ghàidhlig aca gu math Gàidhealach. Tha beartas anns na gnàthasan-cainnt.

Seo fear eile. Tha e siud a’ fàgail snàithlean fad’ an droch thàilleir. Gu litreachail, he is leaving there the long thread of the tailor. Tha e siud a’ fàgail snàithlean fad’ an droch thàilleir. Seo an t-eadar-theangachadh: he’s not a very neat tradesman!

Agus ’s iomadh carraig ris an do shuath am fear sin. It’s many a rock on which that man rubbed. ’S iomadh carraig ris an do shuath am fear sin. An t-eadar-theangachadh: that one’s had a few setbacks in his life.

Tha i cho faoin ri na h-uiseagan. She’s as silly as the larks. Tha i cho faoin ri na h-uiseagan. An t-eadar-theangachadh: she’s completely bonkers!

Agus tha gnàthas-cainnt eile a’ dèanamh ceangal eadar boireannaich is eòin. Ach tha am fear seo a’ moladh a’ bhoireannaich. Thàinig i à nead ghlan. Gu litreachail, she came from a clean nest. Thàinig i à nead ghlan. An t-eadar-theangachadh: she came from a respected family! Tha mi an dòchas gun tàinig sibh uile à nead ghlan!

Phrases connected with the sea

English Beurla

A new book came out recently. It’s called “Gnàthasan-Cainnt”. That means “idioms”. It’s a guy from Lewis, Donald Graham, that collected the idioms. He got them from people that belonged to Lewis, Harris, North Uist and Berneray. There’s a really good collection [in it]. I’m going to give you an example or two from the book.

Firstly, here are two connected to the sea. Tha coileach air na tuinn. That means “there’s foam breaking on top of the waves”. Tha coileach air na tuinn. We say “white horses” in English. But “cockerel” in Gaelic. And bha smùid na mara ga mo dhalladh. “The sea spray kept me blinded. You’ll know the word smùid, I’m sure”. It also means “smoke”. Bha smùid na mara ga mo dhalladh.

The best Gaelic-speakers have four things [characteristics]. They have good grammar. They have a good “blas” [accent, pronunciation, sounding of letters]. They have a large vocabulary. And they have plenty of idiom. Their Gaelic is very “Gaelic”. There is richness in the idioms.

Here’s another. Tha e siud a’ fàgail snàithlean fad’ an droch thàilleir. Literally, “he is leaving there the long thread of the tailor”. Tha e siud a’ fàgail snàithlean fad’ an droch thàilleir. Here’s the translation: “he’s not a very neat tradesman”!

And ’s iomadh carraig ris an do shuath am fear sin. “It’s many a rock on which that man rubbed”. ’S iomadh carraig ris an do shuath am fear sin. The translation: “that one’s had a few setbacks in his life”.

Tha i cho faoin ri na h-uiseagan. She’s as silly as the larks. Tha i cho faoin ri na h-uiseagan. The translation: “she’s completely bonkers”!

And there’s another idiom making a connection between women and birds. But this one praises the woman. Thàinig i à nead ghlan. Literally, “she came from a clean nest”. Thàinig i à nead ghlan. The translation: “she came from a respected family”! I hope you all came from a clean nest!

Abairtean co-cheangailte ris a’ mhuir

Gaelic Gàidhlig

Thàinig leabhar ùr a-mach o chionn ghoirid. ’S e an t-ainm a tha air “Gnàthasan-Cainnt”. Tha sin a’ ciall-achadh “idioms”. ’S e fear à Leòdhas, Dòmhnall Greumach, a chruinnich na gnàthasan-cainnt. Fhuair e iad bho dhaoine à Leòdhas, Na Hearadh, Uibhist a Tuath agus Beàrnaraigh. Tha cruinneachadh air leth math ann. Tha mi a’ dol a thoirt dhuibh eisimpleir no dhà bhon leabhar.

An toiseach seo a dhà a tha co-cheangailte ris a’ mhuir. Tha coileach air na tuinn. Tha sin a’ ciallachadh there’s foam breaking on top of the waves. Tha coileach air na tuinn. Canaidh sinn “white horses” ann am Beurla. Ach “coileach” ann an Gàidhlig. Agus bha smùid na mara ga mo dhalladh. The sea spray kept me blinded. Bidh sibh eòlach air an fhacal smùid, tha mi cinnteach. Tha e cuideachd a’ ciallachadh smoke. Bha smùid na mara ga mo dhalladh.

Tha ceithir rudan aig na daoine as fheàrr a bhruidhneas Gàidhlig. Tha deagh ghràmar aca. Tha deagh bhlas aca. Tha briathrachas mòr aca. Agus tha gnàthasan-cainnt gu leòr aca. Tha a’ Ghàidhlig aca gu math Gàidhealach. Tha beartas anns na gnàthasan-cainnt.

Seo fear eile. Tha e siud a’ fàgail snàithlean fad’ an droch thàilleir. Gu litreachail, he is leaving there the long thread of the tailor. Tha e siud a’ fàgail snàithlean fad’ an droch thàilleir. Seo an t-eadar-theangachadh: he’s not a very neat tradesman!

Agus ’s iomadh carraig ris an do shuath am fear sin. It’s many a rock on which that man rubbed. ’S iomadh carraig ris an do shuath am fear sin. An t-eadar-theangachadh: that one’s had a few setbacks in his life.

Tha i cho faoin ri na h-uiseagan. She’s as silly as the larks. Tha i cho faoin ri na h-uiseagan. An t-eadar-theangachadh: she’s completely bonkers!

Agus tha gnàthas-cainnt eile a’ dèanamh ceangal eadar boireannaich is eòin. Ach tha am fear seo a’ moladh a’ bhoireannaich. Thàinig i à nead ghlan. Gu litreachail, she came from a clean nest. Thàinig i à nead ghlan. An t-eadar-theangachadh: she came from a respected family! Tha mi an dòchas gun tàinig sibh uile à nead ghlan!

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 611

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile