FaclairDictionary EnglishGàidhlig

608: Nant Gwrtheyrn (1) 608: Nant Gwrtheyrn (1)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Nant Gwrtheyrn (1)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh gun robh mi sa Chuimrigh as t-fhoghar. Bha mi ag ionnsachadh beagan Cuimris. Bha mi ann an ionad-cànain air a bheil Nant Gwrtheyrn. Tha e air Rubha Llŷn ann an ceann an iar-thuath na Cuimrigh. Tha e a-mach à sealladh air cùl chnoc, os cionn mol.

Tha seann eachdraidh aig Nant Gwrtheyrn, co-dhiù a rèir beul-aithris. Tha nant a’ ciallachadh ‘allt’ no ‘mòr-chlais’. B’ e Gwrtheyrn seann rìgh Breatannach. Bha e beò ann an Ceant anns a’ chòigeamh linn. Bha e meata. Chleachd e saighdearan Sagsannach airson smachd a chumail air a nàimhdean.

B’ e Hengist fear de na Sagsannaich sin. Bha e brùideil. Rinn e a’ chùis air nàimhdean Ghwrtheyrn. Thug Gwrtheyrn Eilean Thanet dha mar dhuais. Ged a tha Thanet ceangailte ri tìr-mòr Cheant an-diugh, ʼs e eilean ceart a bha ann aig an àm sin.

Thug na Sagsannaich an teaghlaichean leotha. Ghabh iad fearann thairis air tìr-mòr. Bha fios aig Gwrtheyrn gun do rinn e mearachd. Airson a rìoghachd a dhìon, rinn e tairgse-phòsaidh do nighean Hengist. Dh’aontaich Hengist ris an aonadh. Chaidh cuirm mhòr a chumail. Bha na Breatannaich agus na Sagsannaich nan suidhe còmhla.

Gu h-obann, dh’èirich na Sagsannaich. Tharraing iad am biodagan. Thòisich iad air na Breatannaich a mhurt. Theich Gwrtheyrn agus a dhraoidhean lem beatha. Chuir iad seachad bliadhnaichean air allaban. Bha iad a’ coimhead airson àite a bha sàbhailte dhaibh. Lorg iad an t-àite air a bheil Nant Gwrtheyrn an-diugh.

Ged a bha am fearann cas, bha e torrach. Bha a’ mhuir làn èisg. Airson ceud bliadhna, bha sluagh ann. Bha an seann chreideamh aca fhathast. Latha a bha seo, nochd triùir mhanach. Dh’iarr iad air na daoine eaglais Chrìosdail a thogail. Ach dhiùlt na daoine.

Rinn na manaich mallachd orra. Agus, an ath mhadainn, chaidh fir a’ bhaile gu muir a dh’iasgach. Dh’èirich stoirm. Chaidh na fir a bhàthadh. Às aonais nam fear, bha aig na boireannaich ri Nant Gwrtheyrn fhàgail. Bha am baile an uair sin falamh airson ùine mhòr. Agus innsidh mi dhuibh tuilleadh mu eachdraidh anns an ath Litir.

Nant Gwrtheyrn (1)

English Beurla

I was telling you that I was in Wales in the autumn. I was learning a little Welsh. I was in a language centre called Nant Gwrtheyrn. It’s on the Llŷn Peninsula in the north-west of Wales. It’s out of sight behind hills, above a shingle beach.

Nant Gwrtheyrn has an old history, at least according to oral tradition. Nant means a ‘stream’ or ‘ravine’. Gwrtheyrn was an old British king. He lived in Kent in the fifth century. He was timid. He used Saxon soldiers to control his enemies.

Hengist was one of those Saxons. He was brutal. He defeated Gwrtheyrn’s enemies. Gwrtheyrn gave him the Isle of Thanet as a reward. Although Thanet is today connected to the Kent mainland, it was a proper island at that time.

The Saxons brought their families with them. They took over land on the mainland. Gwrtheyrn knew he [had] made a mistake. To protect his kingdom, he made a marriage proposal to a daughter of Hengist. Hengist agreed to the union. A great feast was held. The Britons and the Saxons were sitting together.

Suddenly the Saxons rose. They drew their daggers. They started to murder the Britons. Gwrtheyrn and his druids fled for their lives. They spent years wandering. They were looking for a place that was safe for them. They found the place which is today called Nant Gwrtheyrn.

Although the land was steep, it was fertile. The sea was full of fish. For a century there was a population there. They still adhered to the old religion. One day, three monks appeared. They asked the people to build a Christian church. The people refused.

The monks cursed them. And, next day, the men of the village went to sea to fish. A storm arose. The men were drowned. Without the men, the women had to leave Nant Gwrtheyrn. The village was then empty for a long time. And I’ll tell you more about its history in the next Litir.

Nant Gwrtheyrn (1)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh gun robh mi sa Chuimrigh as t-fhoghar. Bha mi ag ionnsachadh beagan Cuimris. Bha mi ann an ionad-cànain air a bheil Nant Gwrtheyrn. Tha e air Rubha Llŷn ann an ceann an iar-thuath na Cuimrigh. Tha e a-mach à sealladh air cùl chnoc, os cionn mol.

Tha seann eachdraidh aig Nant Gwrtheyrn, co-dhiù a rèir beul-aithris. Tha nant a’ ciallachadh ‘allt’ no ‘mòr-chlais’. B’ e Gwrtheyrn seann rìgh Breatannach. Bha e beò ann an Ceant anns a’ chòigeamh linn. Bha e meata. Chleachd e saighdearan Sagsannach airson smachd a chumail air a nàimhdean.

B’ e Hengist fear de na Sagsannaich sin. Bha e brùideil. Rinn e a’ chùis air nàimhdean Ghwrtheyrn. Thug Gwrtheyrn Eilean Thanet dha mar dhuais. Ged a tha Thanet ceangailte ri tìr-mòr Cheant an-diugh, ʼs e eilean ceart a bha ann aig an àm sin.

Thug na Sagsannaich an teaghlaichean leotha. Ghabh iad fearann thairis air tìr-mòr. Bha fios aig Gwrtheyrn gun do rinn e mearachd. Airson a rìoghachd a dhìon, rinn e tairgse-phòsaidh do nighean Hengist. Dh’aontaich Hengist ris an aonadh. Chaidh cuirm mhòr a chumail. Bha na Breatannaich agus na Sagsannaich nan suidhe còmhla.

Gu h-obann, dh’èirich na Sagsannaich. Tharraing iad am biodagan. Thòisich iad air na Breatannaich a mhurt. Theich Gwrtheyrn agus a dhraoidhean lem beatha. Chuir iad seachad bliadhnaichean air allaban. Bha iad a’ coimhead airson àite a bha sàbhailte dhaibh. Lorg iad an t-àite air a bheil Nant Gwrtheyrn an-diugh.

Ged a bha am fearann cas, bha e torrach. Bha a’ mhuir làn èisg. Airson ceud bliadhna, bha sluagh ann. Bha an seann chreideamh aca fhathast. Latha a bha seo, nochd triùir mhanach. Dh’iarr iad air na daoine eaglais Chrìosdail a thogail. Ach dhiùlt na daoine.

Rinn na manaich mallachd orra. Agus, an ath mhadainn, chaidh fir a’ bhaile gu muir a dh’iasgach. Dh’èirich stoirm. Chaidh na fir a bhàthadh. Às aonais nam fear, bha aig na boireannaich ri Nant Gwrtheyrn fhàgail. Bha am baile an uair sin falamh airson ùine mhòr. Agus innsidh mi dhuibh tuilleadh mu eachdraidh anns an ath Litir.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 912

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile