FaclairDictionary EnglishGàidhlig

626: Commemorating the New Testament (2) 626: Comharrachadh an Tiomnaidh Nuaidh (2)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Comharrachadh an Tiomnaidh Nuaidh (2)

Gaelic Gàidhlig

O chionn bhliadhnaichean, sgrìobh mi anns na Litrichean mun Urramach Iain Ros. Bha e ainmeil mar mhiseanaraidh ann an Coirìa is Sìona anns an naoidheamh linn deug. Bhuineadh e do sgìre nam bailtean mara ann an Ros an Ear. Bha Gàidhlig aige mar chiad chànan. Dh’ionnsaich e Coirìanais gu fileantachd. Agus, a rèir aithris, bha deich cànanan eile aige. Dh’eadar-theangaich e an Tiomnadh Nuadh gu Coirìanais.

Cha robh cùisean furasta do mhiseanaraidhean Crìosdail ann an Sìona. Aig deireadh an naoidheamh linn deug bha Ar-a-mach nam Bogsairean ann. Chuir ochd dùthchannan – feadhainn Siarach agus Iapan – armailtean gu ruige Sìona. Bha Breatainn am measg nan dùthchannan sin. Cheannsaich iad na Sìonaich.

Chaidh na mìltean de Chrìosdaidhean a mharbhadh anns an ar-a-mach. Chaidh an eaglais a stèidhich an t-Urr. Iain Ros a losgadh gu làr. Aig a’ cheann thall, thill Ros a dh’Alba agus chaochail e ann an Dùn Èideann.

Carson a tha mi a’ beachdachadh air Iain Ros? Tha, a chionn ʼs gun deach làmh-sgrìobhainn Sìonach a lorg ann an Tasglann Eaglais na h-Alba ann an Dùn Èideann. Tha i air a bhith anns an Tasglann airson ùine mhòr. Ach tha i ann an Sìonais. Cha robh fios aig duine dè cho cudromach ʼs a bha i. O chionn ghoirid chaidh a h-eadar-theangachadh.

Chaidh an làmh-sgrìobhainn a chur a-mach leis an Ìmpire Kuang Hsu an dèidh Ar-a-mach nam Bogsairean. Bha sin ann an naoi ceud deug ʼs a h-aon (1901). Bha an t-Ìmpire ag iarraidh air a’ mhòr-shluagh a bhith bàigheil ri Crìosdaidhean. Bha e ag iarraidh gum biodh sìth ann. Tha an làmh-sgrìobhainn cudromach mar fhianais air na thachair aig an àm sin.

An dèidh an ar-a-mach, nuair a bha sìth ann, bha Iain Ros an sàs ann an còmhraidhean le Riaghaltas Shìonaidh. Bha sin mu dheidhinn eaglaisean Pròstanach fhosgladh às ùr. Tha deagh theans ann gur e Ros a thug dhachaigh an làmh-sgrìobhainn a dh’Alba.

Bha na h-eaglaisean Pròstanach fosgailte an uair sin airson deicheadan. Dhùin iad a-rithist anns an Rèabhlaid Chultaraich anns na seasgadan is seachdadan. Ach ʼs e sgeul eile a tha sin.

Commemorating the New Testament (2)

English Beurla

Years ago I wrote in the Litrichean about the Reverend John Ross. He was famous as a missionary in Korea and China in the nineteenth century. He belonged to the area of the seaboard villages in Easter Ross. He spoke Gaelic as his first language. He learned Korean to fluency. And, apparently, he spoke ten other languages. He translated the New Testament into Korean.

Matters were not easy for Christian missionaries in China. At the end of the nineteenth century there was the Boxer Rebellion. Eight countries – western ones and Japan – sent armies to China. Britain was among those countries. They subdued the Chinese.

Thousands of Christians were killed in the revolution. The church that the Rev. John Ross established was burned to the ground. Finally, Ross returned to Scotland and he died in Edinburgh.

Why am I thinking about John Ross? It’s because a Chinese manuscript was found in the Archives of the Church of Scotland in Edinburgh. It’s been in the Archives for a long time. But it’s in Chinese. Nobody knew how important it was. Recently it was translated.

The manuscript was published by the Emperor Kuang Hsu after the Boxer Rebellion. That was in 1901. The Enperor was wanting the people to be positive towards Christians. He wanted there to be peace. The manuscript is important as evidence for what happened at that time.

After the rebellion, when there was peace, John Ross was involved in conversations with the Chinese Government. That was about reopening Protestant churches. There is a good chance that it was Ross that took the manuscript home to Scotland.

The Protestant churches were then open for decades. They closed again in the Cultural Revolution in the sixties and seventies. But that’s another story.

Comharrachadh an Tiomnaidh Nuaidh (2)

Gaelic Gàidhlig

O chionn bhliadhnaichean, sgrìobh mi anns na Litrichean mun Urramach Iain Ros. Bha e ainmeil mar mhiseanaraidh ann an Coirìa is Sìona anns an naoidheamh linn deug. Bhuineadh e do sgìre nam bailtean mara ann an Ros an Ear. Bha Gàidhlig aige mar chiad chànan. Dh’ionnsaich e Coirìanais gu fileantachd. Agus, a rèir aithris, bha deich cànanan eile aige. Dh’eadar-theangaich e an Tiomnadh Nuadh gu Coirìanais.

Cha robh cùisean furasta do mhiseanaraidhean Crìosdail ann an Sìona. Aig deireadh an naoidheamh linn deug bha Ar-a-mach nam Bogsairean ann. Chuir ochd dùthchannan – feadhainn Siarach agus Iapan – armailtean gu ruige Sìona. Bha Breatainn am measg nan dùthchannan sin. Cheannsaich iad na Sìonaich.

Chaidh na mìltean de Chrìosdaidhean a mharbhadh anns an ar-a-mach. Chaidh an eaglais a stèidhich an t-Urr. Iain Ros a losgadh gu làr. Aig a’ cheann thall, thill Ros a dh’Alba agus chaochail e ann an Dùn Èideann.

Carson a tha mi a’ beachdachadh air Iain Ros? Tha, a chionn ʼs gun deach làmh-sgrìobhainn Sìonach a lorg ann an Tasglann Eaglais na h-Alba ann an Dùn Èideann. Tha i air a bhith anns an Tasglann airson ùine mhòr. Ach tha i ann an Sìonais. Cha robh fios aig duine dè cho cudromach ʼs a bha i. O chionn ghoirid chaidh a h-eadar-theangachadh.

Chaidh an làmh-sgrìobhainn a chur a-mach leis an Ìmpire Kuang Hsu an dèidh Ar-a-mach nam Bogsairean. Bha sin ann an naoi ceud deug ʼs a h-aon (1901). Bha an t-Ìmpire ag iarraidh air a’ mhòr-shluagh a bhith bàigheil ri Crìosdaidhean. Bha e ag iarraidh gum biodh sìth ann. Tha an làmh-sgrìobhainn cudromach mar fhianais air na thachair aig an àm sin.

An dèidh an ar-a-mach, nuair a bha sìth ann, bha Iain Ros an sàs ann an còmhraidhean le Riaghaltas Shìonaidh. Bha sin mu dheidhinn eaglaisean Pròstanach fhosgladh às ùr. Tha deagh theans ann gur e Ros a thug dhachaigh an làmh-sgrìobhainn a dh’Alba.

Bha na h-eaglaisean Pròstanach fosgailte an uair sin airson deicheadan. Dhùin iad a-rithist anns an Rèabhlaid Chultaraich anns na seasgadan is seachdadan. Ach ʼs e sgeul eile a tha sin.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile