menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

An Litir Bheag (The Little Letter) An Litir Bheag

Ruairidh MacIlleathain Sreath de litrichean a bheir taic do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Bidh iad seo cuideachail do luchd-ionnsachaidh a tha seachad air ìre-tòiseachaidh agus a tha ag iarraidh barrachd Gàidhlig a leughadh. Tha faidhle fuaim, teacsa agus eadar-theangachadh an cois gach litir. Sna tràth-litrichean, tha puingean cànain is abairtean a’ gabhail àite eadar-theangachadh slàn. A series of letters that offer support to Gaelic learners. These will be helpful to learners who are beyond a beginners’ level and want to read more. Audio, text and translation accompany each letter. In the early letters, language points and phrases are provided instead of a full translation.

New Letters Litrichean Ùra

  • Go to a letter Theirig gu litir

Search Lorg

Mary of Callert (2) (Litir Bheag 634) Màiri Challaird (2) (Litir Bheag 634)

Mary of Callert (2) Màiri Challaird (2)

I was telling you about Mary of Callert. She lost her husband, Patrick, son of Duncan of Inverawe. He was a Campbell. He was wounded at the Battle of Inverlochy. He got home but he died there. He was buried behind the house. Mary wrote about it in a song.

Mary had a broken heart. But, in time, the prior of Ardchattan asked her to marry him. Mary wasn’t fond of the man. She didn’t want to marry him. But, eventually, she agreed.

On the evening of the wedding, Mary sang a song to the women who were helping her. It was a poignant song. Mary was missing Patrick. She didn’t want to marry another man.

I’ll give you two verses of the song. Here is the first one: treasure of men of the dell, you took me out of the plague house, where my father and mother were, my beloved sister and my five brothers.

And a second verse: o, it is me that is bereft, going to lie with another man, and my own man behind the house, the hunter of the brown stags and the hinds.

Mary was still very sad about the death of her husband. Listen again to the final verse. O, it is me that is bereft, going to lie with another man, and my own man behind the house, the hunter of the brown stags and the hinds.

Mary died that very night – before her new marriage was consummated.

Before we leave Callert – do you remember Angus, the illegitimate son of the laird of Lundavra? He murdered his two half-brothers. But he was not punished. The people were saying, as there had not been justice, that they would all be punished. And they were. That was the plague – the black fever (typhus).

And, although Angus was a Cameron, he didn’t take the name of that clan. People referred to his descendants as Clann Aonghais . Innes in English. People with that name still live in Lochaber.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Màiri Challaird (2) (Litir Bheag 634)

Mary of Callert (2)

Bha mi ag innse dhuibh mu Mhàiri Challaird. Chaill i an duine aice, Pàdraig Mac Dhonnchaidh Inbhir Atha. ʼS e Caimbeulach a bha ann. Chaidh a leòn aig Blàr Inbhir Lòchaidh. Fhuair e dhachaigh ach chaochail e an sin. Chaidh a thiodhlacadh air cùl an taighe. Sgrìobh Màiri mu dheidhinn ann an òran.

Bha cridhe briste aig Màiri. Ach an ceann greis, dh’iarr àrd-mhanach Àird Chatain oirre a phòsadh. Cha robh Màiri toigheach air an duine. Cha robh i ag iarraidh a phòsadh. Ach, mu dheireadh, dh’aontaich i.

Air feasgar na bainnse, ghabh Màiri òran do na boireannaich a bha a’ toirt taic dhi. ʼS e òran tiamhaidh a bha ann. Bha Màiri ag ionndrainn Phàdraig. Cha robh i ag iarraidh fear eile a phòsadh.

Bheir mi dhuibh dà rann dhen òran. Seo a’ chiad fhear: Fheudail a dh’fhearaibh na dàlach, Thug thu mach à taigh na plàigh mi, Far an robh m’ athair ʼs mo mhàthair, Mo phiuthar ghaoil ʼs mo chòignear bhràithrean .

Agus dàrna rann: Rìgh, gur mis’ a th’ air mo sgaradh, Bhith dol le fear eile ʼlaighe, Is m’ fhear fhèin air cùl an taighe, Sealgair nan damh donn ʼs nan aighean .

Bha Màiri fhathast muladach mu bhàs an duine aice. Èistibh a-rithist ris an rann mu dheireadh: Rìgh, gur mis’ a th’ air mo sgaradh, Bhith dol le fear eile ʼlaighe, Is m’ fhear fhèin air cùl an taighe, Sealgair nan damh donn ʼs nan aighean.

Chaochail Màiri air an oidhche sin fhèin – mus deach am pòsadh ùr aice a choileanadh.

Mus fhàg sinn Callaird – a bheil cuimhne agaibh air Aonghas, am mac dìolain aig uachdaran Lunn Dà Bhrà? Mhuirt e a dhithis leth-bhràithrean. Ach cha deach a pheanasachadh. Bha na daoine ag ràdh, leis nach robh ceartas ann, gun tigeadh peanas orra uile. Agus thàinig. B’ e sin a’ phlàigh – am fiabhras dubh.

Agus, ged as e Camshronach a bha ann an Aonghas, cha do ghabh e ainm a’ chinnidh sin air. ʼS e Clann Aonghais a chanadh daoine ri a shliochd. Innes ann am Beurla. Tha daoine leis an ainm sin fhathast a’ fuireach ann an Loch Abar.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF: Thoir a-nuas Litir mar PDF: Adobe PDF of this letter

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 937

Podcast

BBC offers this litir as a podcast – visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other Letters Litrichean eile

data loading indicator

Àireamh / Number

Facal / Word