FaclairDictionary EnglishGàidhlig

635: Gormshuil of Moy (1) 635: Gormshuil na Maighe (1)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Gormshuil na Maighe (1)

Gaelic Gàidhlig

Bu mhath leam stòiridh ainmeil à Loch Abar innse dhuibh. ʼS e an tiotal oirre ‘Gormshuil Mhòr na Maighe’. No, ann am Beurla ‘Great Gormshuil of Moy’. Tha an t-ainm Gormshuil a’ tighinn à gorm agus sùil. Bha e uaireigin cumanta mar ainm boireann ann an Loch Abar.

Bha Gormshuil pòsta aig fear Camshronach à Maigh, taobh an Lagain. Bha comasan os-nàdarrach aice. Bha iasgairean is sealgairean a’ tighinn seachad air an taigh aice. Bha iad a’ stad airson a beannachd fhaighinn.

Latha a bha seo, thàinig Loch Iall, ceann-cinnidh nan Camshronach, seachad. Bha a phìobaire còmhla ris. Bha Gormshuil aig a doras aghaidh. ‘Cà’l sibh a’ dol?’ dh’fhaighnich i.

‘Dè an diofar a tha ann dhutsa cà’l mi a’ dol?’ fhreagair Loch Iall.

Cha robh Gormshuil toilichte. Thuirt i gun robh iasgairean agus sealgairean ag iarraidh a beannachd. Carson nach robh a ceann-cinnidh ag iarraidh a beannachd?

Stad Loch Iall. Dh’inns e dhi gun robh e a’ dol gu coinneamh le Iarla Athall. Bha iad a’ dol a thighinn gu aonta mun chrìch eadar Loch Abar agus Athall.

‘Cò bhios còmhla ribh?’ dh’fhaighnich Gormshuil.

‘Cha bhi ach mo phìobaire – mar a chaidh aontachadh,’ ars an ceann-cinnidh.

‘Thoiribh leibh feachd armaichte,’ thuirt Gormshuil. ‘Cumaibh am falach iad. Ma tha cunnart ann, cuiribh ur cleòc oirbh caoin air ascaoin agus thig iad airson ur cuideachadh.’ Ghabh Loch Iall a comhairle. Thug e feachd leis.

Bha Iarla Athall mì-reusanta mu na crìochan. Bha e dhen bheachd nach robh aig Loch Iall ach a phìobaire. Shèid e fìdeag. Dh’èirich feachd Athallach às an fhraoch.

‘Cò iad?’ dh’fhaighnich Loch Iall.

‘Caoraich Athallach a dh’itheas feur Abrach,’ fhreagair an t-Iarla.

Thionndaidh Loch Iall taobh caoin a chleòca don taobh ascaoin. Nochd na gaisgich Abrach às na h-àiteachan falaich aca. ‘Seo na coin Abrach a chuireas ruaig air na caoraich Athallach,’ thuirt e.

Air an rathad dhachaigh, chaidh Loch Iall a chèilidh air Gormshuil airson taing a thoirt dhi. ‘A dh’aindeoin ur faclan coibhneis,’ thuirt i, ‘crochaidh sibh mo mhac latha air choreigin.’

Chaidh an ceann-cinnidh às àicheadh sin gu làidir, ach chì sinn dè thachair an-ath-sheachdain.

Gormshuil of Moy (1)

English Beurla

I’d like to tell you a famous story from Lochaber. It’s called Gormshuil Mhòr na Maighe. Or, in English, ‘Great Gormshuil of Moy’. The name Gormshuil comes from gorm and sùil. It was at one time common as a female name in Lochaber.

Gormshuil was married to a Cameron from Moy, over Laggan way. She had supernatural powers. Fishermen and hunters were coming past her house. They were stopping to get her blessing.

One day, Lochiel, the chief of the Camerons, came past. His piper was with him. Gormshuil was at her front door. ‘Where are you going?’ she asked.

‘What difference is it to you where I’m going?’ replied Lochiel.

Gormshuil wasn’t pleased. She said that fishermen and hunters were wanting her blessing. Why was her clan chief not wanting her blessing?

Lochiel stopped. He told her he was going to a meeting with the Earl of Atholl. They were going to come to an agreement about the border between Lochaber and Atholl.

‘Who will be with you?’ asked Gormshuil.

‘Nobody but my piper – as was agreed,’ said the chief.

‘Take with you an armed force,’ said Gormshuil. ‘Keep them hidden. If there is danger, put on your cloak inside out and they’ll come to help you.’ Lochiel took her advice. He took a force with him.

The Earl of Atholl was unreasonable about the borders. He thought that Lochiel only had his piper. He blew a whistle. A force of Athollmen arose from the heather.

‘Who are they?’ asked Lochiel.

‘Atholl sheep who’ll eat Lochaber grass,’ the Earl replied.

Lochiel turned his cloak inside out. The Lochaber heroes appeared from their hiding places. ‘These are the Lochaber dogs that will chase away the Atholl sheep,’ he said.

On the way home, Lochiel went to visit Gormshuil to thank her. ‘Despite your words of kindness,’ she said, ‘you will hang my son some day.’

The clan chief denied that strongly, but we’ll see what happened next week.

Gormshuil na Maighe (1)

Gaelic Gàidhlig

Bu mhath leam stòiridh ainmeil à Loch Abar innse dhuibh. ʼS e an tiotal oirre ‘Gormshuil Mhòr na Maighe’. No, ann am Beurla ‘Great Gormshuil of Moy’. Tha an t-ainm Gormshuil a’ tighinn à gorm agus sùil. Bha e uaireigin cumanta mar ainm boireann ann an Loch Abar.

Bha Gormshuil pòsta aig fear Camshronach à Maigh, taobh an Lagain. Bha comasan os-nàdarrach aice. Bha iasgairean is sealgairean a’ tighinn seachad air an taigh aice. Bha iad a’ stad airson a beannachd fhaighinn.

Latha a bha seo, thàinig Loch Iall, ceann-cinnidh nan Camshronach, seachad. Bha a phìobaire còmhla ris. Bha Gormshuil aig a doras aghaidh. ‘Cà’l sibh a’ dol?’ dh’fhaighnich i.

‘Dè an diofar a tha ann dhutsa cà’l mi a’ dol?’ fhreagair Loch Iall.

Cha robh Gormshuil toilichte. Thuirt i gun robh iasgairean agus sealgairean ag iarraidh a beannachd. Carson nach robh a ceann-cinnidh ag iarraidh a beannachd?

Stad Loch Iall. Dh’inns e dhi gun robh e a’ dol gu coinneamh le Iarla Athall. Bha iad a’ dol a thighinn gu aonta mun chrìch eadar Loch Abar agus Athall.

‘Cò bhios còmhla ribh?’ dh’fhaighnich Gormshuil.

‘Cha bhi ach mo phìobaire – mar a chaidh aontachadh,’ ars an ceann-cinnidh.

‘Thoiribh leibh feachd armaichte,’ thuirt Gormshuil. ‘Cumaibh am falach iad. Ma tha cunnart ann, cuiribh ur cleòc oirbh caoin air ascaoin agus thig iad airson ur cuideachadh.’ Ghabh Loch Iall a comhairle. Thug e feachd leis.

Bha Iarla Athall mì-reusanta mu na crìochan. Bha e dhen bheachd nach robh aig Loch Iall ach a phìobaire. Shèid e fìdeag. Dh’èirich feachd Athallach às an fhraoch.

‘Cò iad?’ dh’fhaighnich Loch Iall.

‘Caoraich Athallach a dh’itheas feur Abrach,’ fhreagair an t-Iarla.

Thionndaidh Loch Iall taobh caoin a chleòca don taobh ascaoin. Nochd na gaisgich Abrach às na h-àiteachan falaich aca. ‘Seo na coin Abrach a chuireas ruaig air na caoraich Athallach,’ thuirt e.

Air an rathad dhachaigh, chaidh Loch Iall a chèilidh air Gormshuil airson taing a thoirt dhi. ‘A dh’aindeoin ur faclan coibhneis,’ thuirt i, ‘crochaidh sibh mo mhac latha air choreigin.’

Chaidh an ceann-cinnidh às àicheadh sin gu làidir, ach chì sinn dè thachair an-ath-sheachdain.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 939

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile