Speaking Our Language Speaking Our Language is a television series which transmitted for the first time in 1993. It is currently broadcast on BBC ALBA and a substantial part of all four of the original series has been edited and included at LearnGaelic. So if you are learning Gaelic, access video clips suitable to your level of ability here. Chaidh an sreath telebhisein Speaking Our Language a chraoladh airson a’ chiad uair ann an 1993. Tha e ga chraoladh an-dràsta air BBC ALBA agus gheibhear cuid mhath de na ceithir sreathan tùsail aig LearnGaelic. Mar sin, ma bhios tu ag ionnsachadh na Gàidhlig, gheibhear criomagan bhideo an seo a bhios a’ freagradh an ìre chànain agad fhèin.

BeginnerNeach-tòiseachaidh

Episodes 1-18 Prògraman 1-18
If you are a complete beginner episodes 1-18 will take you (step-by-step) into conversational Gaelic and introduce you to the basic language skills you will need to speak Gaelic. Ma tha thu aig fìor thoiseach tòiseachaidh, bheir prògraman 1-18 a-steach thu do chòmhraidhean Gàidhlig far am faigh thu bun ionnsachadh ann an sgilean labhairt a’ chànain.


Intermediate Eadar-mheadhanach

Episodes 19-36 Prògraman 19-36
Build on your new skills here in series 2 of Speaking Our Language and continue to lay the foundation for communicating and expressing yourself in Gaelic. San dàrna sreath an seo, leasaich do chuid sgilean ùra agus cùm ort a’ suidheachadh stèidh airson a bhith a’ conaltradh ’s a’ cur do bheachdan fhèin an cèill tron Ghàidhlig.

Episodes 37-54 Prògraman 37-54
Series 3 allows you to progress beyond the foundational stage by broadening your vocabulary and deepening your understanding of Gaelic grammar, whilst offering a range of topics that will encourage you to develop your fluency. Tha Sreath 3 gad thoirt seachad air an ìre bhunasach le bhith a’ cur ris an stòras fhaclan a th’ agad agus a’ meudachadh do chuid eòlais air gràmar na Gàidhlig. Gheibhear caochladh chuspairean a mhisnicheas thu gus do chuid fileantachd a leasachadh.


Advanced Adhartach

Episodes 55-72 Prògraman 55-72
Designed for the advanced learner, these episodes will consolidate what you have learned so far and take you through the more complex parts of the Gaelic language to expand your knowledge and enhance your confidence. Air an cur air dòigh don ionnsaiche adhartach, bidh na prògraman seo a’ daingneachadh na tha thu air ionnsachadh gu ruige seo, gad thoirt tro earrannan nas toinnte den chànan. Leudaichear do chuid eòlais agus bheirear piseach air do chuid misneachd.