FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Talking about things that have happened A’ bruidhinn mu rudan a tha air tachairt

Have you woken yet? A bheil thu air dùsgadh fhathast?

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

a bheil thu air èirigh? have you got up?

tha mi air dùsgadh I have awoken

bha mi air dùsgadh I had awoken

cha robh thu air dùsgadh you hadn’t awoken

tha i dìreach air èirigh she has just got up

In this instance – air – means ‘have’ or ‘had’.

dh’èigh thu orm you shouted me

taing do shealbh thank heavens

dìreach just

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Girl Alasdair, a bheil thu air èirigh fhathast?
Alasdair, dùisg!
Alasdair, have you gotten up yet? Alasdair, get up!
Alasdair Tha mi air dùsgadh. I've woken up.
Girl Èirich ma-thà. Get up then.
Alasdair Tha mi air èirigh. I have gotten up.
Girl Chan eil thu.
Èirich agus greas ort.
Tha e air èirigh mu dheireadh thall.
Taing do shealbh!
Deich uairean.
Mo chreach!
No you haven’t.
Get up and hurry up.
He’s gotten up finally.
Thank Heavens!
Ten o’ clock.
My goodness!
Alasdair Bha mi air dùsgadh nuair a dh’èigh thu orm. I was awake when you called me.
Girl Cha robh thu air dùsgadh idir. You weren't awake at all.
Alasdair Tha an t-acras orm.
A bheil thusa air ithe?
I’m hungry.
Have you eaten?
Girl Chan eil.
Tha mi fhìn dìreach air èirigh.
Seall an uair a tha e.
A bheil cuimhne agad dè an latha a th’ ann an-diugh?
No.
I’ve just gotten up myself.
Look at the time.
Do you remember what day it is today?
Alasdair ’S e Disathairne a th’ ann. It’s Saturday.
Girl ’S e.
Agus tha d’ athair agus do mhàthair a’ tighinn aig deich uairean.
Yes.
And your father and mother are coming at ten o’ clock.
Alasdair Dè?
Murt!
Cha robh cuimhne agam.
Carson a chaidh sinn dhan phartaidh sin a-raoir?
What?
Heck!
I had forgotten.
Why did we go to that party last night?
Girl Chaidh a chionn ’s gur e Dihaoine a bh’ ann an-dè. We went because it was Friday yesterday.
Alasdair Dè nì sinn? What will we do?
Girl Uill, tha mise a’ dol a ghabhail mo bhracaist, agus tha thusa a’ dol a chur aodach ort. Well, I’m going to have breakfast and you’re going to get dressed.
Alasdair Tha. Yes.
Girl Halò.
Ciamar a tha sibh?
Dè?
Tha sin ceart gu leòr.
Glè mhath ma-thà.
Mar sin leibh.
Alasdair, a bheil thu deiseil fhathast?
Hello.
How are you?
What?
That’s alright.
Very good then.
Bye.
Alasdair, are you ready yet?
Alasdair A bheil iad air tighinn? Have they arrived?
Girl Chan eil.
Bha do mhàthair a’ fònadh.
Tha i dìreach air èirigh.
Bha i fhèin agus d’ athair a-muigh aig partaidh a-raoir cuideachd.
Bha iad anmoch.
Cha bhi iad an seo gu dà uair dheug.
An gabh thu cupa tì?
No.
Your mother was phoning.
She has just gotten up.
She and your father were out at a party last night too.
They were late.
They won’t be here until twelve o’ clock.
Will you have a cup of tea?