menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

WATCH GAELIC COIMHEAD GÀIDHLIG

Gaelic text Teacsa Gàidhlig

A’ dìon na Sàbaid

[Iain] Thàinig atharrachadh nan gràs na mo bheatha nuair a bha mi ceithir bliadhna deug, air an treas bliadhna ann an Sgoil MhicNeacail. Bha mi ann an Oilthigh Obar Dheathain trì bliadhna agus bha sin a’ toirt orm a bhith a’ ceasnachadh an robh na beachdan agamsa ceart no an robh iad ceàrr, agus ma bha iad ceàrr uill dh’fheumainn atharrachadh. Agus ’s e àm gu math inntinneach a bh’ ann. Àm prìseil a’ coinneachadh ri caraidean ’s Crìosdaidhean ùra agus àm daingneachadh nam beachdan agam fhìn agus thug e dhomh cothrom bruidhinn ri Crìosdaidhean eile, faighinn a-mach carson a bha na beachdan sin aca agus an uair sin smaoineachadh ’s rannsachadh a dhèanamh leam fhìn mu dheidhinn nam beachdan agam fhìn.

[Iain] ’S e latha fìor phrìseil a tha san t-Sàbaid. Tha e againn airson maith ar cuirp agus ar n-inntinn, maith ar teaghlaich agus gu sònraichte airson maith ar n-anama.

[Iain] Bho chionn a dhà no trì mìosan chaidh iarraidh orm gabhail pàirt as a’ chomataidh ionadail de Chomann Dìon na Sàbaid, an LDOS. Cha robh guth aig an àm gum biodh samhradh connspaideach againn le aiseag Sàbaid a’ tighinn a Steòrnabhagh airson a’ chiad uair agus ’s e dùbhlan dha-rìribh a bha sin. Bha e duilich a bhith ann an suidheachadh far an robh a’ mhòr-chuid a bha a’ bruidhinn a-mach bha iad a’ bruidhinn a-mach air taobh nan aiseagan ’s bha e gu math duilich a bhith ann an suidheachadh far an robh fios agad gun robh sinn anns a’ bheag-chuid ’s chan ann anns a’ mhòr-chuid. Ach a dh’aindeoin sin tha, dhomh fhìn agus dhan chomataidh ionadail, tha sinn air, feumaidh sinn creidsinn gur e rud ceart a bha sinn a’ dèanamh. Seasamh a dhèanamh airson an t-Sàbaid air taobh Dhè.

[Iain] ’S e fìor bhriseadh-dùil a bh’ ann nuair a thòisich an aiseag Sàbaid eadar Ulapul ’s Steòrnabhagh. Tha sinn tric a’ dol an sàs ann an rud agus chan eil e a’ coimhead dòchasach ach an aon rud a tha aig cridhe na cùis, chan e a-mhàin an t-Sàbaid ach Dia na Sàbaid agus ma tha sinne a’ creidsinn Ann-san feumaidh sinn a bhith cinnteach, fiù ’s mas e lost cause a th’ ann a thaobh duine, gu bheil sinn a’ dèanamh an rud ceart a thaobh a’ Chruthadair.

[Iain] ’S e cùis eagail a th’ ann gu bheil an saoghal a’ gluasad ’s ag atharrachadh cho luath agus cho mòr, fiù as a’ choimhearsnachd againn fhìn. Tha fios gum feum buidhnean mar an LDOS, eaglaisean agus Crìosdaidhean air leth a bhith sùbailte gu ìre. Bu chòir dhuinn a bhith a’ feuchainn ri Crìosdaidhean fhèin, foghlam a thoirt do Chrìosdaidhean fhèin mu dheidhinn cho cudromach ’s a tha an t-Sàbaid agus ga chur aig cridhe ar beatha a-rithist mar a tha Na Deich Àitheantan. Chan eil duine a’ ceasnachadh nan Àitheantan eile, a’ mhòr-chuid aca co-dhiù, mu dheidhinn murt ’s goid ’s rudan mar sin, agus ma tha sinne, ma gheibh sinn an cothrom beagan teagaisg a dhèanamh air an sin ’s dòcha gun toir e bunait dha daoine airson na beachdan aca atharrachadh agus a stèidheachadh air a’ Bhìoball.

[Iain] Tha amharas againn gum bi strì ann anns na mìosan no co-dhiù na bliadhnaichean air thoiseach oirnn gus goireasan mar ionad spòrs, amar-snàimh, bùithtean ’s rudan mar sin fhosgladh air an t-Sàbaid. Tha sinn an dòchas airson iomadh adhbhar nach tachair e a thaobh tha sinn, air sgàth ’s nach eil sinn a’ smaointinn gu bheil e ceart anns a’ chiad àite ach anns an dàrna àite tha eagal oirnn mu dheidhinn na buaidh a bheir e air teaghlaichean, air daoine a tha ag obair cus agus air a’ choimhearsnachd gu lèir. Tha fios aig gach duine againn dè cho prìseil ’s a tha e latha dheth fhaighinn no saor-làithean fhaighinn agus ma tha cothrom againn aon latha dheth a-mach à seachd fhaighinn tha mi a’ smaointinn gur e sin an rud a tha fìor, fìor chudromach airson cha sheas corp no inntinn duine ri bhith ag obair fad na tìde agus chan eil mi a’ smaointinn gu bheil e ceart. Tha iomadh còir againne mar chinne-daonna agus ’s math gu bheil, ach cò às a tha iad a’ tighinn? Uill tha iad a’ tighinn bhon Chruthadair. ’S e Esan a chruthaich daoine agus a rinn sinn gu tur eadar-dhealaichte ri ainmidhean agus mar sin air adhart agus ‘s e na còirichean Aige-san ’s cinnteach a tha a’ faighinn prìomhachas an àite na còirichean againne. A dh’aindeoin ’s cho mì-dhòchasach ’s a tha cùisean a’ coimhead mu dheidhinn na Sàbaid agus cuspairean eile, cuspairean bunaiteach eile, tha mise ag iarraidh cumail a’ sabaid.

Chaidh am prògram seo, Alleluia, a chraoladh an toiseach ann an 2009.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

English text Teacsa Beurla

Sabbath observance

[Ian] The change in grace came on my life when I was fourteen years old, in third year in the Nicolson Institute. I was in Aberdeen University for three years and that made me question if my opinions were right or wrong, and if they were wrong I needed to change. And it was a very interesting time. A precious time meeting with friends and new Christians and a time to ratify my own opinions and it gave me an opportunity to speak with other Christians, find out why they had their opinions and then think and do research by myself about my own opinions.

[Ian] The Sabbath is an expectionally precious day. We have it for the good for our body and our mind, the good of our family and especially for the good for our soul.

[Ian] Two or three months ago I was asked to take part in the local committee of the Lord's Day Observance Society, the LDOS. There was no word at the time that we would have a controversial summer with the Sabbath ferry coming to Stornoway for the first time and that was a real challenge. It was difficult to be in a situation where the majority that were speaking up were speaking up in support of the ferries and it was very difficult to be in a situation where you knew that we were in the minority and not the majority. But despite that, for myself and the local committee, we have ... we must believe it was the correct thing to do. To make a stand for the Sabbath in support of the Lord.

[Ian] It was a real disappointment when the Sabbath ferry between Ullapool and Stornoway began. We often get involved in something and it doesn’t look hopeful but the one thing that is at the heart of the matter, not just the Sabbath but the Lord of the Sabbath and if we believe in Him we must be sure, even if it’s a lost cause for a person, that we are doing the right thing for the Creator.

[Ian] It’s a cause for alarm that the world is moving and changing so quickly and so greatly, even in our own community. Surely organisations like the LDOS, churchs and individual Christians need to be flexible to an extent. We ought to be trying with other Christians ... to educate Christians themselves about how important the Sabbath is and put it at the centre of our lives again as The Ten Commandments. Nobody questions the other Commandments, most of them anyway, about murder and theft and things like that, and if we are, if we get the opportunity to teach that a little perhaps it will give people a basis for changing their opinions and basing them on the Bible.

[Ian] We suspect that there will be contention in the months or at least years ahead with facilities like a sports centre, swimming pool, shops and things like that opening on the Sabbath. We hope for many reasons that it won’t happen since we are ... because we don’t think that it’s right firstly but secondly we are afraid about the impact it will have on families, on people who work too much and on the community overall. We all know how precious it is to get a day off or to get holidays and if we have an opportunity to get one day off out of seven I think that that is a very, very important thing since a person’s body or mind will not stand for working all the time and I don’t think that it is right. We have many rights as mankind and that’s good, but who do they come from? Well they come from the Creator. He created people and made us completely different from animals and so forth and His rights surely take priority over our own rights. Despite how unhopeful matter looks about the Sabbath and other subjects, other fundamental subjects, I want to keep fighting.

This programme, Alleluia, was first broadcast in 2009.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Gaelic & English text Teacsa Gàidhlig & Teacsa Beurla

Vocabulary Briathrachas

An t-Sàbaid - The Sabbath

Latha na Sàbaid - Sunday (Sabbath Day)

Na Deich Àitheantan - The Ten Commandments