menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

WATCH GAELIC COIMHEAD GÀIDHLIG

Gaelic text Teacsa Gàidhlig

Breith nan uan

[Sweeny] Bidh sibh a’ fàs eòlach a-nis air mar a tha mi a’ faighinn air adhart bho latha gu latha air an lot. Uaireannan tha cùisean air a bhith duilich le droch aimsir agus a leithid, agus uaireannan eile tha na làithean air a bhith mar seo – ciùin, àlainn agus soilleir. ’S chan e a-mhàin mi fhìn a tha toilichte gu bheil an geamhradh cha mhòr seachad. Tha na mucan a’ coimhead nas cofhurtail’ agus tha na cearcan ’s na tunnagan a’ faighinn a-mach nas tric’.

[Sweeny] Tha mi fhìn cuideachd a’ faighinn cothrom barrachd a dhèanamh a-muigh agus an-diugh ’s e na caoraich a tha romham. Tha mi air a bhith a’ coimhead às an dèidh fad a’ gheamhraidh agus a-nis tha iad deiseil airson breith.

[Sweeny] Tha ... am-bliadhna-sa tha e air a bhith gu math neònach. Chan eil mòran air a bhith ann anmoch. ’S ann tràth sa mhadainn a tha iad air a bhith so chan eil mi air a bhith an àird gu meadhan-oidhch’ no rudan mar sin le trioblaidean. ’S ann tràth sa mhadainn a tha cùisean air a bhith so chan eil e air a bhith ro dhona mar sin idir. Tha mi dìreach a’ toirt sùil air an fheadhainn-sa an-dràsta a dh’fhaicinn dè th’ air a dhèanamh. Tha am fear-sa ann an sin, rugadh sin o chionn trì no ceithir làithean agus chan eil mi a’ dol ga spoth idir. ’S e rùda a bhios anns an fhear ud. Chan eil càil na laighe idir. An ìre mhath a h-uile caora eile air an casan. Dìreach a’ dol ga cur an àird gu faic mi dè tha a’ tachairt.

[Sweeny] Tha mis’ gu math eòlach air na caoraich agam ’s aithnichidh mi nuair a tha iad faisg air breith. Tha an òthaisg seo air a bhith an-fhoiseil airson greiseag ’s feumaidh mi grèim fhaighinn oirre. Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil rudeigin ceàrr.

[Sweeny] Aig an àm-sa chan eil thu a’ smaoineachadh air airgead, chan eil thu a’ smaoineachadh air an rud mar gnìomhachas. ’S ann mu dheidhinn a’ chaora agus an uain a tha seo an-dràsta so chan eil airgead a’ tighinn a-steach dhan chùis idir.

[Sweeny] Halò, eil e fhèin a-staigh? Halò? Tha, tha uan a’ tighinn ’s tha eupside down so bha mi dìreach ag iarraidh comhairle agus hand. Tha mi air beulaibh an taigh’. Tapadh leats’. Tiors, tiors, tiors.

[Sweeny] Tha mo nàbaidh, Donaidh, eòlach air a bhith a’ dèiligeadh ri na suidheachaidhean seo agus ’s math gu bheil e faisg air làimh an-diugh.

Chaidh am prògram seo, An Lot, a chraoladh an toiseach ann an 2015. Le taing do MacTV.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

English text Teacsa Beurla

Lambs being born

[Sweeny] You will be getting used to how I get by day-to-day on the croft. Sometimes things have been difficult with bad weather and the likes, and some other times the days have been like this – calm, lovely and bright. And it’s not just me that’s happy that the winter is nearly past. The pigs seem more comfortable and the hens and the ducks are getting out more often.

[Sweeny] I’m also getting the opportunity to do more outside and today it’s the sheep. I’ve been looking after them all winter and now they’re ready to give birth.

[Sweeny] There’s ... this year has been very odd. Not many have been late. It’s early in the morning that they’ve been so I’ve not been up until midnight or anything like that with problems. It’s early in the morning that things have been so it’s not been too bad like that at all. I’m just looking at these ones just now to see what’s been doing. That one there, that was born three or four days ago and I’m not going to spay him at all. That one will be a ram. There’s none lying down at all. Nearly every other sheep is on their feet. Just going to raise her up so that I can see what’s happening.

[Sweeny] I know my sheep well and I can tell when they’re close to giving birth. This hogg has been restless for a while and I must get a hold of her. I think that there’s something wrong.

[Sweeny] At this time you’re not thinking about money, you’re not thinking of the thing as a business. This is about the sheep and the lamb just now so money doesn’t come into the matter at all.

[Sweeny] Hello, is himself in? Hello? Yes, there’s a lamb coming and it’s upside down so I just wanted advice and a hand. I’m at the front of the house. Thanks. Cheers, cheers, cheers.

[Sweeny] My neighbour, Donnie, knows about dealing with these situations and it’s good that he’s close by today.

This programme, An Lot, was first broadcast in 2015. Courtesy of MacTV

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Gaelic & English text Teacsa Gàidhlig & Teacsa Beurla

Vocabulary Briathrachas

ruigeadh - (was) born

uan - a lamb

spoth - castrate, spay

an-fhoiseil - restless, troubled, uneasy