FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Planning a holiday A’ cur air dòigh saor-làithean

Where are you going to stay?Càit a bheil sibh a' dol a dh' fhuireach?

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

càit a bheil sibh a’ dol a dh’fhuireach? where are you going to stay? (plural/polite)

càit am bi sibh a’ fuireach? where will you be staying? (plural/polite)

bidh sinn a’ fuireach ... we will be staying ...

ann an taigh-òsta in a hotel

còmhla ri caraidean with friends

ostail-òigridh youth hostel

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Woman 1 Tha thu a’ falbh air saor-làithean Dihaoine, nach eil? You’re going on holiday on Friday, aren’t you?
Woman 2 Tha.
Agus madainn Disathairne, bidh sinn air an tràigh ann an Tenerife.
Yes.
And on Saturday morning, we’ll be on the beach in Tenerife.
Woman 1 Càit a bheil sibh a’ dol a dh’fhuireach? Where are you going to stay?
Woman 2 Ann an taigh-òsta faisg air an tràigh.
Bidh sinn a’ dol ann a h-uile bliadhna.
In a hotel near the beach.
We go there every year.
Woman Tha e a’ fàs anmoch.
Dè tha sinn a’ dol a dhèanamh?
It’s getting late.
What are we going to do?
Man Dè tha thu a’ ciallachadh? What do you mean?
Woman Càit a bheil sinn a’ dol a dh’fhuireach a-nochd? Where are we going to stay tonight?
Man Uill, tha sinn faisg air Garnethill.
Sin an t-àite shuas an sin.
Faodaidh sinn fuireach ann an sin.
Well, we are near to Garnethill.
That’s the place up there.
We may stay there.
Woman Gabh air do shocair. Take it easy.
Man ’S e leabaidh is bracaist a th’ ann. Dè do bheachd? It’s a bed and breakfast. What do you think?
Woman Bidh sin ceart gu leòr, nach bi? That’ll be alright, won’t it?
Man Bithidh. Yes.
Man Mòran taing. Many thanks.
Woman ’S e ur beatha.
Càit a bheil sibh a’ dol a dh’fhuireach?
You’re welcome.
Where are you going to stay?
Man Tha ostail-òigridh an seo, nach eil? There’s a youth hostel here, isn’t there?
Woman Tha.
Tha sin ceart.
Ma thèid sibh seachad air an eaglais, tha an ostail air ur làimh dheis.
Yes.
That’s right.
If you go past the church, the hostel is on your right.
Man Tapadh leibh.
Tìoraidh ma-thà.
Thank you.
Cheerio then.
Woman Mar sin leibh. Goodbye.