FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Talking about abilities and permission A’ bruidhinn mu chomasan agus cead

Can you swim?An urrainn dhut snàmh?

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

an urrainn dhut …? can you …?

’s urrainn yes (to the question an urrainn?)

chan urrainn no (to the question an urrainn?)

an urrainn dhut cluich an-diugh? can you play today?

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Woman 1 An urrainn dhut sgitheadh? Can you ski?
Woman 2 ’S urrainn.
Bha mi a' sgitheadh ann an Gleann Comhann am-bliadhna.
An urrainn dhut fhèin sgitheadh?
Yes.
I was skiing in Glencoe this year.
Can you ski yourself?
Woman Chan urrainn. No.
Man 1 Tha i a’ coimhead fuar, nach eil? It’s looking cold, isn’t it?
Man 2 Tha.
An urrainn dhut snàmh?
Yes.
Can you swim?
Man 1 Chan urrainn.
Cha do dh’ionnsaich mi nuair a bha mi beag.
Bu toigh leam ionnsachadh.
An urrainn dhut fhèin?
No.
I didn’t learn when I was little.
I’d like to learn.
Can you swim yourself?
Man 2 ’S urrainn. Yes.
Man 1 Glè mhath. Very good.
Man 1 A bheil Iain a’ dol a chluich an-diugh? Is John going to play today?
Man 2 Chan eil fhios agam.
Bha e anns an leapaidh fad an latha an-dè.
I don’t know.
He was in bed all day yesterday.
Man 1 An robh?
Dè bha ceàrr air?
Was he?
What was wrong with him?
Man 2 Druim ghoirt. A sore back.
Man 1 Haidh Iain.
Ciamar a tha thu an-diugh?
Hi John.
How are you today?
Iain Tha mi beagan nas fheàrr. I’m a little better.
Man 2 An urrainn dhut cluich an-diugh? Can you play today?
Iain Chan urrainn.
Tha mo dhruim goirt fhathast.
No.
My back is still sore.