FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Stating intentions and expectations Ag innse dè tha san amharc

I intended to be...Bha dùil agam a bhith...

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

bha dùil agam … I intended …

cha robh dùil agam … I didn’t intend …

cha robh dùil agam fuireach cho anmoch I didn’t intend to stay so late

cho anmoch so late

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Man Och, daingead!
Bha dùil agam a dhol dhan bhanca an-diugh ach tha e ro anmoch a-nis.
Och, darn!
I intended to go to the bank today but it’s too late now.
Woman Tha beagan airgid agam fhìn ma tha thu ga iarraidh a-nochd? I have some money if you want it tonight?
Man Chan eil.
Tha mi ceart gu leòr.
Tapadh leat co-dhiù.
No.
I’m ok.
Thank you anyway.
Woman Tha thu anmoch. You are late.
Woman 2 Tha mi duilich.
Bha dùil agam a bhith an seo aig leth-uair an dèidh seachd ach cha robh an càr agam a’ dol.
I’m sorry.
I intended to be here at half past seven but my car didn’t start.
Woman Chan eil e gu diofar.
Tiugainn a-steach.
Fhuair mi bòrd.
It doesn’t matter.
Let’s go in.
I got a table.
Woman 2 Glè mhath. Very good.
Man 1 Cha robh dùil agam fuireach cho anmoch. I didn’t intend to stay so late.
Man 2 Tha sin ceart gu leòr. That’s alright.
Man 1 Ach feumaidh mi èirigh tràth a-màireach. But I have to get up early tomorrow.
Man 2 Dè tha dol a-màireach? What’s happening tomorrow?
Man 1 Tha mi a’ dol a dh’Inbhir Nis.
Tha coinneamh agam shuas an sin ach bidh mi a’ tilleadh Dihaoine.
I’m going to Inverness.
I have a meeting up there but I’ll be coming back on Friday.