ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Buying clothes A’ ceannach aodach

Càirdeas (Friendship)Càirdeas

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

cha toigh leam am fear bàn idir I don’t like the fair-haired one (male) at all

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Seumas Trobhad.
Còrdaidh e ribh.
Seachd uairean.
Deich mionaidean an dèidh seachd.
Càit a bheil iad?
Dràma Gàidhlig!
Abair dràma Gàidhlig!
Come on.
You’ll enjoy it.
Seven o’ clock.
Ten minutes past seven.
Where are they?
Gaelic drama!
So much for Gaelic drama!
Driver Nach i a bha fiadhaich! Wasn’t she furious!
Colleague Nach i a bha brèagha! Wasn’t she beautiful!
Woman Ò a Cheit.
Chan eil duine ann ach thu fhèin.
Bha dùil agamsa gum biodh an t-àite làn de dhaoine.
Oh Kate.
There’s no one but yourself.
I expected that the place would be full of people.
Ceit Bha agus agamsa, Iseabail!
Chan eil duine an seo agus chan eil fhios agam carson.
Bha mi dìreach a’ dol dhachaigh.
So did I, Ishbel!
There’s no one here and I don’t know why.
I was just going home.
Iseabail Bidh thu sgìth.
An robh latha doirbh agad an-diugh anns an sgoil?
You’ll be tired.
Did you have a difficult day today at school?
Ceit Bha.
Latha doirbh ceart gu leòr.
Yes.
A difficult day right enough.
Iseabail Ach bidh seo math. ’S toigh leam fhìn dràma.
Howdie.
An tusa Clint Eastwood?
Trobhad, a Chlint.
Trobhad dhachaigh còmhla rium.
But this will be good. I like drama myself.
Howdie.
Are you Clint Eastwood?
Come on, Clint.
Come home with me.
Ceit Iseabail, tha thu math! Ishbel, you’re good!
Iseabail Ach càit a bheil a h-uile duine eile? But where is everyone else?
Anna Haidh Iseabail.
Ò a Cheit, tha mi duilich ach...
Hi Ishbel.
Oh Kate, I’m sorry but...
Iseabail Anna, càit an robh thu? Anne, where were you?
Anna Bha mi aig film.
Bha e math.
Ach bha e air gu cairteal an dèidh seachd agus thuit mi nuair a thàining mi a-mach às a’ bhus.
Seall mo sgiort ùr agus mo bhrògan.
Chan eil ann ach an dithis agaibh?
I was at a film.
It was good.
But it was on till quarter past seven and I fell when I came off the bus.
Look at my new skirt and my shoes.
There’sjust the two of you here?
Ceit Chan eil.
Chan eil duine eile a’ tighinn a-nis.
No.
No one else is coming now.
Man Nise chunnaic mi àite coiridh nuair a bha sinn a’ tighinn.
Gheibh sinn rudeigin an sin.
Chan eil an càr a bha siud air ais fhathast.
Now I saw a curry place when we were coming.
We can get something there.
That car isn’t back yet.
Driver Bha i fiadhaich. She was furious.
Man Move that van will you! Move that van will you!
Iseabail Tha mi duilich nach robh daoine gu leòr ann. I’m sorry that there weren’t enough people.
Ceit Bidh coinneamh eile againn an ath-sheachdain.
Feumaidh sinn daoine.
We’ll have another meeting next week.
We need people.
Anna Càit a bheil Maighstir Mac a’ Phì?
Tormod?
An robh thu bruidhinn ris mu dheidhinn?
An robh fhios aige gu bheil coinneamh ann a-nochd?
Where’s Mr MacPhee?
Norman?
Did you speak to him about it?
Did he know that there is a meeting tonight?
Ceit Bha. Yes.
Anna Agus cha b’ urrainn dha tighinn ann? And he couldn’t come?
Ceit Cha b’ urrainn. No.
Iseabail Bha Tormod aig a h-uile coinneamh bho thòisich sinn. Norman was at every meeting since we started.
Anna Bha, agus ’s e Tormod a sgrìobh an dealbh-chluich ùr. Yes, and it was Norman who wrote the new play.
Iseabail Sgrìobh. Màiri Banrigh na h-Alba.
Mary Queen of Scots.
Aidh aidh.
Màiri bhochd.
Yes.
Màiri Banrigh na h-Alba.
Mary Queen of Scots.
Aye, aye.
Poor Mary.
Anna An robh coinneamh eile aige a-nochd neo...? Did he have another meeting tonight or...?
Ceit Chan eil fhios a’m.
Ach trobhadaibh an-dràsta.
Nach tèid sibh a ghabhail cofaidh còmhla rium fhìn?
I don’t know.
But come now.
Won’t you come and have a coffee with me?
Iseabail Cha tèid mise.
Feumaidh mi a dhol air ais dhachaigh.
Tha mòran rudan agam ri dhèanamh a-nochd fhathast.
I won’t.
I have to go back home.
I still have many things to do tonight.
Ceit Cuiridh mi fhìn dhachaigh thu leis a’ chàr ma-thà. I’ll take you home in the car then.
Iseabail Cha chuir idir!
Gabhaidh mi am bus, a Cheit!
No you won’t.
I’ll take the bus, Kate!
Man Ist!
Seo iad a’ tighinn!
Ssh!
Here they are coming!
Anna Siud iad.
Seall orra!
Dè do bheachd, a Cheit?
There they are.
Look at them!
What do you think, Kate?
Ceit Cha toigh leam am fear bàn idir.
Tha am fear eile snog ceart gu leòr.
Am fear dubh.
I don’t like the fair-haired one at all.
The other man is nice enough.
The dark-haired one.
Man Ceit, an tè a bha cho fiadhaich, cha toigh leatha mise! Kate, the girl who was so furious, she doesn’t like me!
Anna Ceart.
Tha mise a' dol a dhèanamh phostairean ùra le dealbhan agus sgrìobhadh mòr.
Ok.
I’m going to make new posters with pictures and big writing.
Ceit Bidh sin math.
’S toigh leam na dathan sin.
Tha iad brèagha.
An robh sin daor?
That’ll be good.
I like those colours.
They’re lovely.
Was that dear?
Anna Daor?
Ist!
Chan eil an t-aodach agamsa daor idir.
Tha mise gun obair, cuimhnich.
Dear?
Wheesht!
My clothes aren’t dear at all.
I don’t have a job, remember.
Ceit A bheil thu ag iarraidh sin? Do you want that?
Anna Chan eil.
Cuiridh mi fòn thugad a-màireach......
Tha mi a' dol dhachaigh.
No.
I’ll phone you tomorrow...
I’m going home.
Ceit Uill, oidhche mhath. Well, good night.
Anna Oidhche mhath, a Cheit.
Agus cuimhnich, can ri Tormod Mac a’ Phì gum feum e a bhith aig a’ choinneimh an ath-sheachdain.
Good night, Kate.
And remember, tell Norman MacPhee that he needs to be at the meeting next week.
Ceit Canaidh.
Good night.
I will.
Good night.
Man Good night. Good night.
Tormod Halò, a Cheit.
Feasgar math.
Tormod an seo.
A Cheit, tha mi uabhasach duilich ach, uill, chan urrainn dhomh tighinn gu coinneamh na dràma.
Agus, chan urrainn dhomh tighinn a chèilidh ort a-nochd.
Tha mi an dòchas gu bheil thu a’ tuigsinn.
Feumaidh mi an aire a th’ ort dè tha mi a' dèanamh...
Hello, Kate.
Good evening.
Norman here.
Kate, I’m awfully sorry but, well, I can’t come to the drama meeting.
And, I can’t come to visit you tonight.
I hope that you understand.
I have to be careful of what I am doing...