ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Talking about what you ought A’ bruidhinn mu dè bu chòir dhut a dhèanamh

Sad newsNaidheachd dhuilich

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

chaidh cuideigin a shàbhaladh someone was saved

chaidh ceathrar a shàbhaladh four people were saved

chaidh fireannach a mharbhadh a man was killed

an duine a chaidh a ghoirteachadh the man who was injured

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Husband Haidh. Hi.
Wife Halò a ghràidh.
An cuala tu gun robh teine uabhasach ann an Glaschu a-raoir?
Hello dear.
Did you hear that there was a terrible fire in Glasgow last night?
Husband Cha chuala. I didn’t.
News reader ...ann an da mhìos eile.
Chaidh ceathrar a shàbhaladh a-raoir ann an Glaschu ann an teine mòr ann am meadhan a’ bhaile.
Thòisich an teine ann an oifis air a’ chiad làr.
Gu fortanach, chaidh a h-uile duine a bh’ anns an oifis aig an àm a shàbhaladh.
...in another two months.
Four people were saved last night in Glasgow in a big fire in the city centre.
The fire started in an office on the first floor.
Fortunately, everyone who was in the office at the time was saved.
Husband Tha sin uabhasach. That’s terrible.
Wife Bha iad gu math fortanach. They were very lucky.
News reader Chaidh fireannach a mharbhadh agus fear eile a ghoirteachadh gu dona faisg air an M74 an-diugh anns a’ mhadainn.
Chaidh trì càraichean far an rathaid faisg air Motherwell.
A man was killed and another injured badly near the M74 today in the morning.
Three cars went off the road near Motherwell.
Husband Tubaist eile air an M74. Another accident on the M74.
Wife Mo chreach ’s a thàinig.
Bu chòir dhut a bhith gu math faiceallach nuair a thig thu sìos a Charlisle a-nochd.
Oh my goodness me.
You should be very careful when you come down to Carlisle tonight.
Husband Bu chòir. Yes.
Newsreader Tha an aimsir a th’ againn an-dràsta a’ dèanamh nan rathaidean glè chunnartach, agus gum bu chòir do dhràibhearan a bhith gu math faiceallach.
Chaidh an duine a chaidh a ghoirteachadh a thoirt gu Ospadal Hairmyres ann an Cille Brìde an Ear.
The weather we have just now is making the roads very dangerous, and that drivers should be very careful.
The injured man was taken to Hairmyres Hospital in East Kilbride.