FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Talking about the senses A’ bruidhinn mu na ciad-fathan

Do you feel it now? A bheil thu ga fhaireachdainn a-nis?

To ask if you may use something you can say the following.

chan eil mi ga fhaicinn I can’t see him / it

a bheil thu ga chluinntinn a-nis? can you hear him / it now?

a bheil thu ga chluinntinn? can you hear him / it?

tha mi ga fhaicinn I can see it / him

tha mi ga chluinntinn I can hear it / him

tha mi ga fhaireachdainn I can feel it / him

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Doctor Mrs Matheson.
A-nis, gabhaibh air ur socair.
A bheil sibh a’ faicinn sin?
Tha solas ann.
A bheil sibh ga fhaicinn?
Mrs Matheson.
Now, take it easy.
Can you see that?
There’s a light.
Can you see it?
Mrs Matheson Ò, Iain.
Chan eil mi ga fhaicinn.
Chan eil mi a’ faicinn càil.
Oh, John.
I can’t see it.
I can’t see anything.
Mechanic A bheil sibh ga chluinntinn a-nis? Can you hear it now?
Driver Chan eil.
Chan eil mi ga chluinntinn idir.
A bheil thu ga chluinntinn a-nis?
No.
I can’t hear it at all.
Can you hear it now?
Mechanic Tha.
Tha mi ga chluinntinn ceart gu leòr.
Yes.
I can hear it alright.
Dentist Seo a-nis.
Cha bhi e fada.
A bheil sibh a’ faireachdainn sin fhathast?
Now then.
It won’t be long.
Can you still feel that?
Patient Tha, rud beag. Yes, a little.
Dentist Fàgaidh sinn sibh airson mionaid eile, ma-thà.
A bheil sibh ga fhaireachdainn a-nis?
We’ll leave you for another minute, then.
Can you feel it now?
Patient Chan eil. No.
Dentist Ceart ma-thà.
Faodaidh sinn tòiseachadh.
Right then.
We may start.
Policeman Halò, allò, allò.
Dè idir a tha thu a’ dèanamh?
Hello, ’ello, ’ello.
What on earth are you doing?
Iain Tha mi a’ lorg uisge. I’m looking for water.
Policeman Glè mhath.
A bheil thu a’ faireachdainn càil sam bith?
Very good.
Can you feel anything?
Iain Chan eil fhathast.
Am faca tu siud?
Am faca tu siud?
Not yet.
Did you see that?
Did you see that?
Policeman Chunnaic.
A bheil thu ga fhaireachdainn?
Yes.
Can you feel it?
Iain Tha mi ga fhaireachdainn a-nis.
Seall, seall!
I can feel it now.
Look, look!
Policeman Tha mi ga fhaicinn.
Tha mi ga fhaicinn.
I can see it.
I can see it.
Iain Feumaidh gu bheil sinn gu math faisg air uisge a-nis. We must be very close to water now.
Policeman Feumaidh gu bheil.
We must be.