ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Talking about job prospects A’ bruidhinn mu chothroman cosnaidh

I would like to be a...Bu toigh leam a bhith nam...

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

a’ cuideachadh dhaoine helping people

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Teacher Seonag a-nis.
Dè bu toigh leatsa a dhèanamh nuair a dh’fhàsas tu mòr?
Joan now.
What would you like to do when you grow up?
Seonag Bu toigh leam a bhith nam bhancair, Miss MacGregor. I’d like to be a banker, Miss MacGregor.
Miss MacGregor Carson a tha thu airson sin a dhèanamh, a Sheonag? Why do you want to do that, Joan?
Seonag Tha mi airson a bhith beairteach. I want to be rich.
Miss MacGregor Agus Tònaidh a-nis.
A bheil thusa airson a bhith beairteach?
And Toni now.
Do you want to be rich?
Tònaidh Chan eil.
Tha mise airson daoine a chuideachadh.
No.
I want to help people.
Teacher Glè mhath.
An e nurs a bhios annad?
Very good.
Will you be a nurse?
Tònaidh Chan e, bu toigh leam a bhith nam dhotair. No, I’d like to be a doctor.
Teacher Dotair?
Glè mhath.
A doctor?
Very good.
Ros Chan fhaod Tònaidh sin a dhèanamh.
Tha mise airson daoine a chuideachadh.
Tha mise airson a bhith nam dhotair.
Toni isn’t allowed to do that.
I want to help people.
I want to be a doctor.
Teacher Sguiribh a throd.
Bidh Ross na dhotair agus bidh Tònaidh na dotair cuideachd.
Stop fighting.
Ross will be a doctor and Toni will also be a doctor.
Man Ò, murt!
Chan eil thu air tiocaid a thoirt dhomh, a bheil?
Cha robh mi air falbh ach airson dà mhionaid.
Oh, no!
You haven’t given me a ticket, have you?
I was only gone for two minutes.
Ticket inspector Tha mi duilich, sir.
Ach chan fhaod sibh an càr agaibh fhàgail an seo idir, idir.
I’m sorry, sir.
But you aren't allowed to leave your car here at all, at all.
Man Uill, tapadh leatsa.
Cha bhi thusa toilichte fhad ’s a tha aon chàr air an rathad.
Well, thank you.
You won’t be happy while there is still a car on the road.
Ticket Inspector Cha toigh leam an obair seo.
Bu toigh leam a bhith a’ cuideachadh dhaoine.
Bu toigh leam a bhith nam nurs.
I don’t like this job.
I would like to help people.
I’d like to be a nurse.
Midwife Nurse MacDonald, cha d’ fhuair Mrs Grant na pilichean aice fhathast. Nurse MacDonald, Mrs Grant hasn’t received her pills yet.
Doctor Nurse MacDonald, càit a bheil na notaichean aig Mrs O’ Hagan? Nurse MacDonald, where are Mrs O’ Hagan’s notes?
Patient Nurse MacDonald, tha mi ag iarraidh poit leapa, mas e do thoil e. Nurse MacDonald, I want a bed pan, please.
Nurse MacDonald Cha toigh leam an obair seo.
Bu toigh leam a bhith nam iasgair.
I don’t like this job.
I’d like to be a fisherman.