FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Talking about job prospects A’ bruidhinn mu chothroman cosnaidh

I want to be a...Tha mi airson a bhith nam...

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

tha ùidh agam ann I have an interest in it

tha ùidh agam … I have an interest …

… ag obair air mo cheann fhìn … working for myself

… ann an còcaireachd … in cooking

… ann an teicneòlas … in technology

tha ùidh agam ann an còcaireachd I have an interest in cooking

tha ùidh agam ann an sgrìobhadh I have an interest in writing

sgrìobhadair a writer

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Fisherman Cha toigh leam an obair seo.
Tha ùidh agam ann an còcaireachd.
Tha mi airson a bhith nam chòcaire.
I don’t like this job.
I’m interested in cooking.
I want to be a cook.
Waiter A Enrico! Dà phizza margherita airson bòrd a dhà.
Agus greas ort.
A Enrico!
Càit a bheil an spaghetti Bolognese airson bòrd a sia?
Tha iad air a bhith a' feitheamh airson leth-uair a thìde!
A Enrico, pizza!
Tha iad ag iarraidh pizza agus tha bòrd a ceithir a’ feitheamh airson lasagne!
Enrico!
Two pizza margheritas for table two.
And hurry up.
Enrico!
Where’s the spaghetti Bolognese for table six?
They’ve been waiting for half an hour!
Enrico, pizza!
They want pizza and table four is waiting for lasagne!
Cook Cha toigh leam an obair seo.
Tha mi airson a bhith ag obair air mo cheann fhìn.
Tha ùidh agam ann an sgrìobhadh, tha mi airson a bhith nam sgrìobhadair.
I don’t like this job.
I want to work for myself.
I’m interested in writing, I want to be a writer.