ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Talking about job prospects A’ bruidhinn mu chothroman cosnaidh

I wanted to be a...Bha mi airson a bhith nam...

Consolidate your learning with this clip.

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Driver Mo chreach ’s a thàinig.
Tònaidh, Ross.
Nuair a thuirt iad Mackenzie cha do thuig mi cò bh’ ann.
Dotair Mackenzie, a bu chòir dhomh a ràdh.
My goodness.
Toni, Ross.
When they said Mackenzie I didn’t realise who it was.
Doctor Mackenzie, I should say.
Ross Chan e dotair a th’ annam idir.
’S e nurs a th’ annam.
I’m not a doctor at all.
I’m a nurse.
Driver Nurse Mackenzie ma-tha.
Agus a bheil thusa nad nurs cuideachd, Tònaidh?
Nurse Mackenzie then.
And are you a nurse too, Toni?
Tònaidh Chan eil.
Tha mise nam dhotair.
Dotair MacAuley.
No.
I’m a doctor.
Doctor MacAuley.
Driver Càit a bheil sibh a’dol ma-tha? Where are you going then?
Tònaidh Eaglais Langlands, mas e do thoil e.
Tha sinn a' dol a dh’fhaicinn a’ mhinisteir.
Langlands Church, please.
We are going to see the minister.
Ross Tha sinn a’ dol a phòsadh. We are going to get married.
Driver Mealaibh ur naidheachd. Congratulations.
Fiona Ross, Tònaidh.
Ciamar a tha sibh?
Agus Philip cuideachd.
Mo chreach ’s a thàinig!
Ross, Toni.
How are you?
And Philip too.
My goodness!
Tònaidh Fiona!
Thuirt thu gun robh thu airson a bhith nad pheantair!
Fiona!
You said you wanted to be a painter!
Fiona Ach dè tha sibh a’ dèanamh an seo co-dhiù? But what are you doing here anyway?
Ross Tha sinn a' dol a dh’ fhaicinn a’ mhinisteir.
Tha sinn a' dol a phòsadh.
We are going to see the minister.
We going to marry.
Fiona Tha ministear ùr ann.
An robh fhios agaibh?
There’s a new minister.
Did you know?
Tònaidh Bha.
Ach chan fhaca sinn fhathast e.
Yes.
But we haven’t seen him yet.
Iain A bheil thu ceart gu leòr, a Sheonag, a ghràidh? Are you alright, Joan, dear?
Seonag Och, tha. Och, yes.
Norman A bheil thu cinnteach? Are you sure?
Seonag Och tha.
Bha mi dìreach a’ leughadh mu dheidhinn dithis charaid a bh’ agam anns an sgoil.
Ross Mackenzie agus Tònaidh MacAuley.
Phòs iad an t-seachdain seo chaidh.
Och yes.
I was just reading about two friends from school.
Ross Mackenzie and Toni MacAuley.
They got married last week.
Iain An do phòs?
Tha sin snog, a ghràidh.
Did they?
That’s nice, dear.
Seonag Tha cuimhne agam nuair a bha mi anns an sgoil.
Bha mi airson a bhith beairteach.
Bha mi airson a bhith nam bhancair.
No nam chunntasair.
I remember when I was at school.
I wanted to be rich.
I wanted to be a banker.
Or an accountant.
Norman An robh gu dearbh? Did you indeed?
Seonag Bha. Yes.
Iain Agus a bheil thu a’ faireachdainn duilich? And are you feeling sad?
Seonag Duilich?
Carson?
Sad?
Why?
Iain Uill, chan eil thu beairteach, a ghràidh. Well, you aren’t rich, dear.
Seonag Beairteach
Ist, a dhuine.
Tha mise cho beairteach ri boireannach sam bith ann an Alba.
Fad ’s a tha caraidean matha agam, chan eil càil a dhìth orm.
Rich.
Wheesht, man.
I’m as rich as any woman in Scotland.
As long as I have good friends,
I don’t want for anything.