FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Organising a party A’ cur partaidh air dòigh

Càirdeas (Friendship)Càirdeas

Consolidate what you have learnt in this episode of Càirdeas.

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Anna An cuidich sibh mi?
Chan eil fhios agam dè nì mi.
Can you help me?
I don’t know what I can do.
Iain Anna! Anne!
Anna Uill, ciamar a tha thu? Well, how are you?
Iain Tha mi sgìth.
Ach cha robh e dona.
Tha mi a' smaoineachadh gu bheil Bill toilichte gu leòr.
I’m tired.
But it wasn’t bad.
I think that Bill was pleased enough.
Anna Sin thu fhèin. Well done.
Iain Agus ciamar a chuidicheas mi thusa? And how can I help you?
Anna Uill, bha Ceit a’ fònadh.
Tha i fhèin ’s Murchadh a’ dol a Thiriodh airson latha no dhà.
Well, Kate phoned.
She and Murdo are going to Tiree for a day or two.
Iain Seadh? Yes?
Anna Agus bha i a' faighneachd an robh mi fhìn ’s tu fhèin airson a dhol ann còmhla riutha. And she was asking if you and I wanted to go there with them.
Iain Tiriodh?
Mmm, bhiodh sin math.
Bruidhnidh sinn riutha an-diugh.
Tiree?
Mmm, that would be good.
We’ll speak to them today
Anna Uill, bhruidhinn mise riutha a-raoir.
Thuirt mi riutha gun robh sinn airson a dhol ann.
Well, I spoke to them last night.
I said that we wanted to go there.
Iain Och, Anna.
Cuin a tha sinn a’ falbh ma-thà?
Och, Anne.
When are we leaving then?
  ooo ooo
Murchadh Thig sinn air a’ phlèan Disathairne, mi fhìn agus Ceit.
Agus, thug sinn cuireadh do dhithis eile.
Iain agus Anna.
Tha sin sgoinneil, a Mhamaidh.
Tillidh sinn a Ghlaschu Dimàirt. Bidh feasgar Disathairne, Didòmhnaich, Diluain agus madainn Dimàirt againn còmhla ribh.
Nist’, a bheil sibh cinnteach gum bi sin ceart gu leòr?
Math dha-rìribh, a Mhamaidh.
Chì sinn Disathairne sibh, ma-thà.
Tìoraidh.
We’ll come on the plane on Saturday, myself and Kate. And, we gave an invite to two other people.
John and Anne.
That’s great, mum.
We’ll return to Glasgow on Tuesday.
We’ll have Saturday evening, Sunday, Monday and Tuesday morning with you.
Now, are you sure that it will be alright?
Great, mum.
We’ll see you on Saturday, then.
Cheerio.
Ceit Glè mhath, ma-thà, a Mhurchaidh.
Tha e math gu bheil Iain agus Anna a’ tighinn còmhla rinn.
Thèid sinn ann Disathairne agus tillidh sinn Dimàirt.
Agus, a Mhurchaidh, tha mi duilich gun robh mi cho gòrach a-raoir.
Bha mi a' faireachdainn, uill, na bi a' dol ro luath, a Mhurchaidh.
Tapadh leat.
Tìoraidh.
Very good, then, Murdo.
It’s good that John and Anne are coming with us.
We’ll go there on Saturday and return on Tuesday.
And, Murdo, I’m sorry that I was so foolish last night.
I felt, well, don’t go too fast, Murdo.
Thanks.
Cheerio.
  ooo ooo
Ceit Anna!
Saoil am bi Disathairne ceart gu leòr airson a dhol a Thiriodh?
Anne!
Do you think Saturday will be ok for going to Tiree?
Anna Bithidh.
Agus tha Iain glè thoilichte a dhol ann.
Bhruidhinn mi ris nuair a bha e deiseil ag obair aig Càirdeas.
Gheibh e latha no dhà dheth. Tha e cho gasta, Cheit.
Bha e ag obair fad na h-oidhche a’ cuideachadh dhaoine.
Yes.
And John is very happy to go.
I spoke to him when he had finished working at Càirdeas.
He’ll get a day or two off.
He’s great, Kate.
He was working all night helping people.
Ceit Tha fhios agam.
Tha thu glè fhortanach, Anna.
I know.
You are very fortunate, Anne.
Anna Tha agus esan. So is he.
Ceit Saoil!
A bheil thu airson a dhol dha na bùithean?
You think!
Do you want to go to the shops?
Anna Chan eil airgead agam, a Cheit. I don’t have any money, Kate.
Ceit Chan eil airgead agamsa Anna.
Ach thèid sinn ann.
Faodaidh sinn coimhead anns na h-uinneagan.
Cha cheannaich sinn càil.
Cha tèid againne!
I don’t have any money, Anne.
But we’ll go there.
We can look in the windows.
We won’t buy anything.
We can’t!
Anna Cha tèid. Yes, we can’t.
Ceit Fàg sin far a bheil e.
Coisichidh sinn.
Faodaidh sinn bruidhinn air an rathad.
Leave that where it is.
We’ll walk.
We can speak on the way there.
Anna Ceart gu leòr, ma-thà. Alright then.
Ceit Chan eil e math dhut a bhith a’ falbh air a’ bhaidhc co-dhiù.
Tha e cunnartach anns a’ bhaile mhòr.
It’s not good for you to be riding your bike anyway.
It’s dangerous in the city.
Ceit Thalla!
Ceart ma-thà.
Dè tha sinn a' dol a dhèanamh ann an Tiriodh?
Away!
Right then.
What are we going to do in Tiree?
  ooo ooo
Murchadh Cha robh Ceit airson a dhol ann leatha fhèin.
Bha i airson cuireadh a thoirt dhut fhèin ’s do dh’Anna cuideachd.
Kate didn’t want to go there by herself.
She wanted to invite you and Anne too.
Iain An robh? Did she?
Murchadh Bha.
Thuirt i nach robh sinn deiseil airson a bhith a’ falbh air saor-làithean leinn fhìn.
Sin agad Ceit.
Yes.
She said that we weren’t ready for going on holiday by ourselves.
That’s Kate for you.
Iain Uill, tha mi fhìn ’s Anna toilichte a bhith a’ dol ann.
Seo a’ chiad turas againn a’ falbh air saor-làithean còmhla.
Well, Anne and I are happy to be going there.
This is our first trip on holiday together.
Murchadh Bidh saor-làithean gu leòr eile agaibh.
An dithis agaibh còmhla, leibh fhèin.
You’ll have plenty other holidays.
The two of you together, by yourselves.