FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Opinions and suggestions Barailean agus molaidhean

Càirdeas (Friendship)Càirdeas

Consolidate what you have learnt in this episode of Càirdeas.

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Ceit Chan urrainn dhomh a dhol ann. I can’t go.
Murchadh Feumaidh tu a dhol ann, a Cheit.
Cha bhi e furasta, ach nì e feum dhut.
You need to go, Kate.
It won’t be easy, but it will help you.
Iain Tha Murchadh ceart, a Cheit. Murdo’s right, Kate.
Bill Feumaidh mi falbh, a Sheonag.
Thuirt mi ri Iain gum faicinn e aig an eaglais.
I have to go, Joan.
I said to John that I’d see him at the church.
Seonag Thèid sinn a-steach agus faodaidh tusa falbh.
Cha bhi fios aig Coinneach.
We’ll go in and you can leave.
Kenneth won’t know.
Bill A Choinnich, thuirt mi riut gum biodh rudeigin math aig Antaidh Seonag dhut, nach tuirt? Kenneth, I told you that Auntie Joan would have something nice for you, didn’t I?
Seonag Uill, rinn mi cèic a-raoir agus ma thèid sinn a-steach an-dràsta, gheibh thu pìos mòr dheth. Well, I made a cake last night and if we go in now, you’ll get a big piece of it.
Iain Thuirt Bill gum biodh e an seo. Saoil a bheil e ann fhathast? Bill said that he would be here. I wonder if he is here yet?
Murchadh Bidh e anns an eaglais, Iain. Thugainn. He’ll be in the church, John. Come on.
Bill Ò, mo chreach! Oh, my goodness!
Minister Uaireannan, chan eil e furasta Dia a thuigsinn, Iain.
Bha gaol eadar thu fhèin agus Anna.
Tha sin ann fhathast.
Sometimes, it isn’t easy to understand God, John.
There was love between you and Anne.
That’s still there.
Murchadh Bha dùil agam gum biodh e an seo aig an uair cheart.
Abair càirdeas!
I expected him to be here at the right time.
Talk about friendship!