ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Getting to know people A’ cur eòlas air daoine

You don't know her at allChan eil thu eòlach oirre idir

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

To ask if someone knows someone well, use a bheil thu eòlach air …?

a bheil thu eòlach air …? do you know …?

Eòlach implies greater acquaintance than aithne.

’s aithne dhomh Calum ach chan eil mi eòlach air I am acquainted with Calum but I don’t know him

fan sàmhach stay quiet

tha mi eòlach air a h-uile duine aca I know every one of them

chan eil thu eòlach air duine you don’t know anyone

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Man An aithne dhut na daoine ann an Take The High Road? Do you know the people in Take the High Road?
Woman Tha mi eòlach air a h-uile duine aca. I know them all.
Man A bheil thu eòlach air na daoine a bhios a’ leughadh nan naidheachdan? Do you know the people who read the news?
Woman Tha.
Bidh sinn a’ dol a-mach còmhla airson pinnt a h-uile Dihaoine.
Yes.
We go out for a pint together every Friday.
Man Smaoinich.
Seall am fear ruadh sin.
Tha esan air prògram nan saor-làithean.
A bheil thu eòlach air?
Really.
Look at that red-haired guy.
He’s on the holiday programme.
Do you know him?
Woman Ò, tha.
Tha sinn ag obair san aon oifis.
Oh, yes.
We work in the same office.
Man Dè an t-ainm a th’ air? What’s his name?
Woman Tha... It’s...
Man Brian Burnett. Brian Burnett.
Woman ’S e. Yes.
Man Tha e neònach nach do bhruidhinn e.
Saoil an toireadh e dhomh autograph?
It’s strange that he didn’t speak.
I wonder if he would give me an autograph?
Woman Tha mi cinnteach gun toireadh. I’m sure that he would.
Man Thalla ’s bruidhinn ris. Go and speak to him
Woman Tha e trang.
Cha bhiodh tide aige.
Co-dhiù, cha bhi thu ag iarraidh autographs air daoine ma bhios tu eòlach orra.
He’s busy.
He wouldn’t have time.
Anyway, you don’t ask for autographs from people if you know them.
Man Seall.
Sin Màiri Steven à Chartbite.
Look.
There’s Mary Steven from Chartbite.
Woman Fan sàmhach. Keep quiet.
Man A bheil thu eòlach oirrese cuideachd? Do you know her too?
Woman Ò, tha.
Tha mi eòlach oirre.
Tha mi eòlach air a h-uile duine an seo.
Oh, yes.
I know her.
I know everyone here.
Man Carson nach do bhruidhinn i? Why did she not speak?
Woman Chan eil fhios agam.
’S dòcha nach fhaca i mi.
I don’t know.
Maybe she never saw me?
Man Chunnaic i thu gun teagamh. She definitely saw you.
Woman ’S dòcha gu bheil a sùilean goirt? Maybe her eyes are sore?
Man Chan eil thu eòlach oirre idir.
Chan eil thu eòlach air duin’ a-staigh an seo.
You don’t know her at all.
You don’t know anyone in here.
Woman 2 Oh, sorry I’m late.
Where’re we going for lunch?
Oh, sorry I’m late.
Where’re we going for lunch?