FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Commenting on things about to happen A’ bruidhinn mu nithean a tha gus tachairt

Càirdeas (Friendship)Càirdeas

Consolidate what you have learnt in this episode of Càirdeas.

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Bill Latha math, a Sheonag.
An robh am fear beag modhail a-raoir?
Good day, Joan.
Was the wee boy well-behaved last night?
Seonag Bha.
Tha e shuas an staidhre fhathast.
Chaidh sinn uile a-mach a choimhead air film a-raoir, agus bha sinn anmoch.
Yes.
He is upstairs still.
We all went out to watch a film last night, and we were late.
Bill ’S math sin. That’s good.
Seonag Bill, thuirt Coinneach rium nach eil cuimhne aige cuin a chunnaic e film bho dheireadh. Bill, Kenneth told me that he can’t remember when he last saw a film.
Bill Tha fios agam ach thèid a h-uile càil a chur ceart a dh’aithghearr.
Tha Ceit gu bhith ag obair còmhla rinn aig Càirdeas.
I know, but everything will be sorted soon.
Kate is going to be working with us at Friendship.
Seonag Tha sin glè mhath, Bill.
Ach, tha droch naidheachd agam dhut.
That’s very good, Bill.
But I have bad news for you.
Bill Dè? What?
Seonag Dh’fhòn an t-ospadal an-dè.
Tha obair aca dhomh ma tha mi ga h-iarraidh, agus tha mi ga h-iarraidh, Bill.
Tha mi duilich, ach feumaidh sinn an t-airgead.
The hospital phoned yesterday.
They have a job for me if I want it, and I do want it, Bill.
I’m sorry, but we need the money.
Iain Bha mi airson a bhith cinnteach gun robh thu ceart gu leòr. I wanted to be sure that you were alright.
Murchadh Tha.
Tha mi ceart gu leòr.
Yes.
I’m alright.
Iain ’S math sin.
Tha Eòghann gu bhith a’ falbh gu flat an-diugh.
That’s good.
Ewan is going to a flat today.
Murchadh Tha. Yes.
Iain Bidh barrachd rùm agad ma-thà. You’ll have more room then.
Murchadh Bithidh. Yes.
Iain Bidh Ceit toilichte. Kate will be happy.
Murchadh Bithidh.
Feumaidh Ceit a bhith toilichte.
Yes.
Kate has to be happy.
Iain Tha i air cuideachadh mòr a thoirt dhomh fhìn ’s do Bhill.
Bha i uabhasach math air na fònaichean a-raoir.
Dh’fhòn cailleach bhochd, agus bha Ceit cho coibhneil.
She has helped myself and Bill a lot.
She was great on the phones last night.
A poor old lady phoned, and Kate was so kind.
Murchadh ’S dòcha gum bu chòir dhomhsa fònadh gu Càirdeas ma-tà. Maybe I should phone Càirdeas then.
Iain Carson? Why?
Murchadh A chionn ’s nach robh i uabhasach coibhneil riumsa, no ri Eòghann. Because she wasn’t very kind to me, nor to Ewan.
Iain Nach robh? Wasn’t she?
Murchadh Cha robh.
Thèid Eòghann a thilgeil a-mach às an seo a chionn ’s nach eil Ceit toilichte.
Agus thèid m’ fhàgail-sa leam fhìn.
No.
Ewan will be thrown out of here because Kate isn’t happy.
And I’ll be left on my own.
Iain Cha bhi thu leat fhèin idir. You won’t be alone at all.
Murchadh Uill, cha bhi Ceit a’ tighinn an seo tuilleadh. Well, Kate won’t be coming here anymore.
Iain Carson nach bi? Why not?
Murchadh A chionn ’s nach eil sinn a’ falbh còmhla.
Nach cuala tu?
Because we’re not going together.
Haven’t you heard?
Iain Cha chuala. No.
Murchadh Tha sin glè neònach.
Bha mi a’ smaoineachadh gum biodh Ceit ag innse a h-uile dad dhutsa.
That’s very strange.
I thought that Kate would tell you everything.
Bill Saoil a bheil àite sa chròileagan agaibh do mo mhac?
Tha e gu bhith ceithir bliadhna a dh’aois agus feumaidh e a dhol dhan chròileagan a h-uile latha bho Dhiluain gu Dihaoine.
Dè?
Chan eil an cròileagan ann ach dà mhadainn san t-seachdain?
A bheil cròileagan eile ann ma-thà?
Chan eil sin faisg oirnn idir.
Cha b’ urrainn dhomhsa a dhol ann còmhla ris.
Chan eil màthair aige.
Tha i marbh.
Chì mi a bheil dad eile ann.
Bhiodh dà mhadainn glè mhath ach feumaidh e còig làithean.
Tapadh leibh co-dhiù.
I wonder if you have a place in the playgroup for my son?
He’s almost four years old, and he needs to go to the playgroup every day from Monday to Friday.
What?
The playgroup is only on for two mornings a week?
Is there another playgroup then?
That’s not close to us at all.
I couldn’t go with him.
He doesn’t have a mother.
She’s dead.
I’ll see if there’s anything else.
Two mornings would be very good but I need five days.
Thank you anyway.
Iain Tha Eòghann a’ fàgail taigh Mhurchaidh an-diugh. Ewan is leaving Murdo’s house today.
Ceit Bidh Murchadh glè dhuilich.
Cò thèid dhan taigh-òsta còmhla ris a-nis?
Murdo will be very sad.
Who will go to the pub with him now?
Iain Cha bhi Murchadh duilich idir.
Bidh an taigh aige dha fhèin a-nis.
Nuair a thèid thu ann, cha bhi Eòghann anns an rathad oirbh.
Murdo won’t be sad at all.
He’ll have the house to himself now.
When you go there, Ewan won’t be in your way.
Ceit Cha bhi mi a’ dol ann ge-tà, Iain.
Ach ma gheibh Murchadh leannan ùr, bidh Eòghann anns an rathad orrasan.
I won’t be going there though, John.
But if Murdo gets a new girlfriend, Ewan will be in their way.
Bill Chan eil cròileagain Ghàidhlig gu leòr ann.
’S ma chuireas mi e gu cròileagan Beurla, ’s dòcha gun caill e a Ghàidhlig.
There are not enough Gaelic playgroups.
And if I send him to an English playgroup, he’ll maybe lose his Gaelic.
Seonag Gheibh sibh rudeigin.
Tha daoine ann a tha a’ coimhead an dèidh clann fad an latha, a h-uile latha.
Tha mi cinnteach gum bi cuideigin ann aig a bheil Gàidhlig.
You’ll get something.
There are people who look after children all day, every day.
I’m sure that there will be someone who speaks Gaelic.
Bill Ach eadar sin agus cuideigin eile nuair a bhios mi ag obair aig Càirdeas, chosgadh e fortan. But between that and somebody else when I’m working at Càirdeas, it’ll cost a fortune.
Seonag Feumaidh tu sguir a dh’obair aig Càirdeas ma-thà.
Tha Coinneach gus a bhith ceithir bliadhna a dh’aois.
Bidh e anns a’ bhun-sgoil an ath-bhliadhna.
Cuin a chì thu e?
You have to stop working at Càirdeas then. Kenneth will soon be four years old.
He’ll be in primary school next year.
When will you see him?
Bill Aidh.
Tha thu ceart.
Aye.
You’re right.
Seonag Tha. Yes.
Ceit Tha e seachad eadar mi fhìn agus Murchadh, gun teagamh. It’s over between me and Murdo, without a doubt.
Iain Thèid a h-uile rud a chur ceart, a Cheit. Everything will be put right, Kate.
Ceit Cha tèid, Iain.
Chan eil mise a’ tuigsinn Murchadh, agus chan eil esan gam thuigsinn-sa.
Nuair a thèid rudan cho fada ceàrr, cha ghabh an cur ceart.
No, John.
I don’t understand Murdo, and he doesn’t understand me.
When things go so wrong, they can’t be put right.
Iain A Cheit, chan eil Murchadh air dad ceàrr a dhèanamh. Smaoinich. Dè rinn e?
Tha Eòghann air a bhith a’ fuireach còmhla ris, ’s tha e air a bhith a’ dol a-mach dhan taigh-òsta còmhla ris.
Cha tèid duine a chur dhan phrìosan airson sin.
Kate, Murdo hasn’t done anything wrong.
Think.
What did he do?
Ewan has been staying with him, and he’s been going out to the hotel with him.
No one will be sent to prison for that.
Ceit Nach eil cuimhne agad air Tiriodh idir?
Dh’fhàg Murchadh sinn còmhla ri mhàthair, ’s chaidh esan dhan taigh-òsta.
B’ fheàrr leis a bhith ag òl na bhith còmhla rinne.
Ach bha an rud a rinn e dìreach uabhasach.
Don’t you remember Tiree at all?
Murdo left us with his mother, and he went to the pub.
He preferred to be drinking than be with us.
But what he did was just awful.
Iain Ach cha b’ urrainn dha Eòghann fhàgail aig a’ phort-adhair. But he couldn’t leave Ewan at the airport.
Ceit Cha b’ urrainn, Iain.
Co-dhiù, cha bhi tìde agam airson Murchaidh a-nise.
No, John.
Anyway, I won’t have time for Murdo now.
Iain Carson nach bi? Why not?
Ceit Tha mi air a bhith a’ smaoineachadh mu Chàirdeas, agus chòrdadh e rium a bhith ag obair air na fònaichean nas trice.
Agus ma nì mi sin a h-uile oidhche, cha bhi tìde agam airson a bhith a’ dol a-mach còmhla ri Murchadh,
am bi?
I’ve been thinking about Càirdeas, and I’d enjoy working on the phones more often.
And if I do that every night, I won’t have time to go out with Murdo,
will I?