FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Food Biadh

B2 - Eadar-mheadhanach Adhartach - Coimhead GàidhligB2 - Upper Intermediate - Watch Gaelic

Criomagan bhidio gun fho-thiotalan bho phrògraman BBC ALBA le tar-sgrìobhadh Gàidhlig, eadar-theangachadh Beurla is briathrachas. Faodaidh tu na cuspairean a sheòrsachadh a rèir a’ chuspair. Unsubtitled clips from BBC ALBA programmes with a Gaelic transcription, an English translation and vocabulary. You can sort the clips by topic.

Tha Coimhead Gàidhlig ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. Watch Gaelic is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Video is playing in pop-over.

Na Crumpets aig Griogair

Gaelic Gàidhlig

[Griogair] A-staigh agam fhìn, tha mi a’ dol a dhèanamh rudeigin eagalach math. Dè a b’ urrainn a bhith na b’ fheàrr na crumpet air ùr thighinn far na greideal?

[Griogair] Tha crumpets cho blasta, làn tuill anns an leagh an ìm, agus math cuideachd airson àm sam bith dhen latha. Math le bracaist, math le cupan teatha, ge bith dè tha sibh ag iarraidh. Airson an taois an toiseach, tha agam trì cheud gu leth grama de flùr làidir. Cuiridh mi sin a-steach dhan am bobhla. Agus tha seachd gramaichean na pacaid de bheirm agam an seo cuideachd, a-steach leis.

[Griogair] Tha làn spàin teatha de shalann a’ dol na mheasg agus leth spàin teatha cuideachd de bicarb. Agus tha mi fèir a’ cur a h-uile càil mun cuairt airson mionaid agus còmhla ri sin tha mi a’ dol a chur dà cheud mìleliotair de bhùrn blàth agus trì cheud gu leth mìleliotair de bhoinne blàth cuideachd. Tha mi ga bhualadh gus am bi e na phatraigeadh meadhanach tiugh gun chnapan.

[Griogair] Còmhdachaidh mi seo a-nis le beagan cling film agus fàgaidh mi seo ann an àite blàth airson còrr is uair a thìde gus am faic sinn builgeanan beaga adhair a’ tighinn suas chun a’ mhullach. ‘S dòcha gun cuir mi e ri taobh an stòbh.

[Griogair] Chì sibh, às dèidh fhàgail ann an àite blàth, gu bheil na builgeanan a tha sin air fàs air a’ mhullach. Agus a-nis tha sinn ag iarraidh spàin a chleachdadh agus mix beag a thoirt dha a-rithist. Cluinnidh tu an adhar a tha a-staigh na bhroinn cuideachd. Dòrtaidh mi seo a-steach dhan siuga, bidh e nas fhurasta an uair sin a dhòrtadh air an greideal againn. Nach eil e iongantach mar a dh’fhàsas na builgeanan sin. Tha cearcall meatailt airson crumpets agam agus tha mi dol gan suathadh le beagan ola agus fèir cleachdaidh mi mo chorrag airson seo. Agus tha ceithir agam.

[Griogair] Tha an griodail air a bhith a’ teasachadh airson ùine mhòr agus tha na cearcaill air a’ mhuin air a bhith a’ teasachadh ’s dòcha mionaid no dhà. ’S tha a h-uile càil a-nis teth teth agus deiseil airson nan crumpets. Agus tha sinn ag iarraidh an lìonadh gus am bi cha mhòr centimetre againn de mhixture anns gach fear. Tha mi a’ dol gam bruich airson còig gu seachd mionaidean gus am faic mi tuill a’ tighinn suas chun a’ mhullach. Ged a dh’fheumas tu fuireach uair a thìde airson na taoise, chan eil seo a’ toirt mionaid. Dè chanadh tu? Deich mionaidean agus sin e. Agus feumaidh sibh a bhith gu math faiceallach, tha mise a’ dol a chleachdadh tubhailt agus tha mi a’ dol a thoirt na cearcaill far an stòbh. Tha sibh airson an tionndadh an uair sin, fèir airson mionaid. Chanainn ’s gun robh iad seo deiseil. Tha iad a’ coimhead math. ‘S chì sibh na tuill a-staigh na bhroinn cuideachd far an tèid an ìm gu lèir.

[Griogair] Leanaidh mi orm gus am bi mi air a h-uile greim a chosg, a’ cuimhneachadh barrachd ola a chur air a’ greideal agus air na cearcaill. Bu chòir gum bi sia deug crumpet agam aig a’ cheann thall.

[Griogair] Seo a-nis am pìos as fheàrr mar as àbhaist.

[Griogair] Ò tha iad sin math. Tha iad cho bog. Fad na tìde an rud a nì thu aig an taigh, fada nas fheàrr na càil a cheannaicheas tu. Chan eil sian nas fheàrr na ìm blàth air crumpet a tha fèir air a thighinn bhon greideal.

Gregor’s Crumpets

English Beurla

[Gregor] Inside at mine, I’m going to make something really good. What could be better than a crumpet fresh from the griddle?

[Gregor] Crumpets are so tasty, full of holes where the butter melts, and also good for any time of the day. Good with breakfast, good with a cup of tea, whatever you want. For the dough first, I have 350g of strong flour. I’ll put that into the bowl. And I have 7g in a packet of yeast here too, in it goes.

[Gregor] A full teaspoon of salt is going in and half a teaspoon of bicarb too. And I’m just going to mix everything around for a minute and along with that I’m going to put 200ml of warm water and 350ml of warm milk too. I’m kneading it until it is fairly thick batter without lumps.

[Gregor] I’ll now cover this with a wee bit of cling film and I’ll leave this in a warm place for over an hour and a half until we see wee bubbles of air coming up to the top. Maybe I’ll put it beside the stove.

[Gregor] You can see after leaving it in a warm place that those bubbles have grown on the top. And now we want to use a spoon and give it a wee mix again. You’ll hear the air inside too. I’ll pour this into the jug, it will be easier then to pour it on our griddle. Isn’t it amazing when those bubbles grow. I have metal rings for crumpets and I’m going to wipe them with a bit of oil and I’ll just use my finger for this. And I have four.

[Gregor] The griddle has been heating for a long time and the rings on the top have been heating for maybe a minute or two. And everything is now really hot and ready for the crumpets. And we want to fill them until we have almost a centimetre of mixture in each one. I’m going to cook them for five-seven minutes until I see holes coming up to the top. Although you need to wait an hour and a half for the dough, this doesn’t take a minute. What would you say? Ten minutes and that’s it. And you need to be very careful, I’m going to use a towel and I’m going to take the rings off the stove. You want to turn them then, just for a minute. I would say these were ready. They look good. And you’ll see the holes inside too where all the butter will go.

[Gregor] I’ll carry on until I’ve used every bit, remembering to put more oil on the griddle and on the rings. I should have 16 crumpets at the end.

[Gregor] This is now the best bit, as usual.

[Gregor] Oh they are good. They’re so soft. Always the thing that you make at home, far better than anything you’ll buy. There isn’t anything better than warm butter on a crumpet that has just come from the griddle.

làn

full

tiugh

thick

a’ teasachadh

heating

tubhailt

towel

ola

oil

patraigeadh

batter