menushow menuhide
ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

B2 - Eadar-mheadhanach Adhartach - Coimhead GàidhligB2 - Upper Intermediate - Watch Gaelic

Plana Gàidhlig Oilthigh Obar Dheathain

Gaelic Gàidhlig

[Iain MacAonghais - Preseantair] Nise, tha Oilthigh Obar Dheathain a’ cur romhpa a’ Ghàidhlig a chleachdadh tòrr nas fharsainge air feadh an oilthigh. Ged a tha an cànan air a bhith ga teagaisg ann an sin airson còrr air cheud bliadhna, tha plana aca a-nis airson saoghal ùr anns am bi a’ Ghàidhlig tòrr nas fhollaisiche. Chaidh fhoillseachadh aig sònraichte na Gàidhlig air an deireadh-sheachdain ‘s bha Dòmhnall Moireasdan againne an làthair.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] ‘S iomadh duine a thug foghlam Gàidhlig, no Ceiltis a-mach bho chrùn ainmeil Oilthigh Obar Dheathain tro na bliadhnaichean. Gu dearbha, thòisich iad a’ teagaisg a’ chànan an seo anns an ochdamh linn deug, ach tha cùisean a’ gluasad air adhart.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Bha Gàidhlig gu leòr an seo an Oilthigh Obair Dheathain nuair a bha mise nam oileanach ann bho chionn deich bliadhna fichead, sin ma bha thu a’ dèanamh Gàidhlig, mar a bha mise, ach dhan an Oilthigh anns an fharsaingeachd, cha robh an cànan cho aithnichte agus ‘s e sin a-nise a tha iad airson atharrachadh.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Tha iad a-nise airson a’ Ghàidhlig a dhèanamh nas fhaicsinniche tron an oilthigh. Aig Gàidhlig sònraichte anns an leabharlann ùr, chaidh a’ chiad phlana Gàidhlig oifigeil aca fhoillseachadh. Tha taic aige aig àrd-ìre.

[An t-Oll Brian MacGriogair] Tha Oilthigh Obar Dheathain dhen bheachd gu bheil a’ Ghàidhlig gu math cudromach ann an dualchas na h-Alba agus tha e cudromach gum bi an t-oilthigh a’ cuideachadh ann an oidhirp nàiseanta a bhith cinnteach gum bi a’ Ghàidhlig beothail ‘s an àm ri teachd.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Thèid sanasan a’ champais a dhèanamh dà-chànanach, le tòiseach-tòiseachaidh mu thràth anns an leabharlann ùr-nodha a dh’fhosgail an-uiridh. Ach, thèid cuideachd luchd-obrach is oileanaich ann an diofar roinnean aig a bheil tomhas Gàidhlig, no a th’ airson a h-ionnsachadh, a bhrosnachadh gus a’ cleachdadh nan obair.

[Ashley Powell] Cothroman gus am bi iad comasach ris an rannsachadh a dhèanamh tron Ghàidhlig no ri agallamhan a dhèanamh air an rannsachadh ann an Gàidhlig. Rudan mar sin, tha mi a’ smaoineachadh. Tha sinn a’ toirt Gàidhlig don Oilthigh air fad, tha mi a’ smaoineachadh, a-nis, leis a’ phlana.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Tha dòchas aig an fheadhainn a th’ air cùl a’ phlana gum faodadh, air a’ cheann thall, sinn fiù ‘s cuspairean leithid saidheans fhaicinn dhan teagaisg tro mheadhan na Gàidhlig ann an Obar Dheathain.

[Alasdair MacCoinnich] ‘S docha an-dràsta nach eil feum ann air a shon, ach ‘s docha gun tig an ma thigeas gu leòr iarratas ann airson gum biodh clann ag iarraidh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann am biology aig àrd-ìre, no rudeigin mar sin.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] ‘S e an teachdaireachd a tha an oilthigh airson a chuir a-mach, “Tha a’ Ghàidhlig cudromach anns an àm ri teachd”. Tharraing iad riochdairean bho shaoghal na Gàidhlig a thoirt comhairle air oileanaich.

[Carrie Cockburn] Chan ann tric tha sinn faighinn cothrom mar seo rudan fhaicinn sa Ghàidhlig, so an-diugh, tha sinn air cothroman faighinn a-mach mu obair sa Ghàidhlig, na leabhraichean a tha tighinn a-mach sa Ghàidhlig agus dìreach a’ bruidhinn ri daoine aig a bheil obair sa Ghàidhlig no ceanglaichean ris a’ Ghàidhlig, so tha e air a bhith math airson sin.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Chan eil teagamh nach eil cridhe an oilthigh anns an àite cheart. Leis gach dùbhlain a bhios romhpa, bidh e ri fhaicinn an tèid aca air am miann a choileanadh. Dòmhnall Moireasdan. BBC An Là, Oilthigh Obar Dheathain.

Aberdeen University's Gaelic plan

English Beurla

[Iain MacInnes - Presenter] Now, Aberdeen University has tasked themselves with the aim to use Gaelic in a wider context in the university. Although the language has been taught there for more than two hundred years, they have a plan now for a new world where Gaelic will be a lot more visible. It was published at a special Gaelic day at the weekend and Donald Morrison was there.

[Donald Morrison – Reporter] Many a person has studied Gaelic, or Celtic, under the famous Aberdeen University crown through the years. Certainly, they began to teach the language in the 18th Century, but things are moving ahead.

[Donald Morrison – Reporter] There was plenty Gaelic here in Aberdeen University when I was a student over 30 years ago, that is if you were studying Gaelic, as I was, but at the University in general, the language was not so well known and they want to change this.

[Donald Morrison – Reporter] They now want to make Gaelic more visible in the university. At a special Gaelic day in the new library, the first official Gaelic plan was published today. They have support from a high level.

[Prof Brian MacGregor] Aberdeen University are of the opinion that Gaelic is very important in Scottish heritage and it is important that the university helps the national effort to make sure that Gaelic is alive in the future.

[Donald Morrison – Reporter] Bilingual signs will be seen in the campus, with this already happening in the modern library, which opened last year. But, employees and students in different departments who have some Gaelic, or want to learn it, will come together to use it in their work.

[Ashley Powell] Opportunities so that it is possible to do research in Gaelic, or their interviews on their research in Gaelic. Things like that, I think. We are taking Gaelic to the whole university, I think, now, with the plan.

[Donald Morrison – Reporter] The people behind the plan hope that eventually, we will see subjects, even science, being taught, theough the medium of Gaelic in Aberdeen.

[Alasdair MacKenzie] Maybe just now, there is no need for it, but maybe the day will come, if there is enough demand that children will want education through the medium of Gaelic in higher biology, or something like that.

[Donald Morrison – Reporter] The message that the university wants to send out “Gaelic is important in the future”. They brought in producers from the world of Gaelic to give the students advice.

[Carrie Cockburn] It is not often that we get an opportunity to see things like in Gaelic, so today, we are getting chances to find out about work in Gaelic, the books that that are coming out in Gaelic and just to speak to people who are working in Gaelic, or links with Gaelic, so it’s been good for that.

[Donald Morrison – Reporter] There is no doubt that there heart of the university is in the right place. With the challenge before them, it will be seen if their wish becomes a reality. Donald Morrison. BBC An Là, Aberdeen University.

Show English

ùr-nodha - modern

anns an fharsaingeachd - in general

oidhirp - effort

rannsachadh - research

dà-chànanach - bilingual