ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

B2 - Eadar-mheadhanach Adhartach - Coimhead GàidhligB2 - Upper Intermediate - Watch Gaelic

Taisbeanadh mu chlò Phòrt na Skye

Gaelic Gàidhlig

[Innes Rothach - Preseantair] A’ fuireach san Eilean Sgitheanach. An cuala sibh a-riamh mu chlò Phòrt na Skye? Chan eil e cho cliùiteach ri Clò na Hearadh, ach ‘s iad Hearaich agus Leòdhasaich a thàinig a dh’ fhuireach ann an sgìre Mhinginis dhan Eilean a thug leotha na beartan agus na sgilean airson fhighe. Fad na seachdain-sa, tha taisbeanadh air a bhith ag innse na h-eachdraidh sin. Mar a tha Eilidh NicLeòid ag aithris.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Bha suas air deich air fhichead beart a’ dèanamh clò ann an Minginis aig aon àm. An-diugh, cha mhòr ceud bliadhna on a thàinig luchd-tuineachaidh à Leòdhas agus Na Hearadh. Chan eil gin dhiubh sin air fhàgail.

[Danaidh MacLeòid] Bha beart againne, dhe na beartan mòra, ‘s e beart mhòr a bh’innte. Bha sheòrs’ anns an àite; beart bheag agus beart mhòr. Ach ‘s e beart mhòr a bh’ againne. Agus bhithinn-sa mi fhìn ag obair oirre nuair a bha mi timcheall air ceithir bliadhn’ deug no còig bliadhn’ deug, no mar sin.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Ged a chaidh an clò Sgitheanach a reic ri luchd-tadhail Rìoghail, cha do mhair an gnìomhachas ach mu fhichead bliadhna. An-diugh ged-thà, tha beartan a-rithist rin cluinntinn sa sgìre.

[Jenny Duffill] We realised that there had been a really thriving tweed industry. And we felt that it hadn’t really been recognised and lots of local people didn’t even know that there had been an industry, particularly people who had moved into the area.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Bho thrusadh nan caorach, rùsgadh, càrdadh, snìomh agus fighe, chan e a-mhàin Eachdraidh a’ gnìomhachais a tha ga thaisbeanadh, ach gach ìre ann a bhith ag ullachadh pìos clò.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Tha an ad seo a’ samhlachadh feallsanachd an taisbeanaidh, chaidh a dèanamh gu tur anns an sgìre seo bhon uan gun bheart agus tha dòchas as ùr ann gun gabh barrachd dhaoine ùidh anns na seann sgilean.

[Jenny Duffill] I think I’d like people to appreciate just how much skill there was around. So we felt if we could put something together to tie in the original tweed industry with the renewed interest and give people an opportunity to see what had been going on and also to have a go at spinning and weaving as well.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Tron t-seachdain, bidh, suas ri seachd ceud duine air an taisbeanadh fhaicinn agus cothrom fhaighinn air na cùird. Agus a’ coileanadh amas an fheadhainn air a chùlaibh; gu faigh clò Phort na Skye an aithne air a bheil e airidh.

[Danaidh MacLeòid] Tha an aon rud a tha seo a’ dèanamh, tha e a’ toirt seo thuca ag innse dhaibh gun do thachair seo, ach bidh fhios aca a-nise, an fheadhainn a bhios ann an seo, agus bha tòrr den cloinn timcheall agus bidh fhios aca a-nis bha a’ tachairt o chionn ùine mhòr air ais.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Eilidh NicLeòid, BBC An Là, Minginis.

An exhibition about Port na Skye tweed

English Beurla

[Innes Munro - Presenter] Staying in Skye. Have you ever heard of Port na Skye tweed? It is not as well-known as Harris Tweed, but it people from Harris and Lewis who came to stay in the Minginish area of the island took with them their looms and their skills with them for weaving. All this week, an exhibition will tell of that history. As Eilidh MacLeod reports.

[Eilidh MacLeod – Reporter] There was up to thirty looms making tweed in Minginish at one time. Today, more than 100 years have passed since the setters came from Lewis and Harris. There is not one single one left.

[Danny MacLeod] We had a loom, one of the big looms, it was a big loom. There were two types in the area, a wee loom and a big loom. But we had a big loom. And I would work on it myself when I was about fourteen, or fifteen, or thereabouts.

[Eilidh MacLeod – Reporter] Although the Skye tweed was sold to Royal visitors, the industry only lasted for twenty years. Today, though, looms can again be heard in the area.

[Eilidh MacLeod – Reporter] From rounding up the sheep, shearing, carding, spinning and weaving, it is not only the history of the industry that is being exhibited, but each stage in preparing the tweed.

[Eilidh MacLeod – Reporter] This hat symbolises the philosophy, it was made completely in this area from the lamb to the tweed and there is new hope that more people take an interest in the old skills.

[Eilidh MacLeod – Reporter] Through the week, up to seven hundred people will come to see the exhibition and a chance to see the crafts. And to fulfil the aim of those behind it; for the Port na Skye tweed to get the recognition it deserves.

[Danny MacLeod] The one thing that this does, it tells people that this happened and they will know now, the ones who are here now, and there were lots of children about and they will know now about what happened a long time ago.

[Eilidh MacLeod – Reporter] Eilidh MacLeod, BBC An Là, Minginish.

Show English

Minginis - Minginish

rùsgadh - shearing

càrdadh - carding

snìomh - spinning

fighe - weaving