ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

B2 - Eadar-mheadhanach Adhartach - Coimhead GàidhligB2 - Upper Intermediate - Watch Gaelic

A' comharrachadh an Dàrna Cogadh ann an Inbhir Nis

Gaelic Gàidhlig

[Angela NicIlleathain - Preseantair] Bha cùisean trang aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis cuideachd. Chruinnich cuid de sgoilearan, tidsearan agus pàrantan son an Dàrna Cogadh a chomharrachadh. Rinn iad sin le a bhith a' cur orra aodach bhon linn sin agus a' dannsa ann an stoidhle an ama, am measg eile. Bha Seonaidh MacCoinnich ann.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Chan e seo an seòrsa aodaich a chì thu air clann-sgoile gu h-àbhaisteach. Ach ‘s ann a bha seo mar phàirt de sònraichte ann an Inbhir Nis mu bheatha aig àm an Darna Cogaidh. Am measg eil, bha taisbeanadh ann.

[Christina] Seo na dèideagan Make do and Mend againne a bha sinn a’ dèanamh, National Registration Identity Cards. Tha litrichean bhon Chogadh agus pàipear-naidheachd agus rudan a bh’ air an rationageadh agus tha gas mask an sin agus tha hand-grenade ann.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Agus tha dràma ann.

[Peigi] Tha an dràma againne mu dheidhinn rinn sinn sa Chogadh. ‘S e clann bhon an-diugh a tha ag actadh a-mach daoine bhon Darna Cogadh agus a’ bruidhinn mu dheidhinn.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Ach cho furasta ‘s a bha leithid a dh’aodach fhaighinn?

[Eilidh] Cha robh càil aig duine sam bith is bha e uabhasach doirbh airson tha saighdearan san dràma againne agus cha robh aodach saighdeir aig ach dìreach aon duine is bha còig saighdearan ann.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Agus an àite glag na sgoile, bha siren ann. Ach a bheil fiosrachadh aig clann san latha an-diugh mu eachdraidh nan daoine mu dheireadh?

[Ciorstaidh Nic a’ Bhiocair] Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e fhathast gu math inntinneach airson daoine. Tha sinn air dithis dhaoine a bha anns a’ Chogadh a thoirt a-steach dhan clas. Thadhail iad oirnn, agus bha iad ag innse dhuinn tòrr mu dheidhinn agus tha ùidh mhòr aig a’ chloinn fhathast ann, tha mi a’ smaoineachadh.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] B’ e sin an spòrs a bh’ againne an-diugh aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis airson an Dàrna Cogaidh. Chan eil dad againne a-nis ach teicheadh far an sgoil. Okay, tha a’ dèanamh an tunail?

[Clann] Angus.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] tha a’ coimhead às dèidh nan guards aig an doras?

[Clann] Alice.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Cool. Seonaidh MacCoinnich, BBC An Là, Inbhir Nis.

Commemorating World War II in Inverness

English Beurla

[Angela MacLean - Presenter] Things were busy at Inverness Gaelic school too. Many pupils, teachers and parents gathered to commemorate the Second World War. They did this by wearing clothes from that time and dancing in that era’s style. Amongst others, Seonaidh MacKenzie was there. [Seonaidh MacKenzie – Reporter] This is not the sort of clothes that you would normally see on a school pupil. But this was part of a special day in Inverness about life in the Second War. In the midst was an exhibition. [Christina] These are our Make do and Mend toys that we made, National Registration Identity Cards. There are letters from the war and a newspaper and things that were rationed and there is a gas mask there and a hand grenade. [Seonaidh MacKenzie – Reporter] And there was a drama. [Peggy] Our drama is about what we did in the war. It is children from today who are acting out people from the Second World War and talking about them. [Seonaidh MacKenzie – Reporter] But how easy was it to get suitable clothes? [Eilidh] Nobody had anything and it was awfully hard as there are soldiers in the drama and not even one person had a soldier’s clothes and there were five soldiers. [Seonaidh MacKenzie – Reporter] And instead of the school bell, there was a siren. But do children today have information about the history of the people of the past? [Kirsty MacVicar] I think it is still interesting for people. We have brought in two people who were in the War into the class. They visited us and they told us lots about it and the children still have a big interest in it, I think. [Seonaidh MacKenzie – Reporter] That’s the fun we had today at Inverness Gaelic school for the Second World War day. There is nothing else for it, but to escape from the school. Okay, who is making the tunnel? [Kids] Angus. [Seonaidh MacKenzie – Reporter] Who is looking after the guards at the door? [Kids] Alice. [Seonaidh MacKenzie – Reporter] Cool. Seonaidh MacKenzie, BBC An Là, Inverness.

Show English

Dàrna Cogadh - Second World War

dèideagan - toys

saighdearan - soldiers

teicheadh - escaping

tunail - tunnel